FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Niall Gobha

Thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, tha ìomhaighean – gu h-àraidh ìomhaighean-umha – air a bhith rudeigin connspaideach ann am Breatainn.

Audio is playing in pop-over.

Niall Gobha

Thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, tha ìomhaighean – gu h-àraidh ìomhaighean-umha – air a bhith rudeigin connspaideach ann am Breatainn. Tha cuid de dhaoine air a bhith a’ taisbeanadh an cuid feirg gun robh ìomhaighean ann de dhaoine – fir – a bha an sàs ann an tràilleachd, mar eisimpleir. Chaidh tè no dhà de na h-ìomhaighean a thoirt sìos no eadhon a sgrios.

Aig an aon àm ʼs a bha sin a’ tachairt, tha fhios gun robh ìomhaighean ùra a’ dol an-àirde. Ach ʼs dòcha nach cuala sinn cus mun deidhinn. Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu aonan dhiubh – ìomhaigh a chaidh suas o chionn beagan mhìosan ann am baile beag ann an Siorrachd Pheairt.

ʼS e ìomhaigh tharraingeach a th’ innte. Tha i mar chuimhneachan air Albannach a bhuineadh don ochdamh linn deug. Bha e ainmeil mar neach-ciùil. Fhad ʼs as aithne dhomh, cha robh ceangal sam bith aige do thràilleachd no do ghnothaichean an-iochdmhor.

A bheil fios agaibh cò tha mi a’ ciallachadh? Bhuineadh e do Shiorrachd Pheairt agus ʼs e fìdhlear air leth a bh’ ann. ʼS e an t-ainm a bh’ air Niall Gobha.

Rugadh Niall ann an Srath Bhreamhainn, siar air Dùn Chailleann anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, fichead ʼs a seachd (1727). Far a bheil Uisge Bhreamhainn a’ ruigsinn Uisge Tatha, tha baile beag ann air a bheil An t-Inbhir. No Inver ann am Beurla. Ghluais teaghlach Nèill gu ruige am baile sin nuair a bha Niall òg.

Bha Niall fìor mhath mar neach-ciùil on a bha e òg. Ged a bha e ag obair mar bhreabadair airson greis, bha na sgilean ciùil aige cho math ʼs gun robh comas aige tro thìde a bheairt a chur an dàrna taobh. Bha e an uair sin ag obair làn-thìde mar neach-ciùil.

Bha Niall a’ faighinn cùl-taic bho phrìomh uachdaran na sgìre, Diùc Athall. Air sgàth sin, bhiodh e a’ faighinn chuiridhean cluich airson nan uaislean aig bàlaichean is dannsaidhean. Bhathar a’ dèanamh dheth nach robh fìdhlear cho math ris ann an Siorrachd Pheairt. Agus bha an t-siorrachd sin ainmeil airson cho math ʼs a bha a fìdhlearan.

Dh’fhàs e ainmeil air feadh Alba. Nuair a bha am bàrd Raibeart Burns ann an Siorrachd Pheairt, chaidh e a chèilidh air Niall. Chan e a-mhàin gun robh Niall math air seinn na fìdhle ach gun robh e fìor mhath air puirt ùra a sgrìobhadh. A rèir aithris, sgrìobh e faisg air naochad port, ged a tha amharas ann gun do dh’ionnsaich e cuibhreann dhiubh sin bho dhaoine eile. Tha feadhainn ainmeil chun an latha an-diugh – mar eisimpleir Farewell to Whisky, The Duke of Gordon’s Favourite agus Miss Drummond of Perth.

Phòs Niall dà thuras oir chaochail a chiad bhean. Bha ochdnar cloinne aige agus bha an dàrna mac aige – Nathaniel – cuideachd air leth ainmeil mar neach-ciùil.

Bha cuimhne aig daoine air àiteachan far am biodh Niall ri fìdhlearachd – gu h-àraidh seann chraobh-dharaich ri taobh na h-aibhne. Ach cha robh riamh ìomhaigh ann dhen duine fhèin ann an Dùn Chailleann no àite sam bith eile.

Thòisich fèill-fhìdhle bhliadhnail Nèill Ghobha beagan bhliadhnaichean air ais ann an Dùn Chailleann. Chuir muinntir na fèille airgead ri chèile agus chaidh ìomhaigh dhen duine a dhèanamh ann an umha leis an dealbhadair, Daibhidh Annand. Tha i ann am pàirc faisg air an àite far an do chuir Niall Gobha seachad a bheatha.

Litir 1147 Litir 1147 Litir 1149 Litir 1149

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!