Anns na Litrichean mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. Thug mi iomradh cuideachd air na Peutanaich no Clann ʼic Bheatha a bha ainmeil mar lighichean Gàidhealach fad ceudan bhliadhnaichean. Tha sgeulachdan mu na Peutanaich ann am beul-aithris ach ʼs e fìor dhaoine a bha annta. Dè mu Fhearchar Lighiche, ge-tà? An ann do bheul-aithris a-mhàin a bhuineadh esan?
Thug Màiri Beith nach maireann sùil air an eachdraidh. Bha Màiri cuideachd mion-eòlach air gnàthasan-leighis nan Gàidheal, agus sgrìobh i an leabhar sgoinneil ‘Healing Threads’. Fhuair i a-mach gun robh caractar dha-rìribh ann a bhiomaid ag aithneachadh mar Fhearchar Lighiche.
Tha cairt-rìoghail aig Rìgh Raibeart II, a chaidh fhoillseachadh ann an trì cheud deug, seachdad ʼs a naoi (1379). Tha i a’ toirt seachad fearann ann an Taobh Mhealanais agus Hòb ann an Dùthaich MhicAoidh dha ‘Ffercado medico nostro’.
Seachd bliadhna an dèidh sin, tha cairt eile a’ toirt seachad grunn eileanan eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus Armadal air a’ chosta mu thuath. Agus cò fhuair am fearann? Fhuair ‘our esteemed and faithful leech Fearchar’. Tha leech a’ ciallachadh ‘lighiche’.
Tha e soilleir gu bheil am Fearchar ann am beul-aithris stèidhichte air fear a bha beò anns a’ cheathramh linn deug. Agus bha e ann an seirbheis an Rìgh fad ùine oir fhuair e am fearann ‘for his service done and to be done to us’. Tha e a’ coimhead coltach gu bheil an Rìgh le cas ghoirt anns an sgeulachd a’ riochdachadh Rìgh Raibeart II.
Ann am beul-aithris, bha na h-eileanan a fhuair Fearchar eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus an Rubha Dearg ann an Arcaibh. Math dh’fhaodte gu bheil Arcaibh mearachdach, ge-tà, agus nach deach am fearann a fhuair Fearchar ann an dha-rìribh na b’ fhaide sear na Rubha an t-Srathaidh air a’ chosta mu thuath.
Tha Màiri Beith ag innse dhuinn mu litir le Seumas Loch, bàillidh droch-chliùiteach aig Morair Chat anns an naoidheamh linn deug. Tha Loch ag aithris mun fhearann a thug Rìgh Raibeart gu ‘Farquhar his Physician’. Ann an còig ceud deug ʼs a h-aon-deug (1511) fhuair Clann ʼic Aoidh na seann oighreachdan bho fhear, Dòmhnall Mac Dhonnchaidh à Taobh Mhealanais. Bhathar ag aithris gun robh Dòmhnall am measg sliochd Fhearchair Lighiche.
Tha an Seann Chunntas Staitistigeach a’ cur ris an sgeul. Bha ‘Ferchard’ na lighiche ainmeil a bh’ air leigheas a thoirt do dh’fhear de rìghrean Stiùbhartach na h-Alba. Fhuair Fearchar sealbh air na h-eileanan beaga eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus Stròma faisg air Taigh ʼan Ghròt.
Tha an cunntas seo cuideachd ag innse dhuinn mar a fhuair Fearchar fearann air tìr-mòr. Bha e na lighiche do na h-uachdarain, Clann ʼic Aoidh Fàrr. Rinn iadsan suaip le Fearchar. Thug iad fearann dha air tìr-mòr, agus ghabh iad fhèin smachd air na h-eileanan.
A bheil cuimhne agaibh, anns an Litir mu dheireadh, gun robh mi a’ dèanamh coimeas eadar sgeulachd Fhearchair agus an nathair gheal agus Clann ʼic Bheatha – na Peutanaich, lighichean ainmeil ann an Ìle? Uill, tha an Seann Chunntas Staitistigeach ag innse dhuinn gum b’ e an cinneadh aig Fearchar – Peutan – agus gum buineadh e a dh’Ìle!