Feumaidh sinn mar Ghàidheil a bhith faiceallach nach caill sinn ar dualchas a thaobh ainmean-àite. Tha àite ainmeil ann an Eilean Rònaigh – no Ròna – tuath air Ratharsair. ʼS e uamh a th’ anns an àite a tha fon phrosbaig agam. Chì sibh agus cluinnidh sibh anns a h-uile àite ainm Beurla oirre – Church Cave. Tha an t-ainm sin oirre oir bha i air a cur gu feum mar eaglais aig àm nuair nach robh eaglais thogte anns an eilean.
Tha fhios gur e a’ Ghàidhlig a bh’ aig muinntir Rònaigh mar chainnt nuair a bha sluagh a’ fuireach ann. Mar sin, an e eadar-theangachadh a th’ anns an ainm dhen Ghàidhlig – Uamh na h-Eaglaise? Uill, chan e. Tha seann ainm Gàidhlig air an uaimh a tha a’ dol air ais don linn mus robh i air a cleachdadh mar eaglais. Thig sinn gu sin an-ceartuair.
Chunnaic mi an uamh an toiseach bhon mhuir air latha ciùin. Tha i mu choinneimh na mara air costa sear an eilein, pìos os cionn a’ chladaich. Tha i gu math mòr agus follaiseach, agus tha craobh chaorainn a’ fàs aig a beul. Chuir mi romham tadhal oirre nuair a bha mi anns an eilean.
Seachdain no dhà an dèidh sin, fhuair mi an cothrom. Chan eil an uamh uabhasach fada bhon Acarsaid Mhòir far am bi luchd-turais a’ dol ann am bàtaichean. Às an acarsaid, tha ceum a tha a’ dol don uaimh. Feumaidh tu a bhith fut airson a dhol ann oir tha an t-slighe garbh agus cas.
Agus abair àite! Tha an uamh domhainn agus leathann. Dh’fhaodadh fìor dhroch shìde a bhith ann agus bhiodh an coitheanal tioram, co-dhiù fhad ʼs a bha iad am broinn na h-uamha.
Tha sia sreathan ann de leacan far am biodh na daoine nan suidhe ag èisteachd ri searmon. Bhiodh am ministear aig beul na h-uamha. A rèir aithris, bha colbh-cloiche ann a bha mar chùbaid. Cha chreid mi gu bheil sgeul air sin an-diugh. Ach bha amar-baistidh ann cuideachd, agus tha sin ann fhathast.
Chan eil fhios cia mheud duine a gheibheadh a-steach innte – ach chanainn eadar seasgad agus ceud. Bhiodh e iongantach a bhith ag èisteachd ri ministear le guth mòr a’ searmonachadh innte!
Bha an uamh na h-eaglais nuair a bha sluagh mòr a’ fuireach ann an Rònaigh – a’ chuid a bu mhotha aca mu mhìle air falbh ann am baile faisg air an Acarsaid Thioraim. Ach bha i aithnichte do mhuinntir na sgìre fada roimhe sin. Agus ʼs e an t-ainm Gàidhlig a th’ oirre Uamh an Fhuamhaire – no Uamha an Fhuamhaire mar a tha i sgrìobhte.
Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the giant’s cave’. Cò am fuamhaire a bha a’ fuireach ann? Chan eil fhios a’m. Ma tha sibh fhèin eòlach air seann dualchas na h-uamha, no stòiridh mu fhuamhaire – no famhair – ann an Rònaigh, bhithinn toilichte cluinntinn bhuaibh.
Agus cò th’ againn mar ùghdarras airson an ainm Ghàidhlig? Uill, cò ach am bàrd cliùiteach, Somhairle MacGill-Eain – a bhuineadh do Ratharsair – an t-eilean gu deas air Rònaigh. Thug esan iomradh air an uaimh ann am fear de na dàin aige. Bheir sinn sùil air sin agus air beagan de dh’eachdraidh Rònaigh anns an ath Litir.