Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. Chaidh a thogail o chionn còrr is seachd ceud bliadhna, ach tha e na thobhta a-nise.
Thathar a’ smaoineachadh gu bheil Loch nan Doirb a’ ciallachadh ‘the loch of the minnows’. ’S e an t-allt a ruitheas a-mach às an loch an Dorback Burn. Tha mi an dùil gur e sin Allt nan Doirbeag ann an Gàidhlig. Agus tha doirbeag a’ ciallachadh ‘minnow, tadpole or any very small fish’.
Thug mi sùil air a’ mhapa mus do thòisich mi air mo thuras. Air tìr-mòr, air taobh an iar an locha, tha ainm-àite air leth inntinneach – Achadh na Deanntaige ‘the field of the nettle’. Math dh’fhaodte gur e sin àite far am biodh daoine a’ cruinneachadh nan deanntag anns an t-seann aimsir.
Bu chòir dhomh a bhith mothachail dha sin air an latha, ach cha robh. Chaidh mi a-null don eilean ann an geòla rubair. Chuir mi briogais ghoirid orm agus brògan spòrs gun stocainnean oir bha mo chasan gu bhith bog fliuch. Ach, nuair a ràinig mi an t-eilean, dè bha romham ach an t-uabhas de dheanntagan! Ged a bha copagan agus slàn-lusan ann cuideachd – a chuireas bìdeadh deanntaig am feabhas – bha pàirtean dhen eilean far nach robh comas agam coiseachd.
Tha an caisteal iongantach. Tha na ballachan tiugh agus àrd. Tha pàirtean mòra dhiubh a’ seasamh gu math fhathast. Tha iad aig oir an eilein, os cionn a’ chladaich. Anns a’ mheadhan, eadar na ballachan, tha mar gum biodh achadh, làn feòir. Tha e mu acaire ann am meud. Sin far an robh uaireigin togalaichean eile – togalaichean fiodha, tha mi an dùil – a bh’ air an dìon bhon taobh a-muigh leis na ballachan – agus le uisge an locha. Nuair a chaidh an caisteal a thogail, cha robh gunnaichean aig daoine ann an Alba. Bha iad a’ sabaid le bogha is saighead, claidheamh is sleagh.
’S ann leis na Cuimeanaich – the Comyns – a bha Loch nan Doirb. ’S e cinneadh inntinneach a th’ annta. Thathar ag ràdh gur ann à faisg air Lille anns an Fhraing a thàinig iad bho thùs. Bha sinnsear aca cuide ri Uilleam, Diùc Normandaidh, a rinn a’ chùis air na Sasannaich aig Blàr Hastings. Bha iad buadhach is comasach, agus fhuair iad fearann ann an Alba.
B’ e Bhaltair Cuimeanach, aig an robh caisteal ann an Ruadhainn – faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich – Tighearna Bhàideanach. Chaochail e ann an dà cheud deug, caogad ’s a h-ochd (1258). Bha daoine air feadh Alba eòlach air Bhaltair agus a dhroch chliù. Dh’inns mi dhuibh mun mhallachd Dìol Bhaltair an Gàdhaig ort! ann an Litir 1018.
Anns an treas linn deug, bha na Cuimeanaich am measg nan teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba. Nuair a chaochail Rìgh Alasdair III, a’ fàgail Alba gun mhonarc, bha Iain Cuimeanach am measg an t-sianair a bha a’ riaghladh na dùthcha gus an tigeadh Mairead, Òigh Nirribhidh, gu ìre. Ged a bha e Normanach air aon taobh, bha a shinnsireachd air an taobh eile a’ dol air ais gu Dòmhnall Bàn, an Rìgh Gàidhealach mu dheireadh againn. Bidh tuilleadh agam mu na Cuimeanaich agus Loch nan Doirb an-ath-sheachdain.