Dè a’ Ghàidhlig a th’ air The Stone of Destiny? Tha mi cinnteach gun tuig sibh dè tha mi a’ ciallachadh. A’ chlach air an robh rìghrean – Albannach, Sasannach agus Breatannach – air an crùnadh thar nan linntean. Tha i a-nise ann an Taigh-tasgaidh Pheairt.
Tha ceithir diofar ainmean air a’ chloich, a rèir an Fhaclair Bhig. Lia Fàil – ainm àrsaidh a tha cuideachd air clach ann an Èirinn. Clach-chrùnaidh na h-Alba ‘the coronation stone of Scotland’. Clach na Cinneamhain ‘the stone of destiny’. Agus Clach Sgàin ‘stone of Scone’. Tha i co-cheangailte ri Sgàin, faisg air Peairt, oir ʼs ann an sin a bhite a’ crùnadh rìghrean na h-Alba anns an t-seann aimsir.
Tha mi air a’ Chlach fhaicinn dà thuras nam bheatha. Tha bliadhnaichean mòra agus astar fada eatarra. An toiseach, chunnaic mi i ann an Abaid Westminster ann an Lunnainn. Bha i leth fhalaichte fo chathair-chrùnaidh Bhreatainn. Bha sin anns na seasgadan dhen linn a dh’fhalbh. Bha mi nam ghille beag.
An dàrna turas a chunnaic mi i, ʼs ann am-bliadhna a bha e. Bha mi ann an Siorrachd Pheairt agus chaidh mi a bhaile Pheairt a dh’aona-ghnothach airson a’ chlach fhaicinn. Rinneadh obair leasachaidh mhòr air an taigh-tasgaidh. Dh’fhosgail e o chionn beagan mhìosan. Tha an togalach gu math spaideil. Agus ann am meadhan an taigh-tasgaidh, tha seòmar sònraichte anns a bheil a’ Chlach. Tha i ann an suidheachadh tèarainte.
Feumar tiogaid fhaighinn airson a faicinn, agus leigidh iad le daoine dhol a-steach dìreach airson deich mionaidean. Tha iad a’ sealltainn bhidio agus a’ dèanamh aithris air crùnadh nan seann rìghrean ann an Sgàin agus beagan mu eachdraidh na cloiche.
Tha e iongantach cho cudromach ʼs a tha ìomhaighean do shluagh, nach eil? Chan eil anns a’ chloich ach pìos de chlach-ghainmhich nach eil uabhasach dreachmhor. Ach ʼs e na tha i a’ riochdachadh a tha ga dèanamh cho luachmhor. Nàiseanachas. Dìleab. Fèin-aithne.
Bha a’ chlach air a goid bho Sgàin le Eideard I, Rìgh Shasainn, ann an dà cheud deug, naochad ʼs a sia (1296). Bha Eideard cumhachdach. Bha e na nàmhaid mhòr do dh’Alba. Bha a’ chlach air a toirt a dh’Abaid Westminster. Mar a thachair le rìghrean na h-Alba roimhe, bha rìghrean Shasainn air an crùnadh oirre. Bha i ann an Sasainn airson seachd ceud bliadhna mus robh i air a gluasad air ais a dh’Alba, an toiseach a Chaisteal Dhùn Èideann.
Cha b’ e sin a’ chiad turas a dh’aontaich na Sasannaich a’ chlach a thilleadh a dh’Alba. Ann an còrdadh co-cheangailte ri Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton, a thug aithne do dh’Alba mar rìoghachd neo-eisimeileach, dh’aontaich Rìgh Eideard III a’ chlach a thoirt air ais. Bha sin ann an trì cheud deug, fichead ʼs a h-ochd (1328).
Carson nach robh a’ chlach air a tilleadh an uair sin, ma-thà? A chionn ʼs gun do chuir gràisg ann an Lunnainn stad oirre. Bha Eideard lag mar Rìgh. Bha gu leòr ann an Sasainn mì-thoilichte mun chùmhnant. Agus dh’fhuirich a’ chlach far an robh i.