FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Blàr a’ Mhaoil Ruaidh

Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh àite ann an Alba?

Audio is playing in pop-over.

Blàr a’ Mhaoil Ruaidh

Dè an cath eadar-cinnidheach mu dheireadh a ghabh àite ann an Alba? Tha cuid ag ràdh gun do thachair e ann an sia ceud deug is ochdad (1680) ann an Gallaibh, faisg air Inbhir Ùige. Thug an tachartas sin ainm-àite dhuinn – Allt nam Mèirleach no Altimarlach. Bha a’ chòmhrag eadar Clann na Ceàrdaich Chèis – the Sinclairs of Keiss – à Gallaibh, agus Caimbeulaich à Siorrachd Pheairt. Sgrìobh mi mu dheidhinn Blàr Allt nam Mèirleach ann an Litrichean sia ceud, ceathrad ʼs a sia (646) agus sia ceud, ceathrad ʼs a seachd (647).

Ach a bheil e fìor ri ràdh gum b’ e sin am batail eadar-cinnidheach mu dheireadh? Tha beachd eile ann. Agus chan eil an t-àite far an do thachair e faisg air Gallaibh no Siorrachd Pheairt.

Bha mi ann an Gleann Ruaidh ann am Bràigh Loch Abar as t-fhoghar. Stad mi aig carragh-chuimhne ri taobh an rathaid aig ceann shìos a’ ghlinne. Sgrìobhte oirre, ann am Beurla, tha ‘The Battle of Mulroy 4th August 1688 ... the last inter-clan battle fought in Scotland’. Bha sin ochd bliadhna an dèidh Blàr Allt nam Mèirleach.

Canaidh sinn Blàr a’ Mhaoil Ruaidh ris ann an Gàidhlig. Thachair e air leathad beinne ris an canar Am Maol Ruadh. Bha an t-sabaid eadar Clann ʼic an Tòisich à Bàideanach agus Dòmhnallaich na Ceapaich à Bràigh Loch Abar.

Bha Clann ʼic an Tòisich agus na Dòmhnallaich air a bhith thar a chèile fad ùine mhòr. Anns a’ chòigeamh linn deug, chaidh fearann ann am Bràigh Loch Abar a thoirt do Chloinn ʼic an Tòisich. Ach dhiùlt na Dòmhnallaich a leigeil seachad. Bha gach taobh a’ togail creach air fearann na feadhn’ eile.

Thàinig gnothaichean gu ceann ann an sia ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd (1688). Thug Comhairle Dhìomhair na h-Alba – am Privy Council – cead do cheann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich fearann nan Dòmhnallach a ghabhail le fòirneart.

Bha Mac an Tòisich an dòchas taic fhaighinn bho Chlann ʼic a’ Phearsain agus na Granndaich, ach dhiùlt an dà chinneadh sin a dhol a chogadh an aghaidh Dòmhnallaich na Ceapaich. A dh’aindeoin sin, bha armailt mhòr aig Mac an Tòisich – mu mhìle duine.

Cha robh ach mu leth dheth sin aig Dòmhnallaich na Ceapaich. Ach bha Dòmhnallaich à sgìrean eile air a dhol a Loch Abar airson taic a thoirt do mhuinntir na Ceapaich. B’ iad sin Dòmhnallaich Ghlinne Garaidh agus Clann Iain Abrach à Gleanna Comhann.

Chaidh armailt ʼic an Tòisich gu ruig’ a’ Cheapach fhèin – aig an Drochaid Ruaidh – ach cha robh sgeul air duine ann. Bha na Dòmhnallaich uile air a dhol gu talamh àrd air a’ Mhaol Ruadh. Bha iad ann an suidheachadh fàbharach mar sin, agus rinn iad an gnothach air an nàmhaid. Air sàillibh sin, ghlèidh Dòmhnallaich na Ceapaich am fearann aca ann an Loch Abar.

Ge-tà, tha cuid dhen bheachd nach e blàr uile-gu-lèir eadar-cinnidheach a bh’ ann ann am Blàr a’ Mhaoil Ruaidh, oir air taobh ʼic an Tòisich bha feachd aig Mac Coinnich Shuidhe. Bha iadsan a’ sabaid às leth Riaghaltas na h-Alba mar ‘Feachd Gàidhealach Neo-eisimeileach’. Bha an Riaghaltas an sàs anns a’ chath cuideachd. Agus, cuide ri gu leòr eile, chaill Mac Coinnich a bheatha ann am Blàr a’ Mhaoil Ruaidh.

Litir 1379 Litir 1379

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!