FaclairDictionary EnglishGàidhlig

210: Ceann Loch Lìobhann

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ceann Loch Lìobhann

Gaelic Gàidhlig

’S e Ceann Loch Lìobhann am baile as fhaide tuath air Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd ron cheann-uidhe anns a’ Ghearastan. Bha uair ann nuair a bha e na bhaile grànda tionnsgalach, ach chan ann mar sin a tha e an-diugh. Tha e làn fhlùraichean agus, air là brèagha, tha coltas laghach air. Tha feadhainn dhen bheachd gu bheil an t-àm ann an t-àite a “reic” mar fhear de phrìomh bhailtean na Gaidhealtachd airson cur-seachadan a’ mhonaidh.

’S e an àrainneachd a thug Companaidh Aluminium Bhreatainn ann cuideachd, ged nach robh mòran ùidh acasan ann am bòidhchead nàdarrach. Bha iad airson sgeama dealain-uisge a thogail ann, a’ cleachdadh cumadh na tìre agus a’ gabhail brath air an uisge mhòr a bhios ann gach bliadhna. Mar sin, dhèanadh iad aluminium gu saor.

Dh’obraich na ceudan air an sgeama, ach cha robh mòran dhiubh às an sgìre, oir cha robh sluagh mòr ann. Bha iad à iomadh dùthaich, ach gu h-àraidh à ceann a deas na h-Alba, Eirinn agus Sasainn. Thog iad dam agus chruthaich iad loch as ùr, fear mòr air a bheil Blackwater Reservoir, far nach robh ann roimhe ach gleann anns an robh trì lochan beaga. Nuair a bha an sgeama deiseil ann an naoi-deug ’s a naoi (1909), bha na leaghadairean ann an Ceann Loch Lìobhann comasach air seachd mìle gu leth tonna de dh’aluminium a dhèanamh anns a’ bhliadhna, a dhà uiread ’s a bh’ air a chleachdadh ann am Breatainn aig an àm.

Ach dh’atharraich a’ mhargaidh airson aluminium gu mòr taobh a-staigh beagan bliadhnaichean. Ann an naoi-deug is a ceithir-deug, thòisich an cogadh agus dh’àrdaich an t-iarrtas airson na meatailt, oir bha i air a cleachdadh ann an gnìomhachasan a’ chogaidh.

An uair sin, cha robh an leaghadair mòr gu leòr. Ach, airson tuilleadh aluminium a dhèanamh, b’ fheudar dhaibh tuilleadh dealain a dhèanamh agus tuilleadh uisge a stòradh. Leis a sin, thogadh pìob airson uisge a thoirt don Bhlackwater Reservoir à loch nàdarrach os cionn Ceann Loch Lìobhann, air a bheil Loch Eilde Mòr. Ach, leis gu robh mòran fhear òga air falbh thall thairis, bha e doirbh don chompanaidh a bha ga togail, Balfour Beatty, luchd-obrach gu leòr fhaighinn. Mar sin, am measg an fheadhainn a rinn an obair, bha prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach.

Dh’obraich na leaghadairean airson còrr is ceithir fichead bliadhna tro dhà chogadh ach, mu dheireadh, cha b’ urrainn dhaibh a bhith beò ann am farpais an aghaidh aluminium shaor à dùthchannan eile. A-nise, chan eil dad air fhàgail air an làraich ach aon togalach a-mhàin far an robh na h-uibhir uaireigin. Gu fortanach, cha do dh’aontaich na h-ùghdarrasan ris a’ bheachd-smuain, nuair a bha gnothaichean a’ dol gu mòr, ainm ùr a chur air a’ bhaile – Aluminiumville!

Thairis air bliadhnaichean na h-aluminium cha robh Ceann Loch Lìobhann idir coltach ri iomhaigh anns an t-seann òran:

Tha na h-aibhnean ’s na coilltean as bòidhch’ air an t-saoghal

Ann an gleannan mo ghaoil taobh Loch Lìobhainn.

Ach ’s dòcha gu bheil e nas coltaiche ri iomhaigh a-nise – agus bidh na mìltean de luchd-coiseachd a’ dol ann airson bòidhchead na sgìre fhaicinn dhaibh fhèin. Ma dh’fhanas iad ann greis, chì iad soighnichean dà-chànanach – Gàidhlig agus Beurla – ann an grunn àiteachan, eadhon am broinn tè de na bùthan.

Beagan mhìltean thar a’ mhonaidh gu tuath air Ceann Loch Lìobhann, tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ tighinn gu ceann anns a’ Ghearastan. Mòran taing airson tighinn nam chois oirre thar nan seachdainean a dh’fhalbh. An ath-sheachdain, bidh cuspair ùr agam, agus tha mi an dòchas gum bi sibh còmhla rium a-rithist.

Faclan na Litreach: Ceann Loch Lìobhann: Kinlochleven; bòidhchead nàdarrach: natural beauty; gu saor: cheaply; leaghadair: smelter; prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach: German prisoners-of-war; .

Abairtean na Litreach: ron cheann-uidhe anns a’ Ghearastan: before the journey’s end in Fort William; tha coltas laghach air:it’s got a nice appearance (laghach brings in more than physical appearance – also atmosphere); gu bheil an t-àm ann an t-àite a “reic”: that it’s time to “sell” the place; airson cur-seachadan a’ mhonaidh: for outdoor (hill) pastimes (eg hillwalking); bha iad airson sgeama dealain-uisge a thogail: they wanted to build a hydro-electric scheme; a’ cleachdadh cumadh na tìre: using the topography; a’ gabhail brath air an uisge mhòr: taking advantage of the high rainfall; far nach robh ann roimhe ach: where there was nothing before but; a dhà uiread ’s a bh’ air a chleachdadh: twice as much as was consumed; dh’àrdaich an t-iarrtas airson na meatailt: (the) demand for the metal rose; b’ fheudar dhaibh tuilleadh dealain a dhèanamh: they had to make more electricity; leis gu robh mòran fhear òga air falbh: because many young men were away; ann am farpais an aghaidh aluminium shaor: in competition with (against) cheap aluminium; far an robh na h-uibhir uaireigin: where there were once many; cha robh X coltach ri iomhaigh: X was not like its image; airson tighinn nam chois: for accompanying me.

Puing-ghràmair na Litreach: eadhon am broinn tè de na bùthan: even inside one of the shops. Do you understand why I said “tè” here. It is because bùthis a feminine noun; in these cases an individual item is thought of as a feminine object, ie tè. On the other hand, if the noun is masculine, as in taigh, we would use “fear” eg am broinn fear de na taighean. In order to work out which to use, you need to know whether the noun you are about to discuss is masculine or feminine – and this may be difficult in the early days. Don’t worry – you will get familiar with noun gender with increasing familiarity with the language, and if you make a mistake you will still be understood. Sometimes people take a shortcut and use the non-gender-specific “aon” (ie “one”) eg am broinn aon de na bùthan. This is acceptable and understandable although it is not as attractive to the fluent listener’s ear. Gender is important, as it is in many languages and I would suggest that when you learn a new word, you try to remember whether it is masculine or feminine.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha uair ann (nuair a bha e na bhaile grànda tionnsgalach): there was a time (when it was an ugly industrial town).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean