FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taigh Bhoth Fhleisginn (2)

B’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig an t-Seann Mhadadh, am Morair MacShimidh.

Audio is playing in pop-over.

Taigh Bhoth Fhleisginn (2)

B’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig an t-Seann Mhadadh, am Morair MacShimidh. Nuair a chaochail a bhràthair Sìm gun chlann ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a dhà (1782), fhuair Gilleasbaig smachd air oighreachd nam Frisealach. Chaidh e an àite a bhràthar mar bhall-pàrlamaid Siorrachd Inbhir Nis.

Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, ʼs e Gilleasbaig a thog Taigh Bhoth Fhleisginn, faisg air Foidhir, taobh Loch Nis. Bha an taigh deiseil ann an ochd ceud deug ʼs a naoi (1809). Chaochail Gilleasbaig sia bliadhna an dèidh sin. Leis gun robh a h-uile duine dhen chòignear mhac aige air bàsachadh roimhe, chaidh an taigh gu fear eile a bha càirdeach dha.

Bha an taigh coltach ri loidse-sheilg seach taigh-mòr oighreachd. Cha robh ann ach aon ùrlar – ach a-mhàin gun robh na searbhantan a’ fuireach ann an seòmar-mullaich os cionn a’ chidsin. Bha ceithir seòmraichean cadail ann, dà sheòmar-shuidhe agus leabharlann. A rèir choltais bha tunail ann a bha a’ ceangal an taigh ris a’ chladh.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug, cheannaich Aleister Crowley an taigh. Tha Crowley ainmeil airson a bhith an sàs ann am ‘buidseachd’ – ‘draoidheachd dhubh’ is rudan dhen t-seòrsa sin. Cheannaich e an taigh a chionn ʼs gun robh e ann an àite car iomallach agus freagarrach airson nan deas-ghnàthan ‘draoidheil’ aige.

ʼS fheàrr dhomh rud beag innse dhuibh mu bheatha Chrowley. Rugadh e mar Edward Alexander Crowley ann an Leamington Spa ann an Sasainn ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a còig (1875). Bha athair gu math math beartach. Mar sin, cha robh Eideard – no ‘Alick’ mar a bha a mhàthair a’ gabhail air – a’ beachdachadh air dreuchd a lorg. Bhiodh e beò air an airgead a fhuair e bho athair.

Ge-tà, cha robh e fhèin is athair air an aon ràmh a thaobh creideamh. Bha athair na Chrìosdaidh làidir a bha na shoisgeulach airson nam Plymouth Brethren. Chaidh Eideard a chur gu sgoil Chrìosdail airson greis. An ceann ùine, chuir e a chùl ris a’ chreideamh. Nuair a bha e aig Oilthigh Chambridge, dh’atharraich e ainm gu Aleister – air a litreachadh A-L-E-I-S-T-E-R. Cha do cheumnaich e bhon oilthigh, ach choisinn e cliù dha fhèin mar chluicheadair tàileisg air leth sgileil.

Bha e sgileil cuideachd mar sgrìobhadair bàrdachd agus mar neach-sreap nam beann. Bhiodh e gu tric a’ falbh gu na beanntan Ailpeach. Nuair a bha Taigh Bhoth Fhleisginn leis, bha Crowley thall thairis gu math tric. Tràth san fhicheadamh linn, rinn e oidhirp air K2 agus Kanchenjunga, an dàrna agus treas beinn as àirde san t-saoghal. Cha robh e soirbheachail, agus chaill ceathrar dhen sgioba am beatha ann am maoim-sneachda air Kanchenjunga. Bha cuid a’ cumail a-mach nach do chuidich Crowley iad mar bu chòir.

Nuair a bha e ann an Alba, ghabhadh Crowley ‘The Laird of Boleskine’ air fhèin. Bha e dèidheil air dualchas na Gàidhealtachd, agus bhiodh e a’ cur fèileadh-beag air gu tric. Ach am biodh na Gàidheil ag aithneachadh nan gnothaichean ‘draoidheil’ aige? Cha chreid mi gum bitheadh. Cluinnidh sinn tuilleadh an-ath-sheachdain.

Litir 1129 Litir 1129 Litir 1131 Litir 1131

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!