FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Rathaidean Co-shìnteach (2)

Nuair a chaidh Teàrlach Darwin a Ghleann Ruaidh

Audio is playing in pop-over.

Na Rathaidean Co-shìnteach (2)

Nuair a chaidh Teàrlach Darwin a Ghleann Ruaidh ann am Bràigh Loch Abar ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838), bha e air a bheò-ghlacadh leis na rathaidean co-shìnteach. Thuig e, leis gun robh na ‘rathaidean’ uile còmhnard, gun robh iad a’ riochdachadh seann chladaichean a bh’ ann ùine mhòr mhòr air ais.

Ge-tà, bha e dhen bheachd gur e cladaichean mara a bh’ annta. Tha an rathad as ìsle an-diugh aig dà cheud is seasgad meatair os cionn na mara. Bha Darwin dhen bheachd gun robh tìr na h-Alba air èirigh gu mòr bhon a bha tuinn na mara a’ briseadh ann an Gleann Ruaidh. Thachair èirigh mhòr trì tursan oir tha trì cladaichean ann.

Bha Darwin an dùil gum biodh sligean-mara air an lorg an cois nan rathaidean, agus gum biodh sin a’ dearbhadh gun robh e ceart. Sgrìobh e pàipear saidheansail mun chùis. Ach, obh obh, cha do lorg duine slige-mhara sam bith.

Goirid an dèidh sin, bha eòlaiche-chreagan às an Eilbheis ann an Alba. B’ esan Louis Agassiz. Bha Agassiz a’ fuireach ann an dùthaich far an robh eigh-shruthan rim faicinn fhathast. Agus, nuair a thàinig e a dh’Alba, chunnaic e fianais le a shùilean fhèin gun robh eigh-shruthan uaireigin a’ toirt buaidh air creagan is beanntan na tìre seo. Chuir e air adhart an smuain gun robh ceann a tuath na Roinn Eòrpa air fad air a chòmhdachadh le deigh o chionn mìltean de bhliadhnaichean.

Ann an Gleann Ruaidh, thuirt Agassiz nach e seann chladaichean mara a bha sna rathaidean co-shìnteach, ach seann chladaichean air loch-uisge mòr. Seo a-nise an dealbh a th’ aig luchd-saidheans dhen ghnothach: Mu dhusan mìle bliadhna air ais, bha linn deighe ann. Bha eigh-shruth a’ sruthadh bho na beanntan àrda timcheall Beinn Nibheis.

Dh’fhàs an eigh-shruth sin na bu mhotha is na b’ fhaide. Mu dheireadh, chuir e stad air na h-aibhnichean ann an Gleann Ruaidh agus Gleann Spiothain. Bha e mar gun robh dàm ann. Lìon na glinn sin le uisge gus an do ràinig an t-uisge àirde de dhà cheud is seasgad meatair os cionn na mara – no os cionn na mara mar a tha i an-diugh. Bha na tuinn a’ briseadh air a’ chladach sin fad ùine, a’ fàgail a’ chiad ‘rathad’. Tha sin ri fhaicinn an dà chuid ann an Gleann Ruaidh agus Gleann Spiothain.

Dh’fhàs an eigh-shruth na b’ fhaide agus rinn e dàm na b’ àirde ann an Gleann Ruaidh, a’ fàgail dàrna cladach aig àirde trì cheud, fichead ’s a còig meatair. Ann an Gleann Spiothain, bha an t-uisge fhathast a’ falbh don àird an ear agus mar sin cha robh dàrna cladach air a leasachadh ann.

Ach lean fàs na deighe aig beul Ghlinn Ruaidh agus chaidh treas cladach a leasachadh air an loch mhòr an sin, aig trì cheud is caogad meatair. B’ e an sealladh iongantach nuair a leagh an deigh agus a bhris an dàm!

Ann an Gàidhlig, tha mi an dùil gur e ‘rathaidean’ a tha daoine a’ gabhail air na parallel roads an-diugh. Ach air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais, tha am fear ann an Gleann Spiothain air ainmeachadh Casan Ghlinn Spean. Tha am facal casan a’ ciallachadh ‘ceum-coiseachd’. Saoil e an e ‘Casanan Ghlinn Ruaidh’ a bh’ aig na seann daoine air na rathaidean co-shìnteach ainmeil?

Litir 1383 Litir 1383

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!