FaclairDictionary EnglishGàidhlig

342: Naomh Nachlan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Nachlan

Gaelic Gàidhlig

Nuair a dh’fhàg sinn an Naomh Nachlan an t-seachdain sa chaidh, bha e san Ròimh. Bha a ghàirdean deas glaiste ri a chois mar pheanas, às dèidh gun do chàin e Dia. Thilg e an iuchair airson na glaise ann an Uisge Dè, ann an àite ris an canar chun an là an-diugh Poll na h-Iuchrach.

Co-dhiù, nuair a bha e san Ròimh, cheannaich e iasg bho bhalach air an t-sràid. Dè lorg e am broinn an èisg ach iuchair – an aon tè a thilg e don abhainn ann an Alba. ’S e mìorbhail a bh’ ann. Thug Nachlan taing do Dhia. Bha e dhen bheachd gu robh Dia a’ toirt maitheanas dha.

Chuala am Pàp fhèin mun mhìorbhail agus chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air. Chaidh Nachlan ann agus dh’innis e don Phàp mun sgìre agus na daoine aige fhèin làimh ri Uisge Dè ann an Alba. Thathar ag ràdh gun do dh’iarr am Pàp air Nachlan fuireach san Ròimh greis agus gun do rinn e easbaig dheth.

Nuair a thill e a dh’Alba, thog Nachlan eaglais anns an Tulaich. Sgaoil e facal an Tighearna na b’ fhaide na dìreach sin, ge-tà. Thathar ag ràdh gun do thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain. Bha tè dhiubh sin ann am Mealdruim. Bhathar ag ràdh gun do shàbhail e na daoine an sin bho phlàigh le bhith a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean. Bha muinntir an àite a’ cumail a-mach gur ann sa chladh acasan a chaidh a thiodhlacadh às dèidh a bhàis.

Ach ’s ann don Tulaich as làidire a tha na ceanglaichean aige . A bharrachd air Poll na h-Iuchrach, tha Sliabh a’ Bheannachaidh agus Dail a’ Mhallachaidh ann. Tha iad le chèile co-cheangailte ris an naomh, a rèir beul-aithris. Ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1541), stèidhich Righ Seumas V fèill do Nachlan. Bha sin air a cumail air an ochdamh là dhen Fhaoilleach anns an Tulaich. Nuair a dh’atharraich am mìosachan anns an ochdamh linn deug, chaidh a chur air adhart chun an naoidheamh là deug dhen Fhaoilleach.

Thogadh eaglais ùr air làrach seann eaglais an Naoimh Nachlain, ach tha sin na tobhta an-diugh. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil an eaglais sin ainmeil – ach chan ann airson gnothaichean creideimh. A rèir beul-aithris, bha fìor dhroch shìde ann Didòmhnaich a bha seo. Bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann air sàilleabh na droch shìde. Dh’fhuirich e sa mhansa.

Ach chaidh gu leòr de mhuinntir an àite ann. Bha iad a’ feitheamh ris a’ mhinistear. Ach bha e eagallach fuar anns an eaglais. Bha dà dhòigh ann airson cumail blàth, shaoil na daoine – le bhith a’ dannsadh no le bhith a’ gabhail dram.

Chaidh bonaid timcheall airson airgead, agus chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse. Thug iad uisge-beatha air ais leotha don eaglais. Thug iad fìdhlear leotha cuideachd. Cha b’ fhada gus an do thòisich feadhainn air dannsadh san eaglais – gu port ùr a chaidh a dhèanamh sa spot leis an fhìdhlear. Agus am port? Uill, ’s e fear ainmeil a th’ ann air a bheil “Ruidhle an Tulaich” – the Reel of Tulloch – agus ’s ann mar sin a thòisich e.

Faclan na Litreach: mìorbhail: miracle; maitheanas: forgiveness; am Pàp: the Pope; Mealdruim: Old Meldrum; plàigh: plague.

Abairtean na Litreach: às dèidh gun do chàin e Dia: after he criticised God; thilg e an iuchair airson na glaise ann an Uisge Dè:he threw the key for the lock in the River Dee; Poll na h-Iuchrach: the pool of the key; dè lorg e am broinn an èisg ach iuchair:what did he find within the fish but a key [there is a play on ideas here because iuchair means fish roe, in addition to a key, so it would be natural to find “iuchair” inside a [female] fish; chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air: he sent a message to Nachlan to go and visit him; gun do rinn e easbaig dheth: that he made him a bishop; sgaoil e facal an Tighearna na b’ fhaide na dìreach sin: he spread the word of the Lord further than just that; bhathar ag ràdh gun do shàbhail e na daoine: it was said that he saved the people; a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean: circumnambulating the parish on his knees; Sliabh a’ Bheannachaidh agus Dail a’ Mhallachaidh: the moor of the blessing and the dale of the cursing; stèidhich Righ Seumas V fèill do Nachlan:King James V established a feast-day for Nachlan; nuair a dh’atharraich am mìosachan: when the calendar changed; thogadh eaglais ùr: a new church was built; tha sin na tobhta: that is a ruin; chan ann airson gnothaichean creideimh: not for religious matters: nach biodh coitheanal ann air sàilleabh na droch shìde: that there would be no congregation because of the bad weather; dh’fhuirich e sa mhansa:he stayed in the manse; eagallach fuar: terribly cold; le bhith a’ dannsadh no le bhith a’ gabhail dram: by dancing or by taking a dram; chaidh feadhainn de na gillean gu taigh-seinnse: some of the lads went to an inn; thug iad uisge-beatha air ais leotha: they took whisky back with them; gu port ùr a chaidh a dhèanamh sa spot leis an fhìdhlear: to a new tune that was improvised by the fiddler; ’s ann mar sin a thòisich e: that’s how it started.

Puing-chànain na Litreach: ’s ann don Tulaich as làidire a tha na ceanglaichean aige : his strongest connections are to Tullich. I want you to look at the construction of this Gaelic sentence – it is entirely different from the English. Literally, we say, “it is to Tullich the strongest are his connections”. Note in particular the position of the superlative adjective. Here are two other examples: ’s ann do dh’Alba a bu mhò a bha e dìleas (it is to Scotland he was most loyal); ’s ann air a’ chroit as trice a lorgar e (it is most often on the croft he will be found)

Try to develop a feel for such constructions as you strive towards fluency – try to think in Gaelic where possible, and listen carefully to native speakers. A good person to listen to is Seumas Dòmhnallach, one of the presenters of Aithris na Maidne on BBC Radio nan Gàidheal (103.5-105 FM or on the internet). Why not listen to him this week?

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fìor dhroch shìde ann : the weather was absolutely awful.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 38

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean