FaclairDictionary EnglishGàidhlig

53: A mhuinntir mo dhùthcha agus mo cho-shaighdeara!

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A mhuinntir mo dhùthcha agus mo cho-shaighdeara!

Gaelic Gàidhlig

“A mhuinntir mo dhùthcha agus mo cho-shaighdeara!” dh’èigh an ceannard Albannach, Galgacus, air an arm aige nuair a bha iad a’ dèanamh deiseil airson sabaid an aghaidh nan Ròmanach. Bha sin, a rèir aithris, anns a’ bhliadhna ceithir fichead ’s a ceithir (84) neo ceithir fichead ’s a còig (85) as dèidh Chrìosta aig àite air an robh “Mons Graupius” mar ainm.

Lean Galgacus air mar seo: “Nuair a tha mi a’ toirt fa-near an adhbhair gun do tharraing sinn ar claidhnean, agus am feum a th’ againn air buille tarbhach a bhualadh, mus cuir sinn a-rithist anns an truaill iad, tha mi a’ mothachadh dòchas aoibhneach ag èirigh suas nam inntinn, gum bi air an latha an-diugh, slighe air a fosgladh chum saorsa Bhreatainn a thoirt air ais…”

Uill, cha deach an latha cho math ’s a bha e an dòchas. ‘S dòcha gu robh Galgacus na b’ fheàrr air òraidean na bha e air sabaid! Lorg mi an òraid ann an seann leabhar Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a trì-deug (1813). Chaidh a sgrìobhadh le fear P. MacPhàrlain. Chan eil fhios a’m cò bh’ ann neo dè a’ chiad ainm a bh’ air. Pàdraig ’s dòcha, neo Pòl? Co-dhiù, dìreach ron òraid fhèin, sgrìobh MacPhàrlain tiotal air a son: “Brosnachadh Ghalgacuis, ceann-feadhna nan Gaidheal, nuair a bha iad a’ dol a chur cath ri feachd na Ròimhe.”

Mmm. Ceann-feadhna nan Gaidheal? An robh Galgacus dha-rìreabh a’ bruidhinn Gàidhlig air an latha sin. Chanadh a’ chuid as motha de luchd-eachdraidh an-diugh nach robh. Bhiodh e na bu choltaiche gu robh e a’ bruidhinn Cruithnis, cànan nan Cruithneach. Ach càit’ an d’ fhuair MacPhàrlain na faclan aig Galgacus, air an do chuir e fhèin Gàidhlig aig toiseach an naoidheamh linn deug?

‘S e an fhreagairt – bho Chornelius Tacitus, fear de luchd-eachdraidh na Ròimhe, a bha na dhuine òg nuair a thachair Blàr Mhons Ghraupius. Sgrìobh Tacitus leabhar mun uachdaran Ròmanach, Agricola, a bha na riaghladair air Breatainn airson seachd bliadhna agus a bha os cionn arm nan Ròmanach aig Mons Graupius. Sgrìobh e ann an Laidinn, agus feumaidh gun do dh’eadar-theangaich MacPhàrlain don Ghàidhlig e.

’S e Tacitus a sgrìobh an earrann ainmeil mu dheidhinn nan Ròmanach a chluinnear gu math tric ann an diofar chànanan – “…ubi solitudinem faciunt, pacem appellant…” – nuair a nì iad fàsach, canaidh iad sìth ris. Chan eil fhios a’m an robh Galgacus cho pongail sin agus, co-dhiù, cha do rinn na faclan aige diofar mòr sam bith air latha a’ bhatail. Bha arm na b’ fheàrr aig na Ròmanaich. Ged a bha carbadan aig na h-Albannaich, rinn marc-shluagh nan Ròmanach a’ chùis orra. Agus bha cabhlach mòr Ròmanach aig muir, a’ cumail biadh is bathar ris na saighdearan.

Chan eil fios le cinnt aig duine an-diugh càit’ an robh Mons Graupius. Tha mons a’ ciallachadh beinn neo monadh ann an Laidinn. Ach chan eil fios aig duine dè bha Graupius a’ ciallachadh. Tha a’ chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur ann anns an ear-thuath a bha e, ’s dòcha ann an Siorrachd Obair Dheathain neo Moireibh. Tha beachd ann cuideachd gu robh e ann an Inbhir Nis. ’S dòcha nach bi fios againn a-chaoidh air a sin.

Dh’fhàg Tacitus dìleab eile againn cuideachd. Tha e coltach nach do leugh fear-eachdraidh eile Mons Graupius gu ceart, agus sgrìobh e fhèin e mar “Mons Grampius”. Agus ’s ann às a sin a thàinig am facal Grampian ann am Beurla – fada mus robh guth air stèisean-telebhisein! Agus ’s e sin is coireach nach eil facal Gàidhlig againn airson Grampian, ach Grampian fhèin.

Faclan na Litreach: truaill: scabbard; òraid: lecture,speech; sabaid: fighting; dha-rìreabh: truly; Cruithnis:Pictish language; Cruithneach: Pict; luchd-eachdraidh: historians; blàr,batail: battle; uachdaran:leader,governor; riaghladair: governor,administrator; Laideann: Latin; pongail: precise,pointed,articulate; carbadan:chariots; marc-shluagh: cavalry (marc is an old Gaelic word for horse); Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; Moireibh: Moray; dìleab: legacy;

Abairtean na Litreach: a mhuinntir mo dhùthcha agus mo cho-shaighdeara!: my countrymen and companions in arms! (vocative); am feum a th’ againn air buille tarbhach a bhualadh: the need we have to strike a telling blow; tha mi a’ mothachadh dòchas aoibhneach ag èirigh suas nam inntinn: I feel pleasant hope rising in my mind; brosnachadh Ghalgacuis, ceann-feadhna nan Gaidheal, nuair a bha iad a’ dol a chur cath ri feachd na Ròimhe: the exhortation of Galgacus, the chief of the Gaels, when they were going to battle the army of Rome; feumaidh gun do dh’eadar-theangaich X…: X must have translated…; nuair a nì iad fàsach, canaidh iad sìth ris: when they make a wilderness, they call it peace (the famous statement on the Pax Romana); bha cabhlach mòr Ròmanach aig muir, a’ cumail biadh is bathar ris na saighdearan: there was a large Roman fleet at sea, supplying food and goods to the soldiers; ’s dòcha nach bi fios againn a-chaoidh:we will probably never know; ’s e sin is coireach nach eil facal Gaidhlig againn airson Grampian: that is why we do not have a Gaelic word for Grampian.

Puing ghràmair na Litreach: gum bi, air an latha an-diugh, slighe air a fosgladh chum saorsa Bhreatainn a thoirt air ais:that, today, there will be a way opened for Britain’s freedom to be given back. The preposition air can be used in conjunction with a verbal noun to make a passive verb eg gum bi slighe air a fosgladh (that a way will be opened). Note that the “a” in front of the verbal noun is a possessive pronoun and that the correct one must be used, with the appropriate lenition of the verbal noun ( slighe is a feminine singular noun). Here are some examples: bha mi air mo bhualadh (I was struck); bidh thu air do shàrachadh (you will be harassed); bha e air a chumail air ais (he was kept back); bha i air a cumail air ais (she was kept back); bha sinn air ar bualadh (we were struck); bha sibh air ur mealladh (you were deceived); bidh iad air am fosgladh (they will be opened).

Gnàthas-cainnt na Litreach: nuair a tha mi a’ toirt fa-near an adhbhair gun do tharraing sinn ar claidhnean: when I consider the reason we drew our swords. A’ toirt fa-near: considering, putting under consideration. Note that the stress on fa-near is on the second syllable.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean