80: Soidhnichean Gàidhlig
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Soidhnichean Gàidhlig
Shaoileadh sibh gum biodh an deasbad seachad ann an Alba, ach chan eil e. Ged a chaidh a rèiteach o chionn fhada ann an Eirinn agus a’ Chuimrigh, tha feadhainn fhathast dhen bheachd, anns an dùthaich seo, nach bu chòir soighnichean-rathaid dà-chànanach a bhith ann. Tha sin fìor fiù ’s air tìr-mòr na Gaidhealtachd, far a bheil a’ chuid as motha de na h-ainmean-àite air tighinn bhon Ghàidhlig.
Tha e coltach gu bheil cuid de sheirbheisich-chatharra, mar a chanas iad, dhen bheachd gur e cànan cunnartach a th’ anns a’ Ghàidhlig. Neo co-dhiù gum biodh soighnichean-rathaid le Gàidhlig orra cunnartach. Cha bhiodh fios aig dràibhearan ca’ robh iad a’ dol, agus bhiodh barrachd thubaistean ann air sàilleabh sin. Chan fhaca mi fianais sam bith a-riamh gu robh barrachd thubaistean anns a’ Chuimrigh neo ann an Eirinn air sgàth nan soighnichean dà-chànanach acasan, ach feumaidh gu bheil fios a bharrachd air a’ ghnothach aig na seirbheisich-chatharra na th’ agam-sa. Neo rudeigin.
Far a bheil mi a’ fuireach, ann an Inbhir Nis, tha cunnart ann gun caill sinn cuid de sheann dualchas a’ bhaile air sgàth ’s nach eil Gàidhlig air na soighnichean. Nuair a tha sanas ann am Beurla a-mhàin, tha e furasta an dreach ceàrr a chur air, agus a’ chiall a bh’ aige bho thùs a chall.
Mar eisimpleir, air taobh siar Abhainn Nis, chìthear soighnichean, airson sgìre bheag, air a bheil “L-E-A-C-H-K-I-N”. Nise, ciamar a chanadh sibh sin, nan robh sibh air ùr-thighinn a dh’fhuireach ann an Inbhir Nis? “Leetch-kin”, ’s dòcha? “Letch-kin”? Neo “Leechkin”, neo “Lechkin”? Uill, ’s e an fhìrinn a th’ ann gu bheil mòran, nach eil comasach air “ch” a ràdh, air tòiseachadh air “Larkin” a ghabhail air. Larkin!
’S e a’ Ghàidhlig a th’ air an àite – an Leacann – agus, nan robh sin air na soighnichean, bhiodh fios aig barrachd dhen t-sluagh ciamar a chanadh iad ainm an àite. Agus chìtheadh iad gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh rudeigin. Seo na chanas faclair Dwelly mu dheidhinn – leacann: the broad slope of a hill. Agus ’s e sin dìreach a th’ ann.
Faisg air an Leacainn, tha ceàrnaidh ann ris an canar “Dalneigh” ann am Beurla. “D-A-L-N-E-I-G-H”. Ann an Gàidhlig, ’s e Dail an Eich a th’ air, agus nach eil sin a’ ciallachadh rudeigin? Ann am Beurla, ’s e “Dalneich” a bh’ air na mapaichean an toiseach, agus ’s e sin a chanadh muinntir an àite, fiù ‘s nuair a chaill iad an cuid Gàidhlig. Ach chaidh atharrachadh air na mapaichean, bho “ch” aig deireadh an ainm gu “gh”, airson adhbhar air choreigin, agus ’s e “Dalneigh” a chanas a’ chuid mhòr an-diugh.
Tha mòran eisimpleirean eile ann mar sin, ann am mòran sgìrean, a tha a’ sealltainn cho truagh ’s a tha suidheachadh, ann an dùthaich dhà-chànanach, far nach eil na soighnichean ach aona-chànanach, agus iad sin ann an cànan nach do bhuin don dùthaich o shean. Fàgaidh mi sibh le smuain air Cinn a’ Ghiuthsaich – baile ann am Bàideanach. Tha giuthas a’ ciallachadh “Scots pine”, tha giuthsach a’ ciallachadh “pine wood”, agus tha Cinn (neo Ceann) a’ Ghiuthsaich a’ ciallachadh “the end of the pine wood”.
Ach nuair a chaidh dreach Beurla a chur air – “Kingussie” - chaidh a litreachadh K-I-N-G-U-S-S-I-E. Dh’fhàg iad an “g” ann air sgàth ’s gu bheil “g” ann an “giuthsach”. Uill, bha mi aig Stèisean a Haymarket ann an Dùn Eideann an-uiridh nuair a chuala mi fear-aithris ag innse dhuinn ainmean nan stèiseanan air am biodh an trèana a dh’Inbhir Nis a’ tadhal. Perth, Pitlochry, Newtonmore, Kin-GUSS-ie… Cha chàn mi an còrr!
Faclan na Litreach: a’ Chuimrigh: Wales; soighichean-rathaid, sanasan-rathaid: roadsigns; dà-chànanach: bilingual; seirbheisich-chatharra: civil servants; Bàideanach: Badenoch.
Abairtean na Litreach: shaoileadh sibh gum biodh an deasbad seachad: you’d think the debate would be over; ged a chaidh a rèiteach (or a rèiteachadh) o chionn fhada: although it was settled (reconciled) a long time ago; tha e furasta an dreach ceàrr a chur air: it is easy to put the wrong appearance, form on it (eg changing Leacann to Leachkin!); chithear soighnichean: signs are seen; bhiodh fios aig barrachd dhen t-sluagh ciamar a chanadh iad ainm an àite: more people would know how to say the name of the place; chitheadh iad gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh rudeigin: they would see that the name means something; Dail an Eich: (lit.) the field of the horse; fiù ’s nuair a chaill iad an cuid Gàidhlig: even when they lost their Gaelic; airson adhbhar air choreigin: for some reason or another; nach do bhuin don dùthaich o shean: which did not belong to the country historically; air am biodh an trèana a dh’Inbhir Nis a’ tadhal: which the train to Inverness would be visiting (en route); cha chan mi an còrr: I’ll say no more.
Puing ghràmair na Litreach: bha mi ann an Dùn Eideann an-uiridh: I was in Edinburgh last year. Do you sometimes get tempted to say “a’ bhliadhna ’s a chaidh”for “last year”? Try to remember the special phrase an-uiridh, which is very old but nevertheless remains the standard and universal term in the Gaelic world. The trouble with “a’ bhliadhna ’s a chaidh” is that it is somewhat ambiguous; the listener may interpret it as meaning “the twelve months preceding this point in time” rather than “the previous calendar year” which is the meaning of “an-uiridh”. If you want to say “during the last year” ie over the last twelve months, regardless of where we are in the calendar, the best phrase is “anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh”, although you will also hear “anns a’ bhliadhna a chaidh”.If you are looking back to a past event and you want to say “during the year prior to that”, the best phrase is “anns a’ bhliadhna roimhe sin” (ie in the year before that).
Gnàthas-cainnt na Litreach: : air sàilleabh sin: because of that. This is one of the many phrases in Gaelic which may be equivalent to “because” in English. In some places, the terminal “bh” is pronounced as a “v”, in others there is no consonantal sound at all. In a few places, eg Barra, you will hear “air tàilleabh”, with a “t” replacing the “s”.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn