FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1008: Na Trì Lèintean Canaich (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Trì Lèintean Canaich (4)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha a’ bhanrigh trom a-rithist, ach lean i oirre le bhith a’ snìomh agus a’ fighe nan trì lèintean canaich airson a bràithrean a shaoradh bhon gheas. Thàinig an aon bhean-ghlùine ʼs a bh’ aice roimhe. Rug a’ bhanrigh leanabh-gille – an dàrna fear. Chuir a’ bhean-ghlùine roimhpe gun cadal fhaighinn. Ach, an dèidh seachdain, bha i ro sgìth agus thàinig an cadal oirre.

Cha b’ fhada bha i na cadal nuair a thàinig làmh mhòr a-steach air an uinneig. Thug i leatha an leanabh. Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha robh sgeul air an leanabh. Bha piseag a-staigh agus mharbh i i. Chuir i fuil a’ chait ann an cupa agus shuath i an fhuil ri beul na banrigh.

Chaidh i an uair sin far an robh an rìgh. ‘ ʼS ann olc a tha am boireannach siud,’ ars ise ris, ‘agus i ag ithe a leanaibh fhèin.’

‘Am bi i a’ dèanamh sin?’ thuirt an rìgh.

‘Bithidh,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.

‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ thuirt an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha sin an-dràsta.’

Thachair an gnothach turas eile. Bha a’ bhanrigh fhathast ag obair air na lèintean canaich. Rug i leanabh gille eile, ach chaidh a thoirt air falbh leis an làimh mhòir turas eile. Bha cuilean a-staigh. Mharbh a’ bhean-ghlùine an cuilean agus shuath i fuil bhuaithe air beul na banrigh.

Chaidh a’ bhean-ghlùine a-rithist far an robh an rìgh. ‘ ʼS ann olc a tha am boireannach siud. Dh’ith i a leanabh fhèin,’ thuirt i.

An turas seo, bha beachd eadar-dhealaichte aig an rìgh oirre. ‘Bidh sinn ga crochadh a-màireach,’ thuirt e.

Bha na trì lèintean canaich a-nise deiseil. Chaidh fios a-mach gu gach ceàrn gun robhar a’ dol a chrochadh na banrigh. Chaidh fios a chur air na trì coin ghlasa anns an uaimh. Thàinig iad air muin each, nan trì gillean òga, agus bha balachan beag leis a h-uile fear aca.

Dh’iarr a’ bhanrigh air an fhear a bu shine a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars ise.

‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.

Dh’iarr i an uair sin air an fhear mheadhanach a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine ùr air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars ise.

‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.

Dh’iarr i air an fhear a b’ òige a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhràthair,’ ars ise.

‘Gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar,’ ars esan.

‘ ʼS e sinne a thug a’ chlann agad air falbh,’ dh’aidich na bràithrean. ‘Bha an t-eagal oirnn gum bruidhneadh tu riutha aig àm laighe, agus gum biomaid fo gheasaibh gu sìorraidh. Seo an triùir bhalach agad.’

Chunnaic an rìgh seo agus bha e toilichte. Chuala e guth a mhnà airson a’ chiad turais. Chuir e às don bhean-ghlùine, don Iochlach Ùrlair (a’ bhana-bhuidseach) agus don mhuime olc. Thill e fhèin, a’ bhanrigh agus an triùir mhac don lùchairt, far an robh iad sona còmhla. Ach tha amharas agam nach do rinn a’ bhanrigh aon lèine chanaich tuilleadh fhad ʼs a bu bheò i.

Faclan na Litreach: Na Trì Lèintean Canaich: The Three Bog Cotton Shirts; trom:pregnant; piseag: kitten; eadar-dhealaichte: different; na trì coin ghlasa: the three grey dogs; balachan: wee lad.

Abairtean na Litreach: lean i oirre le bhith a’ snìomh agus a’ fighe: she continued spinning and weaving; airson a bràithrean a shaoradh bhon gheas: to free her brothers from the spell; thàinig an aon bhean-ghlùine ʼs a bh’ aice roimhe: the same midwife came that she had had before; rug a’ bhanrigh leanabh-gille: the queen gave birth to a son; thug i leatha an leanabh: it took the baby with it; chuir i fuil a’ chait ann an cupa: she put the cat’s blood in a cup; shuath i an fhuil ri beul na banrigh: she wiped the blood on the queen’s mouth; ʼs ann olc a tha am boireannach siud: that woman is evil; ag ithe a leanaibh fhèin: eating her own baby; am bi i a’ dèanamh sin?:does she [will she] be doing that?; chan eil i ach gòrach:she is just foolish; leigidh sinn leatha:we’ll let her be; rug i leanabh gille eile: she gave birth to another baby boy; mharbh a’ bhean-ghlùine an cuilean: the midwife killed the puppy; bidh sinn ga crochadh a-màireach: we’ll be hanging her tomorrow; dh’iarr a’ bhanrigh air an fhear a bu shine a chuid aodaich a chur dheth: the queen asked the eldest one to take off his clothes; gun còrd do lèine riut, a bhràthair: [I hope] that you enjoy your shirt, brother; gum bi thu fhèin slàn, fallain, a phiuthar: [I hope] that you’ll be hale and healthy, sister; ʼs e sinne a thug a’ chlann agad air falbh: it’s us that took away your children; bha an t-eagal oirnn gum bruidhneadh tu riutha aig àm laighe: we feared that you would speak to them at bedtime; gum biomaid fo gheasaibh gu sìorraidh: that we’d forever be under a spell; chuala e guth a mhnà: he heard his wife’s voice; fhad ʼs a bu bheò i: as long as she lived.

Puing-chànain na Litreach: gun robhar a’ dol a chrochadh na banrigh: that the queen was going to be hanged. Gun robhar is a passive form, the relative form of bhathar. Bhathar a’ dol a chrochadh na banrigh ‘the queen was going to be hanged’. Crochadh is a verbal noun in its infinitive form which places banrigh in the genitive case thus the genitive article na.

Gnathas-cainnt na Litreach: thàinig an cadal oirre : she fell asleep.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 704

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean