Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta,  Bilidh, a chaidh a chruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha
    cuid de na faclan anns an stòiridh rud beag seann-fhasanta. Bha am fear òg seo, Bilidh, uabhasach measail air mèirle. Bha e air stuth a ghoid air an duine
    uasal a bha a’ fuireach faisg air. Dh’iarr an duine uasal air a dhol a dh’ionnsachadh na mèirle gu ceart. Feumaidh gun robh plana aige airson Bilidh.
    Co-dhiù, bha Bilidh air mèirle ionnsachadh, ceart gu leòr, ach bha an duine uasal airson aon deuchainn a bharrachd a chur air.
    “Bidh claidheamh agam air a’ bhòrd,” thuirt e, “agus daga làn urchair. Mura toir thu leat an lìon anart – no siota – fo dhruim mo mhnà, cha bhi tuilleadh
    saoghail agad.”
    “Gu dearbh,” arsa Bilidh, “tha e a cheart cho math dhuibh mo mharbhadh far a bheil sinn.”
    “Mura dèan thu siud,” thuirt an duine uasal a-rithist, “cha bhi mòran saoghail agad.”
    “’S e seo an rud a bu dorra a chaidh mu mo choinneimh riamh,” arsa Bilidh. Ach dh’fhalbh e air an oidhche sin fhèin agus chaidh e don chladh. Thog e corp a
    bh’ air ùr-thiodhlacadh ann is chuir e aodach air. Thug e an corp leis. Bha ròp aige. Ràinig e taigh an duine uasail is chaidh e suas air a’ mhullach. Leig
    e an corp sìos an similear air an ròp.
    Dh’fhairich an duine uasal fuaim. Dh’èirich e agus las e solas. Chunnaic e casan a’ tighinn sìos an similear.
“Mac an fhir ud!” smaoinich e (bha e dhen bheachd gur e Bilidh a bh’ ann). “Bheir mise air    nach bi tuilleadh saoghail aige. Cha loisg mi air a chasan. Ach nuair a nochdas a chorp ’s ann an uair sin a loisgeas mi air.”
    Nuair a thàinig an corp a-nuas, loisg an duine uasal air. “Sin e!” thuirt e. “Fàgaidh mi an sin e gus an tig an latha.”
    “Air gaol Dhè, na fàg!” ars a bhean. “Thalla leis agus tiodhlaic e, mus adhbharaich e do bhàs fhèin.”
    Chuir an duine uasal an corp air a ghualainn. Ghabh e a-mach leis. Nuair a mhothaich Bilidh gun robh an duine uasal air falbh leis a’ chorp, a-staigh a
    ghabh e. Anns an dorchadas thug e a chreidsinn do bhean an duine uasail gum b’ esan an duine aice. “Tha e cho trom,” thuirt e ann an guth uasal, “’s nach
    urrainn dhomh falbh leis an-dràsta.”
    Agus chaidh Bilidh don leabaidh le bean an duine uasail. Beag air bheag, dh’obraich e an lìon anart don taobh aigesan. Nuair a bha e aige, dh’èirich e is
    dh’fhalbh e a-mach.
    Thàinig an duine uasal às dèidh dha an corp a thiodhlacadh. “Tha mi sgìth agus air mo shàrachadh,” thuirt e.
    “Dè, a ghràidh, a dh’fhàgadh sgìth thu?” dh’fhaighnich a bhean. “Chan eil dà mhionaid on a dh’fhàg thu mi anns an leabaidh.”
    Sheall an duine uasal air an leabaidh. Mhothaich e gun robh an lìon anart a dhìth. Bha Bilidh air a’ chùis a dhèanamh air. “Biodh e fhèin agad cuideachd,”
    thuirt an duine uasal ri a bhean. Dh’fhalbh an duine uasal agus bha an taigh agus bean aige aig Bilidh. Tha mi cinnteach nach robh dragh air Bilidh
    tuilleadh mu bhith ri mèirle.