Bha mi ag innse dhuibh mun lighiche ainmeil ann am Muile, air an robh ‘An t-Ollamh Muileach’ mar ainm. Bha ceathrar ann, thairis air ùine, air an robh an t-ainm ‘An t-Ollamh Muileach’. ’S e Peutanaich a bh’ annta air fad.
B’ e am fear mu dheireadh agus am fear a b’ ainmeile aca – an Dotair Iain. Bha e beò anns an t-seachdamh linn deug. Thathar ag innse sgeulachdan is naidheachdan fhathast mun duine, agus mu na comasan aige mar lighiche.
Bha fear a bha seo ann am Muile, agus bha e a’ fulang sùilean goirte. Chaidh e a shireadh comhairle aig an Ollamh Mhuileach. Rinn an dotair sgrùdadh air.
‘Cha ghabhainn cus dragh mu na sùilean agad,’ thuirt e. ‘Ach ... do ghlùinean ... obh obh.’
‘Dè tha ceàrr air mo ghlùinean?’ dh’fhaighnich am fear eile.
‘Ò, chan fhada gum bi adharcan à’ fàs orra,’ fhreagair an t-Ollamh Muileach.
‘Adharcan?!’ thuirt am fear eile. ‘Mo chreach!’
‘Chan eil ann ach aon dòigh do ghlùinean a chumail saor bho na h-adharcan,’ thuirt an Dotair Iain. ‘Feumaidh tu do làmhan a chumail air do ghlùinean airson trì seachdainean, a latha ’s a dh’oidhche.’
Uill, ’s e lighiche cliùmhor a bh’ anns an Ollamh Mhuileach, agus ghabh am fear eile ri a chomhairle. An dèidh trì seachdainean, thill e gu taigh an Ollaimh. Dh’fhaighnich an lighiche dheth an robh na h-adharcan air nochdadh. Fhreagair am fear eile nach robh. ‘Agus ciamar a tha do shùilean?’ dh’fhaighnich an Dotair.
‘Tha iad math gu leòr,’ fhreagair am fear eile.
‘Is math sin,’ ars an t-Ollamh Muileach. ‘Thalla dhachaigh. Na gabh dragh mu na h-adharcan. Agus na suath do shùilean le do làmhan a-chaoidh tuilleadh!’
Am measg nan sgeulan eile à beul-aithris mun Dotair Iain, tha am fear – rudeigin brònach – air a bheil ‘An Losgann agus an Deanntag’. Cha robh ach aon nighean aige, agus dh’fhàs i tinn. Cha robh comas aig an Ollamh Mhuileach – no lighiche sam bith eile – càil a dhèanamh dhi. Mu dheireadh thall, chaochail i.
A rèir an sgeòil, ged a tha e doirbh a chreidsinn, rinn a h-athair corp-sgianadaireachd oirre. Lorg e losgann beò anns a’ chaolan aice. Bha e deimhinne gur e an losgann a dh’adhbharaich bàs na h-ìghne. Ge-tà, chùm an t-Ollamh an losgann beò, a’ toirt an aon bhìdh dha ’s a bha an teaghlach a’ gabhail gach latha.
Ach latha a bha seo, bha aige ri bhith air falbh bhon taigh airson grunn uairean a thìde. Dh’fhàg e òrdugh aig na searbhantan aige biadh a thoirt don losgann dìreach mar a bhitheadh gach latha. An latha sin, bha càl-deanntaig aca airson dinnear. Ghabh an losgann a leòr dheth. Agus, goirid an dèidh sin, bha e air a lorg marbh.
Bha eagal air na searbhantan gum biodh an t-Ollamh Muileach feargach nuair a thilleadh e. Ach cha robh. ‘Mo thruaighe!’ thuirt e. ‘Nam biodh fios air a bhith agam, seall cho furasta ’s a bha e air a bhith mo nighean a shàbhaladh.’
Le bhith ag atharrachadh biadh an losgainn gach latha, bha an t-Ollamh a’ feuchainn ri faighinn a-mach dè am biadh a mharbhadh e. Agus, an dèidh sin, mhol e càl-deanntaig do dhaoine as t-Earrach. Bha na Gàidheil an uair sin a’ gabhail càl-deanntaig gu tric aig an àm sin dhen bhliadhna, agus bithidh fhathast.