FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calum agus Màiri (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd mu dheidhinn Màiri agus a bràthair, Calum.

Audio is playing in pop-over.

Calum agus Màiri (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd mu dheidhinn Màiri agus a bràthair, Calum. Bha esan air a dhol am measg muinntir nan ròn. Bhiodh Màiri a’ coinneachadh ris ann an uaimh gu tric.

Chaidh na bliadhnaichean seachad. Cha do phòs Màiri riamh. Bha aon dlùth-charaid aice agus bha esan na mhinistear, fear dom b’ ainm Raibeart. Bha e deich bliadhna na b’ òige na i agus cha robh e fhèin pòsta nas motha. Ach cha robh suirghe ann eatarra. Bha iad dìreach nan deagh charaidean.

Ràinig Màiri aois ceathrad bliadhna. Chaochail a pàrantan. Dh’fhuirich Màiri anns an taigh. Bha i ri croitearachd ach cha robh a cridhe anns an obair. Reic i a h-uile beathach aice. Ghlèidh i aon chat mar pheata.

Bho àm gu àm bhiodh i a’ falbh agus a’ fàgail an taigh falamh. Cha robh fios aig duine cà’ robh i a’ dol. Ràinig i aois seasgad. Bha Raibeart caogad. Bha gaol aige oirre agus bhiodh e a’ cèilidh oirre gu tric.

Chaidh e ann latha a bha seo agus bha Màiri na sìneadh anns an leabaidh. ‘Thig, a Raibeirt,’ thuirt i. ‘Dèan suidhe ri mo thaobh.’ Rinn e suidhe. ‘Dè tha ceàrr?’ dh’fhaighnich e.

‘Ged nach eil mi a’ faireachdainn tinn,’ fhreagair i, ‘cha chreid mi nach eil air fhàgail agam ach ùine ghoirid. An dèan thu rudeigin dhomh?’

‘Nì,’ thuirt Raibeart. ‘Rud sam bith.’

‘Cuir do làmh fo mo chluasaig’. Rinn e sin, agus thug e a-mach leabhar beag dearg. ‘Leugh e,’ thuirt i. ‘Tha mi airson ʼs gun geall thu rudeigin dhomh. Nuair a gheibh mi bàs, bidh mi a’ fàgail a h-uile nì agam don Eaglais – an taigh, m’ fhearann, a h-uile dad airson maith nan seann daoine. Ach an dèan thu aon rud dhomh? An cuir thu clach bheag aig ceann na h-uaghach agam. Clach ann an cumadh cridhe le ceithir faclan oirre – “Gu Calum agus Màiri”.’

Dh’aontaich Raibeart sin a dhèanamh dhi. Dà latha an dèidh sin, chaochail Màiri. Chaidh an taigh is fearann aice a reic. Bha Màiri air a càradh ann an uaigh faisg air uaigh a pàrantan. Agus chuir Raibeart clach ann an cumadh cridhe aig ceann na h-uaghach. Sgrìobhte oirre bha na ceithir faclan – “Gu Calum agus Màiri”.

Leugh Raibeart an leabhar beag dearg iomadach turas. Bha fios aige mun chàirdeas iongantach eadar Màiri agus Calum. Cha tuirt e guth ri duine mu dheidhinn.

Thachair rud iongantach sa chladh. An dèidh làithean de dhroch shìde, nuair a bha an talamh bog fliuch, chunnaic daoine lorgan-coise annasach faisg air uaigh Màiri. Bha tè de na h-òrdagan a dhìth air a’ chois dheis. Cha robh fios aig duine mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Ach bha fios aig a’ mhinistear!

Bha Raibeart fhèin a’ fàs sean. Cha robh e airson a dhol don uaigh gun a bhith ag innse do chuideigin mun leabhar bheag dhearg agus mun chunntas ann mu Mhàiri agus a bràthair. Goirid mus do chaochail e, dh’inns e mu dheidhinn do bhuidheann de mhuinntir an àite. Nam measg, bha seanmhair Aonghais MhicNèill. Mus do chaochail ise, dh’inns i do dh’Aonghas carson a bha a’ chlach annasach sin, ann an cumadh cridhe, ann an cladh a’ bhaile.

Litir 1317 Litir 1317 Litir 1319 Litir 1319

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!