389: Earra-Ghàidheal
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Earra-Ghàidheal
O chionn mòran bhliadhnaichean a-nise, rinn mi sreath phrògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal. Thadhail mi air Giogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Gu dearbh, cha chreid mi gu robh mi riamh ann an àite sam bith air a’ Ghàidhealtachd, co-dhiù air eileanan beaga na Gàidhealtachd, nach do chòrd rium.
Ach tha Lios Mòr a’ stobadh a-mach bhon chòrr nam chuimhne. ’S iad dà rud as coireach ri sin, chanainn – neart na Gàidhlig anns an eilean, agus fear a bha mion-eòlach air eachdraidh is dualchas an àite agus a thug taic mhòr dhomh. B’ esan Dòmhnall MacIlleDhuibh. ’S e sàr Ghàidheal is duine gasta a th’ ann.
Tha Dòmhnall còir air leabhar a thoirt a-mach o chionn ghoirid – mu dheidhinn Lios Mòr. Tha an leabhar dà-chànanach agus tha na pìosan Gàidhlig sgrìobhte ann an dualchainnt an eilein. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Sgeul no Dhà às an Lios/A Tale or Two from Lismore.
Nuair a bha mi san eilean, dh’innis Dòmhnall dhomh mu Mholuag, agus tha earrann anns an leabhar mu dheidhinn. Bha an Naomh Moluag gu math cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Thathar a’ smaoineachadh gur e Cruithneach à Èirinn a bh’ ann. Bha e beò aig an aon àm ri Calum Cille. Seo na chanas Dòmhnall anns an leabhar:
Innsidh beul-aithris mun labhairt a bha eadar an dithis Naomh nuair a bha Moluag a’ toirt Chaluim Chille air cuairt tro Lios Mòr:
Calum Cille: “An e seo an Gàrradh Mòr?”
Moluag: “’S e Lios torrach a tha an seo.”
Bha Moluag na anam-charaid do Lios Mòr. Ainm-charaid – a “soul friend”. Fhuair e foghlam ann am Manachainn Bheanachair ann an ceann a tuath na h-Èireann. Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh Moluag anns a’ mhanachainn aig an aon àm ri Briannan am Maraiche. Seo earrann eile aig Dòmhnall:
Còmhla ris bhiodh dà Abstalach dheug. Thàinig iad gu cladach air taobh an ear an eilein. Bràigh Port Moluag, agus ri taobh an uillt bha craobhan feàrn a’ cinntinn – craobhan a tha a’ cinntinn gus an là an-diugh ri taobh a’ cheart uillt: cuimhneachan maireannach den Naomh Moluag, a rinn siubhal fada ’s farsaing air feadh na h-Alba a’ sgaoileadh an t-Soisgeil. Bho Lios Mòr chaidh e air cuairt suas Gleann Mòr na h-Alba gu ruig an t-Eilean Dubh, far an do stèidhich e Manachainn an Ros Mhaircnidh, agus cuideachd aig Morthlach, dlùth air far a bheil baile Eilginn a-nis. Anns na h-àiteachan sin bha na manaich a’ teagasg na h-òigridh mar ann an oilthighean. A bharrachd air sgrìobhadh is cunntas, bha iad a’ teagasg sgrìobhadh le dealbhan dathach. Chaidh àiteachan Crìosdail a stèidheachadh ann an ainm Mholuag ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh an Teampall mòr a thogail ann an ainm Mholuag ann an ceann a tuath Leòdhais. Sheòl e cho fada tuath ri Innis Tìle ... .
Chaochail Moluag anns a’ bhliadhna còig ceud, naochad ’s a dhà (592). Tha Dòmhnall ag innse dhuinn gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach faisg air Eilginn agus gun do “dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach agus ghiùlain iad a dhuslach a h-uile ceum air ais don Lios. Chaidh a thiodhlacadh a-rithist far an deachaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail ann an sia ceud bliadhna ri teachd.”
Faclan na Litreach: Giogha: Gigha; Ulbha: Ulva; na h-Eileanan Treisnis: the Treshnish Islands; Colasa: Colonsay; Dòmhnall MacIlleDhuibh: Donald Black; earrann: passage; Ros Mhaircnidh: Rosemarkie.
Abairtean na Litreach: cha chreid mi gu robh mi riamh: I don’t think I was ever; co-dhiù air eileanan beaga: at least on small islands; tha Lios Mòr a’ stobadh a-mach bhon chòrr: Lismore stands out from the rest; mion-eòlach air eachdraidh: exceedingly knowledgeable about [the] history; thathar a’ smaoineachadh gur e Cruithneach à Èirinn a bh’ ann: it is thought he was a Pict from Ireland; ’s e Lios torrach a tha an seo: this is a fertile garden; anam-charaid: soul friend; Manachainn Bheanachair: the monastery of Bangor; aig an aon àm ri Briannan am Maraiche: at the same time as Brendan the Navigator; dà Abstalach dheug: twelve apostles; bha craobhan feàrn a’ cinntinn: alder trees were growing; ri taobh a’ cheart uillt: beside the same burn; cuimhneachan maireannach: a lasting reminder; a’ sgaoileadh an t-Soisgeil: spreading the gospel; gu ruig an t-Eilean Dubh: to the Black Isle; dlùth air far a bheil baile Eilginn: close to where the town of Elgin is; sgrìobhadh le dealbhan dathach: writing with coloured pictures (illuminated manuscripts); sheòl e cho fada tuath ri Innis Tìle: he sailed as far north as Iceland; gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach:that he was buried in Ardclach; ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach: 24 strong young Lismore men; ghiùlain iad a dhuslach: they carried his remains; far an deachaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail: where the cathedral of Argyll was built; ann an sia ceud bliadhna ri teachd: 600 years in the future.
Puing-chànain na Litreach: air feadh na h-Alba : throughout Scotland. Would you have been inclined here to say air feadh Alba? Don’t worry – both are acceptable. We call Scotland Alba (without an article) but we often introduce the article into the genitive form ie na h-Alba. And a noun following the compound preposition air feadh would be in the genitive. But you will also hear Alba (without the article) as the genitive eg muinntir Alba (the people of Scotland), rather than muinntir na h-Alba . Both are acceptable.
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e sàr Ghàidheal a th’ ann: it is difficult to translate this into idiomatic English. Dwelly tells us that “sàr is an augmentative prefix, expressing a great degree of any quality [eg] sàr ghaisgeach a complete hero”. One might say “a first-class Gael” for sàr Ghàidheal. Note that sàr lenites the following consonant.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 85
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn