Thàinig leabhar Gàidhlig a-mach às ùr na bu tràithe dhen bhliadhna. ’S e an tiotal a th’ air Bha Siud ann Reimhid agus chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn caogad bliadhna. ’S e Lisa Storey – a bhuineas do Bhatarsaigh – a rinn an leabhar. Tha e na chruinneachadh laghach de sgeulachdan traidiseanta à beul-aithris.
Thàinig mi tarsainn air an leabhar o chionn fhada. Cha robh mòran Gàidhlig agam aig an àm sin. Cha do thuig mi am facal ‘Reimhid’ ann an tiotal an leabhair. Chan eil e ann an Gàidhlig Shiorrachd Rois agus cha robh mi eòlach air. Thug mi sùil ann am faclair Dwelly, agus cha robh reimhid an sin nas motha. Agus, aig an àm sin, cha robh mi eòlach air Gàidhlig nan Eilean mu Dheas far a bheilear a’ cleachdadh an fhacail.
Tha reimhid a’ ciallachadh ‘beforehand’. Tha e stèidhichte air an fhacal roimhe ‘before it’, no mar a chanas cuid reimhe. Bhiodh seanchaidhean a’ tòiseachadh sgeul mu sheann tachartasan le ‘Bha siud ann reimhid’. Ann an dualchainntean eile, math dh’fhaodte gun canadh iad, ‘Uair a bha siud’ no ‘Latha a bha seo’ no ‘Bha uaireigin bodach ann ...’
Bha Lisa Storey ag obair le Sgoil Eòlais na h-Alba nuair a bha i rudeigin òg agus ’s ann on stòras aig an Sgoil Eòlais a tha a’ chuid as motha de na stòiridhean anns an leabhar a’ tighinn. Tha iad ann an Gàidhlig ghlan, ghnàthasach le dealbhan snoga an siud ʼs an seo.
’S e tè de na sgeulachdan anns an leabhar Biorachan Beag agus Biorachan Mòr. Dh’inns mi dreach dhen sgeul fo ainm eile – Morachan is Mionachan – ann an Litrichean dà cheud, naochad ’s a h-ochd (298) gu trì cheud (300).
Tha an sgeulachd a’ dol tro shreath de dh’ainmhidhean is suidheachaidhean mus ruigear an ceann-uidhe. Tha Biorachan Mòr ag iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag gus nach itheadh e cus de na cnòthan. Ach chan e rud sìmplidh a th’ ann slat a lorg! Carson nach leugh sibh an dreach glan dhen sgeul ann an Bha Siud ann Reimhid?
Tha sgeul ainmeil eile anns an leabhar – ’s e sin A’ Ghobhar Ghlas. Tha e mu dheidhinn gobhar a dh’fhàgas a cuid mheann aig an taigh nuair a dh’fhalbhas i don chladach a dh’iarraidh maorach. Fhad ’s a tha i air falbh, tha am madadh-ruadh a’ tighinn. Agus ... uill ... chan inns mi dhuibh dè thachras!
ʼS e an rud a tha feumail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gu bheil dreachan de na sgeulachdan rin cluinntinn air làrach-lìn Thobar an Dualchais. Mar eisimpleir, anns an leabhar, tha dreach dhen sgeulachd thraidiseanta ‘Plocach a’ Ruamhaire agus Corra-Chriostag’.
Tha trì diofar dhreachan dhen sgeul seo ann an Tobar an Dualchais – air an innse le triùir dhiofar sgeulaichean à Uibhist. Agus ciamar a tha an sgeul a’ tòiseachadh anns an leabhar? Tha le seo: ‘Bha siud ann reimhid bodach’.
ʼS e an sgeul mu dheireadh anns an leabhar fear beag goirid ris an canar ‘Coileach agus Sionnach’. Tha e a’ tòiseachadh mar seo: ‘Bha siud ann reimhid coileach spaideil ...’
Tha am madadh-ruadh ag innse don choileach gu bheil iad càirdeach do chèile. Tha an coileach rudeigin gòrach, agus tha e a’ suidhe gu socrach ri taobh a’ mhadaidh. Uill, tuigidh sibh nach robh an coileach glic sin a dhèanamh!