FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ramsay Dòmhnallach

Anns an Litir an t-seachdain sa chaidh, dh’ainmich mi Ramsay

Audio is playing in pop-over.

Ramsay Dòmhnallach

Anns an Litir an t-seachdain sa chaidh, dh’ainmich mi Ramsay Dòmhnallach, no Seumas Ramsay Dòmhnallach, airson ainm slàn a thoirt dha. Bha e na Phrìomhaire ann an trì riaghaltasan eadar-dhealaichte – an riaghaltas Làbarach ann an naoi ceud deug, fichead ’s a trì gu fichead ’s a ceithir (1923-4) agus am fear Làbarach sia bliadhna às dèidh sin, agus cuideachd anns an riaghaltas nàiseanta eadar naoi ceud deug, trithead ’s a h-aon agus trithead ’s a còig (1931-5).

Tha a’ chuid as mò de na leabhraichean eachdraidh ag innse dhuinn gu robh e na mhac dìolain aig Màiri Ramsay a bha ag obair ann am muinntireas ann an Inbhir Lòsaidh, agus gur e an t-ainm a bh’ air aig àm a bhreith – Seumas Dòmhnallach Ramsay, ged a chaidh sin atharrachadh mus deach e don sgoil. Tha iad cuideachd ag innse dhuinn gum b’ e athair fear Iain Dòmhnallach, a bhuineadh don Eilean Dubh, agus a bha ag obair mar sgalag. Tuigidh sibh nach ann beartach a bha Ramsay nuair a bha e òg.

Co-dhiù, ’s e sin a tha na leabhraichean a’ cumail a-mach. Ach thàinig e am follais o chionn ghoirid gu bheil beachd eile ann mun chùis, fada gu siar air an Eilean Dubh, am measg nan Gàidheal ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha feadhainn ann a sin dhen bheachd gun do rugadh Iain Dòmhnallach, athair Ramsay, ann an Tòcabhaig, baile beag bìodach ann an Slèite ann am fìor cheann a deas an eilein. Cha robh e na sgalaig, tha iad ag ràdh, ach na chlachair le sinnsireachd a chaidh air ais gu Sgrios Ghlinn Chomhainn aig deireadh an t-seachdamh linn deug.

A rèir beul-aithris, bha triùir bhràithrean ann a theich às Gleann Comhainn às dèidh an sgriosa. B’ iad Dòmhnall, a chaidh a dh’fhuireach anns a’ Ghearasdan, Iain a chaidh a dh’Uibhist agus Pòl a fhuair àite-fuirich anns an Eilean Sgitheanach. Bha Iain Dòmhnallach, athair Ramsay, am measg sliochd Phòil. Agus chaill e leth-bhràthair, mac eile aig Iain Dòmhnallach, a chaidh a bhàthadh ann an allt anns an Eilean Sgitheanach, agus e na phàiste.

Co-dhiù tha an eachdraidh fìor gus nach eil, tha e coltach nach do dh’aidich Ramsay Dòmhnallach a-riamh gu poblach gu robh ceangal sam bith aige don Eilean Sgitheanach. ’S dòcha nach robh fios aige. Tha e coltach gu robh athair agus a mhàthair ag iarraidh pòsadh, ach nach d’ fhuair iad cead bho sheanmhair, màthair a mhàthar.

’S ann tro iomadh car a chaidh beatha phoilitigeach Ramsay. Bha e mar phàirt dhen Phàrtaidh Làbarach nuair a chaidh a chur air chois agus às dèidh còig bliadhna, lean e air Keir Hardie mar cheannard. B’ fheudar dha a dhreuchd a leigeil dheth, ge-tà, aig toiseach a’ Chogaidh Mhòir, oir bha e dhen bheachd nach robh còir aig Breatainn a bhith an sàs anns a’ chogadh. Chaidh ochd bliadhna seachad mus d’ fhuair e air ais mar cheannard, agus chaidh bliadhna eile seachad mus d’ fhuair e gu Sràid Downing.

Chuala mi naidheachd mu Ramsay Dòmhnallach o chionn ghoirid ann an Srath Spè. Bha e fhèin agus a bhean air a bhith a’ coiseachd nam beann là a bha seo agus chaidh iad gu doras taigh-òsta. Bha e na Phrìomhaire aig an àm. Bha iad a’ coimhead rudeigin robach às dèidh là anns a’ mhonadh, agus thuirt bean an taighe ri Ramsay, gun fhios aice cò bh’ ann, nach fhaodadh e tighinn a-steach, oir bha an t-àite dìreach airson “toffs”!’ Tha fhios gu robh e air fàilte na bu chridheile na sin fhaighinn am measg nan croitearan ann an Tòcabhaig!

Litir 120 Litir 120 Litir 122 Litir 122

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!