FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A' Chaora sa Chreathail

Tha mi airson innse dhuibh mu rann annasach. Tha mi a’ ciallachadh le sin òran beag – tàladh – anns a bheil ceithir loidhnichean.

Audio is playing in pop-over.

A' Chaora sa Chreathail

Tha mi airson innse dhuibh mu rann annasach. Tha mi a’ ciallachadh le sin òran beag – tàladh – anns a bheil ceithir loidhnichean. Sheinn boireannach e. Bha i ri taobh creathail anns an taigh aice fhèin. Bha i, a rèir choltais, a’ gabhail an òrain airson leanabh anns a’ chreathail. Ach an robh leanabh sa chreathail?

Seo agaibh an rann: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh; Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan; Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath; ʼS tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna.

A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan – your relations are plentiful in the low country of the glens. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil cuid de chàirdean ‘an leanaibh’ ann an Cinn Tìre fìor mhath air a’ phìob-mhòir. Tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna. Uill, tha sin a’ ciallachadh gu bheil feadhainn eile de chàirdean an leanaibh air bòrd-bìdh ann an taigh-seinnse.

Tha mi an dùil gu bheil sibh a’ tuigsinn a-nise nach e leanabh a bha sa chreathail ach caora – no closach caorach – a bha am falach.

Seo mar a thachair e. Bha cìobair a’ fuireach faisg air Tairbeart Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal. Bha feadhainn a’ gabhail amharas air gun robh e ri mèirle chaorach. Agus bha! Aig a’ cheann thall, chaidh oifigearan don taigh aige airson fianais na aghaidh a lorg. Cha robh e fhèin a-staigh. Ach bha a bhean a-staigh. Chuir ise fàilte air na h-oifigearan agus gheall i dhaibh gun toireadh i a h-uile taic dhaibh a bha a dhìth.

Ach feumaidh gun robh fios aice gun robh iad a’ tighinn. Bha closach caorach aice a-staigh. Chuir i anns a’ chreathail e, agus chòmhdaich i e le plaideachan.

Fhad ʼs a bha na fir a’ sporghail anns an taigh, shuidh am boireannach sìos ri taobh a’ chreathail agus ghabh i tàladh airson an ‘leanabh’ a chumail socair, sàmhach. Tha mi a’ dèanamh dheth nach robh Gàidhlig aig na h-oifigearan.

Agus seo an t-òran a ghabh i: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh ... Nam biodh Gàidhlig air a bhith aig na h-oifigearan, ʼs dòcha gun robh iad air tuigsinn gun robh am boireannach gam mealladh. Ach fhuair i às leis a’ mhealladh.

Nise, airson an t-òran a mhìneachadh ceart ... seo e a-rithist: Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan. Tuigidh sibh gur ann sna gleannan a bhios a’ chuid mhòr de na caoraich. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Bha feadhainn air an dèanamh nam màlan pìoba-mòire – bags for bagpipes. Tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna. Sin far an do landaig an fheòil-chaorach fhèin. Bha na closaichean air an reic, agus landaig iad air truinnsearan ann an taigh-seinnse anns an Òban – pìos air falbh bhon àite-fuirich aig a’ chìobair agus a bhean.

Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil an sgeul sin fìor. Tha amharas agam nach eil ann ach naidheachd bhreugach!

Litir 1168 Litir 1168 Litir 1170 Litir 1170

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!