FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seanfhaclan (1)

An t-seachdain ’s a chaidh, ann an dreach sgrìobhte na

Audio is playing in pop-over.

Seanfhaclan (1)

An t-seachdain sa chaidh, ann an dreach sgrìobhte na Litreach, anns na notaichean mu dheidhinn gràmair, dh’iarr mi oirbh sùil a thoirt tron Litir airson gnàthas-cainnt a bha a’ cleachdadh an roimheir, à neo às. Tha mi an dòchas gun d’ fhuair sibh lorg air. ’S e a bh’ ann – bhiodh a caraidean a’ tarraing aiste. Tha sin co-ionann ris a’ Bheurla – her friends would tease her.

Bidh sibh a’ tarraing às cuideigin. Is ma chuireas sibh dragh air duine le bhith a’ tarraing às, is ma tha sibh a’ gabhail aithreachas mu dheidhinn, ’s dòcha gun can sibh ris, “Na gabh dragh. Bha mi dìreach a’ tarraing asad.”

O chionn cola-deug, thug sinn sùil air an t-seanfhacal, Ruigidh each mall muileann, ach feumadh fear fuireach a bhriseas a chas. Uill, an latha roimhe, ghabh mi beagan spòrs le buidheann-chòmhraidh Ghàidhlig a bha mi a’ stiùireadh, buidheann anns an robh luchd-ionnsachaidh anns a’ mhòr-chuid. Thug mi a’ chiad phàirt dhen t-seanfhacal sin dhaibh – ruigidh each mall muileann – agus dh’iarr mi orra crìoch a chur air, le rud sam bith a thogradh iad.

Seo agaibh eisimpleirean de na fhuair sinn: ruigidh each mall muileann... ach ruigidh each luath e fada nas tràithe! Neo, ruigidh each mall muileann... ma dh’fhanas tu fada gu leòr. Neo, ruigidh each mall muileann... ach bidh mi am muileann dùinte. Is mar sin air adhart. Agus chuir e smuain neo dhà nam cheann – gum biodh e math a leithid de ghèam a chluich anns an Litir seo.

Bidh sibh eòlach air an t-seanfhacal – Is math an còcaire an t-acras. Ach dè mu dheidhinn, Is math an còcaire... Nick Nairn, neo Is math an còcaire... am fear a chuireas siùcar donn air lite. Uill, ’s e sin mo bheachdsan co-dhiù! Ach ’s fheàrr le cuid dìreach bainne is salainn.

Tha seanfhacal ann - Am fear a bhios fad’ aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin. Dè mu dheidhinn, am fear a bhios fad’ aig an aiseag... bidh e a’ sgrìobhadh gu Caledonian Mac a’ Bhrùthain a’ gearain mu dheidhinn!

’S dòcha gum bi sibh a’ cuimhneachadh an t-seanfhacail air an tug sinn sùil anns an Dùbhlachd o chionn bliadhna gu leth - ’S fheàrr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe. Thathar a’ gabhail “partan-tuathal” air duine bochd, aig nach robh taigh, a chaidh a dh’fhuireach còmhla ri bean ùr aig an robh taigh. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gu bheil e a’ ciallachadh hermit crab ann am Beurla. Ach dh’fhaodamaid atharrachadh gu, ’S fheàrr am partan-tuathal... na bhith gun bhiadh idir. Neo, ’S fheàrr am partan-tuathal... eadar da phìos arain no hamburger bhon bhùth sìos an rathad. Cha chan mi dè a’ bhùth air a bheil mi a’ smaoineachadh!

Agus dh’fhaodadh iad obrachadh anns an dòigh eile. Dh’fhaodainn fhìn seanfhacal nach eil ceart aithris agus iarraidh oirbh am fear ceart a thoirt dhomh. Mar eisimpleir, tha na h-itean as bòidhche air na boireannaich anns na Folies Bérgères. Uill, bidh fios agaibh fhèin, tha mi an dùil, gu robh còir agam a ràdh, tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad às, is nach robh còir agam a bhith a’ smaoineachadh idir air na boireannaich sin!

Ma tha sibh fhèin a’ gabhail tlachd le bhith a’ cluich le faclan anns an dòigh sin, carson nach cuir sibh “seanfhaclan ùra”, a tha sibh fhèin air a chruthachadh airson fealla-dhà, thugam. Ma tha iad math, cò aige tha fios nach nochd iad uair neo uaireigin anns a’ phrògram seo.

Litir 112 Litir 112 Litir 114 Litir 114

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!