FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Seanailear Wade (1)

Bidh mòran agaibh eòlach air na rathaidean a thog an Seanailear Wade air a’ Ghàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

An Seanailear Wade (1)

Bidh mòran agaibh eòlach air na rathaidean a thog an Seanailear Wade air a’ Ghàidhealtachd. ʼS ann tric a bha mi fhìn a’ coiseachd air pìosan dhiubh nach deach a leasachadh mar rathaidean do charbadan. Ach an robh Wade na churaidh no na thrustar? Fàgaidh mi sin agaibh fhèin!

ʼS iongantach mura cuala sibh an rann beag:

If you’d seen this road before it was made,

You’d lift up your hands and bless General Wade.

Uill, ʼs dòcha! Ach, ge brìth dè ur beachd air Wade, dh’atharraich e a’ Ghàidhealtachd, le bhith a’ togail rathaidean airm far nach robh dad dhen t-seòrsa ann roimhe. Ach cò bh’ ann an Seòras Wade? Tha mi airson rud beag innse dhuibh mu dheidhinn.

Bhuineadh e do shliochd nan Sasannach ann an Èirinn. Rugadh e ann an Contae na h-Iarmhí ann am meadhan na h-Èireann. Nuair a bha e mu sheachd bliadhn’ deug a dh’aois, fhuair e coimisean ann an Rèisimeid Iarla Bhath ann an Arm Shasainn. Anns an deichead mu dheireadh dhen t-seachdamh linn deug, ghabh e pàirt ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna. An uair sin, bha e an sàs ann an Cogadh Co-arbas na Spàinnte.

Dh’èirich e tro na rangan, agus chùm e a dol mar shaighdear an dèidh an aonaidh eadar Sasainn agus Alba. Ghabh e dreuchd mar Mhàidsear-Seanailear agus, ann an seachd ceud deug ʼs ceithir-deug (1714) fhuair e àrdachadh gu commandair an airm Bhreatannaich ann an Èirinn.

Cha b’ fhada gus an robh e air ais ann am Breatainn oir dh’èirich na Seumasaich an aghaidh an riaghaltais ann an seachd ceud deug ʼs còig-deug (1715). Cha robh Wade air a chur a dh’Alba, ge-tà. Bha e ag obair an aghaidh nan Seumasach ann an Sasainn. Goirid an dèidh sin, chaidh e an sàs ann am poilitigs mar bhall-pàrlamaid.

ʼS ann ann an seachd ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1724) a chaidh Seòras a chur a dh’Alba airson an dùthaich a mheas. Bha an riaghaltas ann an Lunnainn a’ gabhail dragh mu na Seumasaich air a’ Ghàidhealtachd agus mar a bha e duilich smachd a chumail orra. Mhol Wade prògram togail a chur air chois – airson gearastanan, drochaidean agus rathaidean a dhèanamh. Fhuair e dreuchd ùr – Àrd-chomanndair de dh’Fheachdan an Rìgh, Chaistealan, Dhùn agus Ghearastanan ann an Ceann a Tuath Bhreatainn.

Thairis air dusan bliadhna, thog Wade dà cheud is ceathrad mìle de rathaidean agus trithead drochaid. Bha cuid de na drochaidean air an togail leis an aon phlana. Bhiodh iad air an togail le fiodh an toiseach. Nuair a bhiodh an drochaid deiseil agus a’ chlach mu dheireadh na h-àite, bhiodh am fiodh air a thoirt air falbh airson na h-ath-dhrochaid.

Bha an drochaid mhòr thar Uisge Tatha ann an Obar Pheallaidh eadar-ealaichte, ge-tà. Bha i air a dealbhachadh gu sònraichte le Uilleam Adam. Chaidh a fosgladh gu trafaig ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a còig (1735). Bha i mar charragh-cuimhne do dh’obair Wade air a’ Ghàidhealtachd agus chosg i fortan – ceithir mìle not. Rinn an luchd-dealbhachaidh agus luchd-einnseanairidh obair mhath. Tha i beagan goirid air trì cheud bliadhna a dh’aois agus tha i a’ gabhail charbadan de gach seòrsa fhathast. Ach cha robh obair Wade ann an Alba deiseil le drochaid Obar Pheallaidh, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Litir 1131 Litir 1131 Litir 1133 Litir 1133

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!