Bha mi ag innse dhuibh mu Loch na Doireanaich ann an Slèite. Tha an t-ainm a’ tighinn bho Loch Doir’ an Eich. Agus dè an t-each a th’ ann? Tha an t-each-uisge a bha a’ fuireach anns an loch!
A rèir beul-aithris, bhiodh an t-each-uisge a’ nochdadh ann an cruth caillich. ’S e rud annasach a bha sin. Mar bu trice, ’s ann an riochd fear eireachdail a bhitheadh iad air tìr. Co-dhiù, bhiodh a’ chailleach seo a’ falbh a thadhal air na caileagan aig an àirigh ann an Gleann Sàsaig. Bhiodh i gam marbhadh. Ach aon turas, mhair tè dhiubh beò agus dh’inns i do dhaoine mar a thachair.
Chaidh na fir a-mach agus mharbh iad an t-each-uisge. Thiodhlaic iad e. Bha fios fhathast aig daoine tràth anns an fhicheadamh linn far an robh an sloc.
Chuir Loch Doir’ an Eich smuain nam cheann. A bheil lochan eile air a’ Ghàidhealtachd air a bheil ‘Loch an Eich’? Agus am faodadh na h-ainmean sin a bhith ceangailte ri each-uisge a bha beò anns an loch?
Tha deagh adhbhar agam airson a’ cheist sin a chur. Ged a tha sinn eòlach air faclan fillte mar madaidh-allaidh agus madadh-ruadh, ’s iomadh ainm-àite a tha às aonais na dàrna eileamaid – mar Loch a’ Mhadaidh, Cnoc a’ Mhadaidh agus Fèith a’ Mhadaidh. A bheil loch ann air a bheil Loch an Eich, ach a tha a’ ciallachadh Loch an Eich-uisge?
Chan eil mi cinnteach. Tha Loch an Eich ann am Pàirc ann an Leòdhas. Ach chan aithne dhomh sgeul mu dheidhinn each-uisge an sin. Na lochan eile a tha ainmichte airson each – tha eileamaid eile anns an ainm. Loch an Eich Bhàin ann an Ros an Ear, Loch an Eich Dhuibh ann an Ros an Iar agus Loch an Eich Uidhir ann an Asainte. Carson a bha na lochan sin air an ainmeachadh airson each?
Faisg air Loch an Eich Bhàin, tha loch mòr ri taobh an rathaid an A835. Ann am Beurla, canaidh sinn Loch Garve ris. Ann an Gàidhlig, ’s e Loch Maol Fhinn a th’ air. Tha sgeul mu dheidhinn each-uisge ann, agus ’s e sgeul annasach a th’ ann.
Ged a bhiodh an t-each-uisge seo a’ giùlan clann-nighean gu grunnd an locha, cha bhiodh e gam marbhadh. Bhiodh na nigheanan beò an sin agus bha èisg gu leòr aca ri ithe. Ach bhiodh iad fuar. Ged a bha coltas air an each-uisge mar each, bha e fuar-fhuileach, coltach ri iasg. Bha e coma ged a bhiodh an taigh aige, air grunnd an locha, cho fuar ris a’ phuinnsean.
Latha a bha seo, ge-tà, bha aon nighean a’ gul gun sguir. Bha i ag ràdh, ‘Tha mi cho fuar, tha mi cho fuar!’ Chaidh an t-each-uisge gu taigh clachair ann am baile Ghairbh. Thug e air a’ chlachair dhol leis gu grunnd an locha far an do thog e àite-teine agus similear airson a’ chaileag a chumail blàth. Mar dhuais, bhiodh an t-each-uisge a’ toirt èisg dha uair sam bith a dh’iarradh an clachair.
Agus rud annasach eile. Nuair a bha geamhraidhean fuara againn, bhiodh Loch Maol Fhinn a’ reothadh. Ach a-mhàin aon phàirt dheth aig a’ cheann an ear. Carson nach biodh e a’ reothadh an sin? A chionn ’s gur ann an sin a bha similear taigh an eich-uisge!