Tha ceist agam dhuibh co-cheangailte ri poilitigs. Cò am fear – a bhuineadh do shliochd nan Gàidheal – a bha na b’ fhaide na duine sam bith eile mar phrìomhaire ann an dùthaich a bhuineas don Cho-fhlaitheas? Nise, bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi a-mach air Canada. Bhuineadh a’ chiad dà phrìomhaire ann an Canada – an Ridire Iain Dòmhnallach agus Alasdair MacCoinnich – do shliochd nan Gàidheal.
Ach tha mo shùil air dùthaich eile – Sealann Nuadh, New Zealand. Tha e iongantach na bh’ ann de dhaoine a bhuineadh do Shiorrachd Rois a bha ann an àrd-dreuchdan ann an Riaghaltas agus Pàrlamaid Shealainn Nuaidh. Mar eisimpleir, Scobie MacCoinnich à Baile Dhubhthaich agus Ruairidh MacCoinnich às a’ Phloc. Bha Sir Iain MacCoinnich à Àird Rois na Leas-phrìomhaire, agus bha Sir Tòmas MacCoinnich à Inbhir Ghòrdain na Phrìomhaire greis. Bidh sibh a’ mothachadh gum buin iad uile do Chloinn ’ic Coinnich. Sgrìobh mi mu Iain MacCoinnich ann an Litir 483 agus na Litrichean a lean air sin.
Ach cha robh gin de na daoine sin cho cliùmhor ri Pàdraig Friseal – Peter Fraser. Bhuineadh esan do Bhaile an Droma ann an Sgìre Manachainn Rois, faisg air Baile Dhubhthaich. Fear eile à Siorrachd Rois!
’S e a’ Bheurla a th’ air Baile an Droma ‘Hill of Fearn’. Tha muinntir an àite fhathast a’ cuimhneachadh Phàdraig Fhriseil, agus le fìor dheagh rùn. Tha mi airson innse dhuibh mu a bheatha. A rèir aithris, ged a choisinn e a chliù thall ann an Sealann Nuadh, bha riamh gràdh mòr mòr aige air a’ Ghàidhealtachd.
Ged as e ‘Peter’ a bha air ann am Beurla, tha mi an dùil gur e ‘Pàdraig’ a bha a phàrantan a’ gabhail air oir bha e aithnichte mar ‘Pat’ am measg a chàirdean ’s a charaidean. Bha Gàidhlig aig a dhithis phàrantan, ged nach urrainn dhomh a ràdh an robh Gàidhlig aig Pàdraig fhèin. Chuireadh e iongnadh orm mura robh tomhas dhith aige.
Bhuineadh cuideachd a mhàthar do Sgìr’ Raoghaird ann an Cataibh. Bha iad air am fuadachadh às an àite sin. Ghluais seanair Phàdraig gu Manachainn Rois far an robh e ag obair mar shaor. Rugadh màthair Phàdraig – Iseabail – an sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849).
’S ann do sgìre taobh siar Loch Nis a bhuineadh sinnsirean athar. ’S e goibhnean a bh’ annta. Bha seanair Phàdraig – Alasdair – na ghobha ann am Baile Mhuchaidh faisg air Baile an Droma. Rugadh athair Phàdraig – Dòmhnall – ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1845).
Gu h-annasach, math dh’fhaodte, cha do phòs Dòmhnall is Iseabail ann an Alba idir. Bha Dòmhnall ag obair mar ghreusaiche agus rinn e eilthireachd a Chanada. Bha e ann am Manitoba agus an uair sin chaidh e a dh’fhuireach ann am Montreal. Chaidh Iseabail a-null a choinneachadh ris agus phòs iad ann am Montreal.
Shàbhail iad beagan airgid, agus thill iad a dh’Alba. Cheannaich iad taigh, le trì seòmraichean, ann am Baile an Droma far an do thog iad ochdnar cloinne. Lean Dòmhnall air le obair greusaiche. Rugadh Pàdraig ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), an seachdamh leanabh aig Dòmhnall is Iseabail.
Fhuair Pàdraig a chuid foghlaim anns a’ bhun-sgoil ionadail, far an robh e na dheagh sgoilear. Bheir sinn sùil air a bheatha anns an ath Litir.