FaclairDictionary EnglishGàidhlig

388: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an àite an latha eile – ann an Alba – a thug toileachas mòr dhomh. Àite spaideil far an robh coltas ann gu robh clann a’ faighinn deagh oideachadh. Bhruidhinn mi dà chànan fhad ’s a bha mi ann, agus cha robh Beurla nam measg. Bhruidhinn mi Gàidhlig agus Fraingis. Bha mi ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Thug e ùine, ach tha àrd-sgoil fa leth againn a-nise far a bheil na sgoilearan a’ faighinn mòran dhen teagasg tro Ghàidhlig. ’S e Gàidhlig prìomh chànan na sgoile. Nuair a thàinig clann do dh’oifis na sgoile fhad ’s a bha mi ann, ’s e Gàidhlig a bha iad a’ bruidhinn gu siùbhlach ri muinntir na h-oifis. ’S ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith ann am mòran sgoiltean ann an Alba.

Tha seo a’ tachairt ann am baile mòr air a’ Ghalltachd an àite air a’ Ghàidhealtachd. Tha Comhairle Baile Ghlaschu air a bhith deònach an ceum sin a ghabhail, agus mìle meal an naidheachd orra. Bu chòir do chomhairlean eile ann an Alba, gu seachd àraidh anns na h-Eileanan Siar, an eisimpleir a leantainn.

Ach a bheil e annasach gu bheil an leasachadh seo a’ dol air adhart ann am baile mòr? ’S dòcha nach eil e annasach idir. ’S dòcha gu bheil sinn a’ faicinn atharrachadh a’ tighinn air suidheachadh na Gàidhlig a-rithist, agus an cànan a’ dèanamh adhartas anns na bailtean mòra, fhad ’s a tha i a’ crìonadh air an dùthaich. Agus bu chòir dhuinn cuimhneachadh gu bheil na mìltean de luchd na Gàidhlig air a bhith ann an Glaschu bho chionn fhada.

Chan eil Glaschu leis fhèin anns an dòigh sin ann an saoghal farsaing nan Gàidheal. Bha mi a’ leughadh leabhar mu eachdraidh Gàidhlig na h-Èireann ann am Beal Feirste o chionn ghoirid. Bha e inntinneach dhomh gu robh coimhearsnachd de luchd-labhairt a’ chànain anns a’ bhaile sin anns an naoidheamh linn deug. Agus ’s e an aon dualchainnt a bh’ aca.

’S e na Fadgies a chainte riutha. Thàinig am facal sin bho Pháidí – an t-ainm Paddy anns an tuiseal ghairmeach. Bhuineadh na Gàidheil sin do bhaile beag air bruach Loch Cairlinn, loch mara gu deas air Beal Feirste. ’S e Ó Méith an t-ainm air a’ bhaile. Chaidh mòran dhiubh a Bheal Feirste a dh’fhuireach anns na seachdadan is ochdadan dhen naoidheamh linn deug. ’S e luchd-malairt a bh’ annta. Bhiodh iad a’ reic èisg is glasraich is mòran rudan eile. Bha iad a’ fuireach anns an aon sgìre dhen bhaile agus is iongantach mura robh iad a’ labhairt ri chèile ann an Gàidhlig na h-Èireann a’ chuid a bu mhotha dhen ùine.

Chan e mhàin gun robh Gaeilge aca a bha cudromach, ach gu robh an dualchas co-cheangailte ris a’ chànan anns an dùthaich dham buineadh iad gu math làidir. Dh’ionnsaich Seán Mac Maoláin mòran de a chuid Gaeilge bhuapa, agus rinn esan tòrr airson a’ chànain ann am Beal Feirste aig toiseach an fhicheadamh linn.

Chaidh coimhearsnachd nam Fadgies a chur ma sgaoil anns na naochadan dhen naoidheamh linn deug, nuair a chaidh Oifis Mhòr a’ Phuist a thogail far an robh iad a’ fuireach. Agus an-diugh, fhad ’s a tha Gàidhlig na h-Èireann a’ fàs nas làidire ann am Beal Feirste, tha i an ìre mhath air a dhol a bìth anns a’ bhaile bheag on tàinig iad – Ó Méith. Tha mi an dòchas nach bi cuideigin, an ceann leth-cheud bliadhna, a’ sgrìobhadh an dearbh rud mu Ghlaschu agus na h-Eileanan Siar.

Faclan na Litreach: spaideil: smart; annasach: unusual; Loch Cairlinn: Carlingford Lough; Ó Méith: Omeath; luchd-malairt: traders; glasraich: vegetables; Oifis Mhòr a’ Phuist: the General Post Office.

Abairtean na Litreach: a thug toileachas mòr dhomh: which pleased me greatly; far an robh coltas ann: where there was [the] appearance; deagh oideachadh: good instruction/education; fhad ’s a bha mi ann: while I was there; Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu: [the new] Glasgow Gaelic School [where students will be able to receive a Gaelic medium education from age 3 to 18]; gu siùbhlach ri muinntir na h-oifis: fluently to the office staff; ’s ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith: that is how things should be; air a’ Ghalltachd:in the Lowlands; tha Comhairle Baile Ghlaschu air a bhith deònach an ceum sin a ghabhail: Glasgow City Council has been willing to take that step; mìle meal an naidheachd orra: a thousand congratulations to them; bu chòir do X an eisimpleir a leantainn: X should follow their example; agus an cànan a’ dèanamh adhartas: with the language making progress; fhad ’s a tha i a’ crìonadh air an dùthaich: while it is declining in rural areas; an aon dualchainnt: the same dialect; ’s e X a chainte riutha: they were called X; anns an tuiseal ghairmeach: in the vocative case; bhuineadh na Gàidheil sin do: those Gaels belonged to; loch mara gu deas air Beal Feirste: a sea loch to the south of Belfast; na seachdadan is ochdadan dhen naoidheamh linn deug: the 1870s and 1880s; is iongantach mura robh iad a’ labhairt ri chèile: it [would be surprising if they weren’t speaking to each other]: a’ chuid a bu mhotha dhen ùine: most of the time; chan e mhàin: not only; dh’ionnsaich Sean Mac Maoláin mòran de a chuid Gaeilge bhuapa:Sean Mac Maoláin learned mùch of his Gaelic; far an robh iad a’ fuireach: where they were living; tha i an ìre mhath air a dhol a bìth:it [fem] has almost gone out of existence; tha mi an dòchas nach bi cuideigin a’ sgrìobhadh an dearbh rud: I hope that nobody will be writing the same thing.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh mòran dhiubh a Bheal Feirste a dh’fhuireach : many of them went to Belfast to live. I might have said chaidh mòran dhiubh a dh’fhuireach ann am Beal Feirste (many of them went to live in Belfast) but this is another way of effectively saying the same thing. Note that because the town’s name follows the preposition “a”, it is lenited. You might tend to use this word order to emphasise the place name (so it was not strictly necessary in the Litir) eg chaidh i a Phort Rìgh a dh’fhuireach, chan ann a Ghlaschu – she went to Portree to live, not to Glasgow.

Gnàthas-cainnt na Litreach: : Chaidh coimhearsnachd nam Fadgies a chur ma sgaoil: the Fadgies’ community was dispersed.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 84

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean