FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gàrradh Bìobaill (1)

Tha àite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh.

Audio is playing in pop-over.

Gàrradh Bìobaill (1)

Tha àite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh. ’S e leas a th’ ann, no gàrradh, agus tha e suidhichte ri taobh na cathair-eaglais anns a’ bhaile. Gu mì-fhortanach, chaidh a’ chathair-eaglais mhòr sin a sgrios o chionn fhada. ’S e tobhta a th’ innte an-diugh.

’S e an rud a tha sònraichte mun ghàrradh sin gu bheil e stèidhichte air a’ Bhìoball. Tha na lusan a tha fàs ann – no mòran dhiubh – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball.

Tha na sgoilearan a th’ air rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo ag innse dhuinn gu bheil còrr is ceud lus – craobhan, preasan, luibhean – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball. ’S dòcha nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chuimhnicheas sinn àite Gàrradh Èdein anns a’ chreideamh. Ann an Genesis Caibideil 2, Rann 15 tha seo: Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an Gàrradh Èidein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.

’S ann ann an Leabhar Ghenesis, a’ chiad leabhar anns a’ Bhìoball, a tha a’ chiad iomradh air gnèithean sònraichte de chraobhan. Gu h-iongantach, ’s e a’ chiad tè a nochdas anns an teacsa a’ chraobh-chrithinn. Tha sin ann an Genesis 2:37. Carson a tha sin annasach dhomh? Uill, dh’èirich beul-aithris am measg nan Gàidheal gur ann bhon chraoibh-chrithinn, no aspen, a thàinig am fiodh às an do rinneadh an crann-ceusaidh air an robh Iosa air a cheusadh. ’S e sin as coireach, chanadh na seann daoine, gu bheil duilleagan is gasan beaga na craoibhe an-còmhnaidh air chrith.

Ge-tà, nuair a choimheadas sinn air an dreach Bheurla dhen dearbh earrainn anns a’ Bhìoball, chan e ‘aspen’ a thathar ag ainmeachadh, ach ‘poplar. Ged a tha an dà chraoibh sin càirdeach do chèile, chan e an aon rud a th’ annta.

Tha a’ chraobh-chrithinn, a’ ciallachadh poplar, a’ nochdadh turas eile anns a’ Bhìoball. Tha sin a-rithist anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Leabhar Hosea, Caibideil 4, Rann 13 nuair a tha an teacsa mu dheidhinn droch chleachdaidhean anns an t-seann aimsir. Seo na tha an teacsa ag ràdh: Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chraobhan daraich agus crithinn agus cuilinn a chionn ’s gu bheil an sgàile taitneach.

Tha sin a’ ciallachadh ann am Beurla ‘On the mountain summits they make sacrifice and upon the hills they burn incense; under oak trees and poplars and holly because the shade is pleasant.’ Ach, anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball a th’ agamsa, chan eil gin dhiubh ag ainmeachadh ‘holly’. Tha iad ag ràdh an dàrna cuid ‘elm’ no ‘terebinth’. ’S e an terebinth craobh a dh’fhàsas anns an Ear-mheadhanach – ann an àiteachan nas blàithe na Alba.

Chì sibh gun robh duilgheadas aig an fheadhainn a rinn an t-eadar-theangachadh dhen Bhìoball – bhon Eabhra agus Seann Ghreugais – nuair a thàinig iad gu aithneachadh nan craobh agus a’ cur ainmean orra a dh’aithnicheadh na Gàidheil. Agus math dh’fhaodte gu bheil an aon rud fìor ann am Beurla.

Mar sin, ged a dh’fhaodamaid craobh-chuilinn a chur ann an Gàrradh Bìobaill ann an Alba – agus gum fàsadh i gu math – cha chreid mi gum fàsadh terebinth ro mhath ann. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air lusan eile a’ nochdas air duilleagan a’ Bhìobaill.

Litir 1364 Litir 1364 Litir 1366 Litir 1366

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!