Aig toiseach an fhoghair bha mi air Eilean Lios Mòr ann an Earra-Ghàidheal.    ʼS fìor thoigh leam Lios Mòr. Tha an t-eilean brèagha is
    torrach, tha e ann an suidheachadh àlainn agus tha e làn eachdraidh.
    Bidh fios agaibh gu bheil mi measail air àiteachan a th’ air an ainmeachadh
    airson nam Fianna. Agus ann an ceann a tuath Lios Mòr, tha Eilean Loch
    Oscair, Sliabh nam Ban-Fiann, Fianna-Chnocan agus Port nam Mòr-laoch. Tha
    iad uile faisg air a chèile agus tha iad uile a’ cuimhneachadh nam Fianna.
    Bha e math cuideachd, aig cèilidh aon oidhche, a bhith am measg muinntir an
    àite, agus Gàidhlig aig gu leòr aca.
    Bha mi anns an eilean air adhbhar – airson daoine a stiùireadh don chladach
    a choimhead air feamainn a dh’fhàsas ann, agus mar a ghabhas a cur gu feum
    mar bhiadh is eile. Thagh sinn camas beag airson sin, a bha ri taobh seann
    chaisteal.
    Mus do thòisich sinn air sùil a thoirt air na bha a’ fàs air a’ chladach,
    b’ fheudar dhomh an sgeulachd mun chaisteal, Caisteal Chaifinn, innse do
    dhaoine. Co-dhiù tha e a’ riochdachadh na fìrinn no nach eil, chan urrainn
    dhomh a ràdh.
    ʼS e Lochlannach a bh’ ann an Caifinn. ʼS e prionnsa a bh’ ann, agus bha e
    cumhachdach is làidir. Bha an caisteal na dhachaigh dha. Bha piuthar aige
    air an robh Beothail mar ainm. Bha i àlainn na coltas is coibhneil na dol
    a-mach. Choisinn i cliù am measg muinntir an eilein.
    Bha Beothail ann an gaol le fear òg Lochlannach. Ach b’ fheudar don duine
    seo falbh a chogadh ann an Lochlann. Chaidh na mìosan seachad agus cha robh
    sgeul no guth air a’ ghaisgeach. Mu dheireadh, thàinig fios à Lochlann –
    chaidh an gaisgeach a mharbhadh ann am blàr fuilteach.
    Bha Beothail troimhe-chèile le bristeadh-cridhe agus bròn. Chaidh i a
    laighe na leabaidh agus cha do dh’èirich i aiste. Chaochail i no, mar a
    chanas iad ann an Lios Mòr, shiubhail i. Chaidh a
    tiodhlacadh air cnoc còmhnard faisg air a’ chaisteal.
    Bha Beothail aig fois ach cha robh a taibhs. Bhiodh daoine ga cluinntinn
    air oidhcheannan stoirmeil, ag ràdh nam faclan seo: ‘Tha mo bhràthair a’
    dol seachad. Tha mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’
    B’ e an t-iarrtas aice gum biodh an dust aice air a thoirt a Lochlann
    airson a bhith ri taobh a leannain.
    Chuala Caifinn a h-iarrtas. Thog e na cnàmhan aice às an uaigh agus ghlan e
    iad ann an tobar ris an canar Tobar nan Cnàmh. Sheòl Caifinn agus a sgioba
    gu ruige Lochlann agus chuir iad cnàmhan Beothail ann an uaigh a leannain.
    Ge-tà, goirid an dèidh do Chaifinn tilleadh a Lios Mòr, thòisich an taibhs
    aig Beothail air èigheachd a-rithist. ‘Tha mo bhràthair a’ dol seachad. Tha
    mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’ Rùraich daoine
    timcheall an àite far an robh i air a tiodhlacadh ann an Lios Mòr roimhe.
    Agus lorg iad aon chnàimh a bharrachd aice – cnàimh meòir. Sheòl iad air
    ais a Lochlann turas eile, leis a’ chnàimh bheag, agus chuir iad e fon
    talamh an cois nan cnàmh eile aig Beothail. Agus, bhon uair sin, cha
    chualas a taibhs a-rithist ann an Lios Mòr.