ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

392: Bàr Inbhir Èireann

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun sgrios a rinn tuiltean ann am Moireibh o chionn fhada. Uill, chan e uisge a-mhàin a rinn sgrios air bailtean Mhoireibh gu h-eachdraidheil. Tha aon àite ann far an do chaill daoine an dachannan is am bailtean air sàilleabh gainmheach. Seadh – gainmheach. Tha mi a’ bruidhinn mu Alba, seach mu fhàsach tioram.

Thachair e faisg air a’ chladach ann an àite ris an canar na Culbin Sands ann am Beurla. ’S e an t-ainm a th’ air ann an Gàidhlig – Bàr Inbhir Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn.

Tha baile Inbhir Èireann air taobh thall na h-aibhne bho Bhàr Inbhir Èireann. Ged a tha sluagh an ìre mhath mòr ann am baile Inbhir Èireann an-diugh, chan eil duine a’ fuireach air an taobh eile. Tha an t-àite còmhdaichte le giùthsach mhòr – sin coille mhòr de chraobhan giuthais. Tha e na thèarmann nàdair oir bidh mòran eun a’ tadhal air no a’ neadachadh ann.

Chaidh coille a chur anns an àite oir b’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich. Mura b’ e na craobhan, ’s dòcha gum biodh a’ ghainmheach fhathast a’ sgaoileadh do dh’àiteachan ùra.

Tha e doirbh a chreidsinn an-diugh, ach b’ àbhaist do Bhàr Inbhir Èireann a bhith ainmeil airson cho torrach ’s a bha e. Anns an treas linn deug bha an oighreachd sin am measg an fheadhainn a bu torraiche ann am Moireibh. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann am meadhan na h-oighreachd. Bha leas brèagha mu a thimcheall. Bha ubhalghort ann cuideachd.

Bha na daoine beartach – na h-uachdarain co-dhiù. Bha crodh is caoraich ann. Bhathar a’ fàs eòrna, coirce is cruithneachd. Bha tuathanasan air an oighreachd. Bha cuid eile a’ dèanamh bith-beò le bhith ag iasgach anns an abhainn.

An uair sin thàinig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thàinig stoirm, agus gainmheach a’ chladaich leatha, gu h-obann is gun rabhadh. Bha duine a’ treabhadh ann an achadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhàg e an crann far an robh e. Bha feadhainn a’ buain eòrna. B’ fheudar dhaibhsan teicheadh cuideachd. Cha d’ fhuair iad air ais airson an cuid obrach a chrìochnachadh. Cha d’ fhuair no an treabhaiche. An ceann greis bha an crann treabhaidh aige air a chòmhdachadh le gainmheach. Cha robh sgeul air.

Lean a’ ghainmheach oirre, a’ còmhdachadh a h-uile nì a bha na rathad. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. An ath mhadainn, b’ fheudar do na daoine briseadh a-mach air cùl nan taighean aca. Dh’èirich an stoirm a-rithist air an dàrna latha. Dh’iomain na daoine an cuid cruidh air falbh. Agus theich iad fhèin leis a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha.

Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bha lighe mhòr ann. An uair sin bhris an abhainn tron ghainmhich ann an àite ùr. Agus le bhith a’ dèanamh sin, sguabaich i air falbh seann bhaile Inbhir Èireann.

Nuair a thill muinntir Bhàr Inbhir Èireann do na bailtean aca, cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.

Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd pàirt dhen t-seann taigh mhòr os cionn na gainmhich – dìreach airson greis. Chaidh fear gu mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos. Chuala e guth ag èigheachd suas a-rithist! Mac-talla no taibhs? Fàgaibh mi sin agaibh fhèin.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Bàr Inbhir Èireann: Culbin Sands; giùthsach: pine wood; am foghar: autumn; a’ treabhadh: ploughing; mac-talla: echo; taibhs: ghost.

Abairtean na Litreach: mun sgrios a rinn tuiltean ann am Moireibh: about the damage that floods in Moray did; chan e uisge a-mhàin a rinn sgrios:it is not only water that damaged; seach mu fhàsach tioram: rather than about a dry desert; baile Inbhir Èireann: Findhorn village; ged a tha sluagh an ìre mhath mòr ann: although there is a reasonably large population; tha e na thèarmann nàdair oir bidh mòran eun a’ tadhal air no a’ neadachadh ann: it is a nature reserve because many birds visit it or nest there; b’ e sin an aon dòigh airson stad a chur: that was the only way to stop; an treas linn deug: 13th Century; an fheadhainn a bu torraiche: the most fertile ones, ùir domhainn: deep soil; bha leas brèagha mu a thimcheall: there was a beautiful garden around it; na h-uachdarain co-dhiù: the lairds, at least; bhathar a’ fàs eòrna, coirc is cruithneachd: barley, oats and wheat were grown; a’ dèanamh bith-beò: making a living; agus gainmheach a’ chladaich leatha: and [carrying] with it the sand of the shore; gu h-obann is gun rabhadh:suddenly and without warning; b’ fheudar dhaibhsan teicheadh cuideachd: they also had to flee; airson an cuid obrach a chrìochnachadh: to finish their work; cha d’ fhuair no an treabhaiche: neither did the ploughman; cha robh sgeul air: there was no sign of it; dh’iomain na daoine an cuid cruidh: the people drove their cattle; leis a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha: with everything they could take with them; sguabaich i air falbh: it swept away; os cionn na gainmhich: above the sand; chuala e guth ag èigheachd suas: he heard a voice shouting up.

Puing-chànain na Litreach: nochd pàirt dhen t-seann taigh mhòr : part of the old estate house appeared. Can you explain why taigh is here not lenited, while mòr is lenited? (We would say pàirt dhen t-seann bhàta bhuidhe, for example). The lenition of taigh, which should occur after seann, is blocked by the n-t combination. A terminal -n traditionally blocks lenition of a following word starting with d-, t- or s-. This is why we say seann duine, not seann dhuine. But the whole phrase taigh mòr is in the dative (singular) case following the simple preposition de. The adjective follows the lenition pattern that would be shown by a lenitable noun following an article (eg anns a’ bhàta mhòr ) so we get dhen taigh mhòr. Insert the initial adjective and we get dhen t-seann taigh mhòr.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mura b’ e na craobhan (’s dòcha gum biodh a’ ghainmheach fhathast a’ sgaoileadh): if it weren’t for the trees (perhaps the sand would still be spreading).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 88

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean