FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1169: A' Chaora sa Chreathail

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A' Chaora sa Chreathail

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mu rann annasach. Tha mi a’ ciallachadh le sin òran beag – tàladh – anns a bheil ceithir loidhnichean. Sheinn boireannach e. Bha i ri taobh creathail anns an taigh aice fhèin. Bha i, a rèir choltais, a’ gabhail an òrain airson leanabh anns a’ chreathail. Ach an robh leanabh sa chreathail?

Seo agaibh an rann: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh; Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan; Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath; ʼS tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna.

A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan – your relations are plentiful in the low country of the glens. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil cuid de chàirdean ‘an leanaibh’ ann an Cinn Tìre fìor mhath air a’ phìob-mhòir. Tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna. Uill, tha sin a’ ciallachadh gu bheil feadhainn eile de chàirdean an leanaibh air bòrd-bìdh ann an taigh-seinnse.

Tha mi an dùil gu bheil sibh a’ tuigsinn a-nise nach e leanabh a bha sa chreathail ach caora – no closach caorach – a bha am falach.

Seo mar a thachair e. Bha cìobair a’ fuireach faisg air Tairbeart Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal. Bha feadhainn a’ gabhail amharas air gun robh e ri mèirle chaorach. Agus bha! Aig a’ cheann thall, chaidh oifigearan don taigh aige airson fianais na aghaidh a lorg. Cha robh e fhèin a-staigh. Ach bha a bhean a-staigh. Chuir ise fàilte air na h-oifigearan agus gheall i dhaibh gun toireadh i a h-uile taic dhaibh a bha a dhìth.

Ach feumaidh gun robh fios aice gun robh iad a’ tighinn. Bha closach caorach aice a-staigh. Chuir i anns a’ chreathail e, agus chòmhdaich i e le plaideachan.

Fhad ʼs a bha na fir a’ sporghail anns an taigh, shuidh am boireannach sìos ri taobh a’ chreathail agus ghabh i tàladh airson an ‘leanabh’ a chumail socair, sàmhach. Tha mi a’ dèanamh dheth nach robh Gàidhlig aig na h-oifigearan.

Agus seo an t-òran a ghabh i: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh ... Nam biodh Gàidhlig air a bhith aig na h-oifigearan, ʼs dòcha gun robh iad air tuigsinn gun robh am boireannach gam mealladh. Ach fhuair i às leis a’ mhealladh.

Nise, airson an t-òran a mhìneachadh ceart ... seo e a-rithist: Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan. Tuigidh sibh gur ann sna gleannan a bhios a’ chuid mhòr de na caoraich. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Bha feadhainn air an dèanamh nam màlan pìoba-mòire – bags for bagpipes. Tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna. Sin far an do landaig an fheòil-chaorach fhèin. Bha na closaichean air an reic, agus landaig iad air truinnsearan ann an taigh-seinnse anns an Òban – pìos air falbh bhon àite-fuirich aig a’ chìobair agus a bhean.

Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil an sgeul sin fìor. Tha amharas agam nach eil ann ach naidheachd bhreugach!

Faclan na Litreach: rann: quatrain, verse; tàladh: lullaby; creathail: cradle; leanabh: baby; bòrd-bìdh: a dining table; màlan pìoba-mòire: bagpipe bags (made of sheepskin); taigh-seinnse: inn, public house; naidheachd bhreugach: a fictional anecdote.

Abairtean na Litreach: Bà hó, bà hó, bà hó: these are untranslatable vocables sung in a lullaby; tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan: your relations are plentiful in the low country of the glens; tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath: some in Kintyre are excellent pipers; tha mi an dùil gu bheil sibh a’ tuigsinn a-nise: I expect you now understand; nach e leanabh a bha sa chreathail ach caora: that it wasn’t a baby that was in the cradle but a sheep; closach caorach a bha am falach: a sheep carcase that was hidden; seo mar a thachair e: here’s how it happened; bha cìobair a’ fuireach faisg air Tairbeart Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal: there was a shepherd living near Tarbert Loch Fyne in Argyll; bha feadhainn a’ gabhail amharas air gun robh e ri mèirle chaorach: some people were suspecting him of rustling sheep; chaidh oifigearan don taigh aige airson fianais na aghaidh a lorg: officers went to his house to find evidence against him; gheall i dhaibh gun toireadh i a h-uile taic dhaibh a bha a dhìth: she promised them that she would grant them all the help they needed; chòmhdaich i e le plaideachan: she covered it with blankets; fhad ʼs a bha na fir a’ sporghail anns an taigh: while the men were rummaging in the house; ghabh i tàladh airson an ‘leanabh’ a chumail socair, sàmhach: she sang a lullaby to keep the ‘baby’ at ease and quiet; nam biodh Gàidhlig air a bhith aig na h-oifigearan: if the officers had been Gaelic-speakers; ʼs dòcha gun robh iad air tuigsinn gun robh am boireannach gam mealladh: perhaps they would have understood that the woman was deceiving them; fhuair i às leis a’ mhealladh: she got away with the deception; chan urrainn dhomh a ràdh a bheil an sgeul sin fìor: I can’t say if that story is true.

Puing-chànain na Litreach: tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna: some of them in Oban on a table in the ale-house. The lenition of bòrd here following the preposition air is unnatural in the modern language but reflects an older usage and is still found in Irish Gaelic. We see it ‘fossilised’ in phrases like beag air bheag and mean air mhean.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Sin far an do landaig an fheòil-chaorach: that’s where the mutton landed.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 865

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean