Halò agus fàilte oirbh. Tha sinn air rudeigin de chlach-mhìle a ruigsinn an t-seachdain-sa. ’S i seo a’ cheudamh Litir bho thòisich am prògram o chionn dà
bhliadhna, agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a th’ air sgrìobhadh thugam thairis air an ùine sin.
Chleachd mi am facal clach-mhìle ann a sin. Thuirt mi clach-mhìle, seach clach-mìle. An urrainn dhuibh innse dhomh carson? Uill,
’s e is coireach gu bheil am facal clach boireann. Mar sin, tha am facal mìle air a shèimheachadh, mar a bhios sinn a’ sèimheachadh
buadhair as dèidh ainmear boireann. Clach mhòr, clach bhàn is mar sin air adhart.
Chì sibh an aon seòrsa rud ann am faclan eile, leithid clach-bhleith, neo grindstone, agus clach-bhràthan neo quernstone. Chan eil fhios a’m cia mheud agaibh a bhios eòlach air brà – chan eil a leithid cumanta an-diugh ann, ach ann an taighean-tasgaidh, ’s
dòcha. Dh’fhairich mi tè turas a bha mi ann an taigh ann am baile beag anns na beanntan ann an Nepal. Tha mi ag ràdh gun do dh’fhairich mi i air sgàth ’s
gur i a dhùisg mi mu chòig uairean sa mhadainn, agus solas an latha fhathast gun tighinn.
B’ iad dithis pheathraichean a bha a’ dèanamh na h-obrach. Chuir iad sìl arbhair-Innseanaich a-steach don toll anns a’ chloich uachdaraich, ris an canar sùil na bràthan, agus thionndaidh iad a’ chlach sin. Uill, abair fuaim. B’ e sin deireadh ar cadail airson na h-oidhche! Ach, ged a bha mi sgìth,
cha robh am fuaim buileach gun tlachd. Bha na nigheanan a’ seinn cuideachd – òrain-obrach – dìreach mar a bhiodh na Gaidheil o shean nuair a chleachdadh
iad a’ bhrà.
An cuala sibh a-riamh am facal clach-chinn? Chan e ceann-cloiche – ’s e rud eadar-dhealaichte a tha sin! ’S e clach-chinn rud a
chì sibh ann an cladh, a’ comharrachadh uaigh. Cluinnidh sibh cuideachd clach-uaighe. Anns an t-seann aimsir, bha mòran de chlachan-uaighe na
Gaidhealtachd nan laighe air an talamh, seach a’ stobadh an àirde mar a tha iad an-diugh. Agus, ma thèid sibh gu seann chladh, chì sibh feadhainn ann
fhathast. ’S ann tric a tha iad còmhdaichte le còinneach.
Agus tha sin gam thoirt gu seanfhacal anns a bheil am facal clach. ’S dòcha gum bi sibh air thoiseach orm is gu bheil fios agaibh mar-thà air na
tha mi a’ dol a ràdh. Tha seanfhacal car coltach ris anns cha mhòr a h-uile cànan anns an Roinn Eòrpa, a rèir choltais. Seo e ann am Frangais – la pierre qui roule n’amasse pas de mousse. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach air – a rolling stone gathers no moss. Agus ann an Gàidhlig - a’ chlach a thionndaidhear tric, cha tig còinneach oirre. A’ chlach a thionndaidhear tric, cha tig còinneach oirre.
Uill, leis an fhìrinn innse, tha dà dhreach air an t-seanfhacal. Cluinnidh sibh cuideachd – cha chinn còinneach air clach an udalain – moss does not grow on an oft-turned stone. ’S e udalan rud a thionndaidheas bho thaobh gu taobh – swivel neo hinge neo
a leithid. Cha chinn còinneach air clach an udalain. Ach, ma chanas sibh sin, cuimhnichibh gu bheil “o” fada ann an còinneach neo ’s dòcha gun can
sibh rudeigin nach eil buileach iomchaidh!