ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

593: Bilidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta, Bilidh, a chaidh a chruinneachadh ann am Barraigh anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid de na faclan anns an stòiridh rud beag seann-fhasanta. Bha am fear òg seo, Bilidh, uabhasach measail air mèirle. Bha e air stuth a ghoid air an duine uasal a bha a’ fuireach faisg air. Dh’iarr an duine uasal air a dhol a dh’ionnsachadh na mèirle gu ceart. Feumaidh gun robh plana aige airson Bilidh.

Co-dhiù, bha Bilidh air mèirle ionnsachadh, ceart gu leòr, ach bha an duine uasal airson aon deuchainn a bharrachd a chur air.

“Bidh claidheamh agam air a’ bhòrd,” thuirt e, “agus daga làn urchair. Mura toir thu leat an lìon anart – no siota – fo dhruim mo mhnà, cha bhi tuilleadh saoghail agad.”

“Gu dearbh,” arsa Bilidh, “tha e a cheart cho math dhuibh mo mharbhadh far a bheil sinn.”

“Mura dèan thu siud,” thuirt an duine uasal a-rithist, “cha bhi mòran saoghail agad.”

“’S e seo an rud a bu dorra a chaidh mu mo choinneimh riamh,” arsa Bilidh. Ach dh’fhalbh e air an oidhche sin fhèin agus chaidh e don chladh. Thog e corp a bh’ air ùr-thiodhlacadh ann is chuir e aodach air. Thug e an corp leis. Bha ròp aige. Ràinig e taigh an duine uasail is chaidh e suas air a’ mhullach. Leig e an corp sìos an similear air an ròp.

Dh’fhairich an duine uasal fuaim. Dh’èirich e agus las e solas. Chunnaic e casan a’ tighinn sìos an similear.

Mac an fhir ud!” smaoinich e (bha e dhen bheachd gur e Bilidh a bh’ ann). “Bheir mise air nach bi tuilleadh saoghail aige. Cha loisg mi air a chasan. Ach nuair a nochdas a chorp ’s ann an uair sin a loisgeas mi air.”

Nuair a thàinig an corp a-nuas, loisg an duine uasal air. “Sin e!” thuirt e. “Fàgaidh mi an sin e gus an tig an latha.”

“Air gaol Dhè, na fàg!” ars a bhean. “Thalla leis agus tiodhlaic e, mus adhbharaich e do bhàs fhèin.”

Chuir an duine uasal an corp air a ghualainn. Ghabh e a-mach leis. Nuair a mhothaich Bilidh gun robh an duine uasal air falbh leis a’ chorp, a-staigh a ghabh e. Anns an dorchadas thug e a chreidsinn do bhean an duine uasail gum b’ esan an duine aice. “Tha e cho trom,” thuirt e ann an guth uasal, “’s nach urrainn dhomh falbh leis an-dràsta.”

Agus chaidh Bilidh don leabaidh le bean an duine uasail. Beag air bheag, dh’obraich e an lìon anart don taobh aigesan. Nuair a bha e aige, dh’èirich e is dh’fhalbh e a-mach.

Thàinig an duine uasal às dèidh dha an corp a thiodhlacadh. “Tha mi sgìth agus air mo shàrachadh,” thuirt e.

“Dè, a ghràidh, a dh’fhàgadh sgìth thu?” dh’fhaighnich a bhean. “Chan eil dà mhionaid on a dh’fhàg thu mi anns an leabaidh.”

Sheall an duine uasal air an leabaidh. Mhothaich e gun robh an lìon anart a dhìth. Bha Bilidh air a’ chùis a dhèanamh air. “Biodh e fhèin agad cuideachd,” thuirt an duine uasal ri a bhean. Dh’fhalbh an duine uasal agus bha an taigh agus bean aige aig Bilidh. Tha mi cinnteach nach robh dragh air Bilidh tuilleadh mu bhith ri mèirle.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Bilidh: Billy; seann-fhasanta: old-fashioned; claidheamh: sword; cladh: cemetery; a dhìth: missing.

Abairtean na Litreach: measail air mèirle: keen on thieving; bha an duine uasal airson aon deuchainn a bharrachd a chur air: the gentleman wanted to set him another test; daga làn urchair: a pistol full of shot; mura toir thu leat an lìon anart: if you don’t take with you the sheet; fo dhruim mo mhnà: under my wife’s back; tha e a cheart cho math dhuibh mo mharbhadh: it’s as well for you to kill me; an rud a bu dorra a chaidh mu mo choinneimh riamh: the most difficult thing that ever faced me; thog e corp a bh’ air ùr-thiodhlacadh: he raised a body that had been newly buried; sìos an similear: down the chimney; dh’fhairich X fuaim: X heard a noise; nuair a nochdas a chorp ’s ann an uair sin a loisgeas mi air: when his body appears, it’s then that I’ll fire at [on] it; gus an tig an latha: until the day[light] comes; air gaol Dhè, na fàg!: for the love of God, don’t [leave it]!; thalla leis agus tiodhlaic e: go with it and bury it; mus adhbharaich e do bhàs fhèin: before it causes your own death; a-staigh a ghabh e: in he went; thug e a chreidsinn do bhean an duine uasail gum b’ esan an duine aice: he pretended to the gentleman’s wife that he was her husband; cho trom ’s nach urrainn dhomh falbh leis: so heavy that I can’t leave with it; beag air bheag: little by little; dh’obraich e an lìon anart don taobh aigesan: he worked the sheet to his sìde; às dèidh dha an corp a thiodhlacadh: after he had buried the body; air mo shàrachadh: harrassed; dè, a ghràidh, a dh’fhàgadh sgìth thu?: what, dear, would leave you tired?; biodh e fhèin agad: let him be yours.

Puing-chànain na Litreach: Bheir mise air nach bi tuilleadh saoghail aige: I’ll make sure he doesn’t live long. This is a traditional usage. Although we tend to think of saoghal as meaning “world” – eg muinntir an t-saoghail (the people of the world), dè air an t-saoghal mhòr a tha a’ dol? (what on Earth is happening?), it can also mean “life”. Here are some examples of usage: tha mi an dòchas gum bi saoghal fada agad (I hope you have a long life), tha i faisg air deireadh a saoghail, tha eagal orm (she is close to the end of her life, I’m afraid), ma gheibh mi saoghal, nì mi mo dhìcheall a bhith nam dhuine math (if I survive, I’ll try to be a good person).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mac an fhir ud!: that fiend! [lit. the son of that man].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 289

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean