An t-seachdain ’s a chaidh, thug mi an tòimhseachan seo dhuibh.
Triùir air muin trì
’S trì nan dèidh.
B’ iad sin triùir bhràithrean,
Dol a dh’iarraidh bean dom màthair fhèin.
Seo a-nise am fuasgladh. Bha na bràithrean air muin eich, agus bha na coin aca gan leantainn – sin agaibh an “trì nan dèidh”. Bha na gillean ann an cabhaig
cobhair fhaighinn dom màthair, a bha an impis leanabh a bhreith. Bha iad a’ dol a dh’iarraidh bean-ghlùin air a son. Is sin agaibh e.
Airson a’ chòrr dhen Litir an t-seachdain-sa, bu mhath leam stòiridh innse dhuibh. Faodaidh sibh suidhe sìos is gabhail air ur socair! Bha gille a bha seo
a’ fuireach ann an Siorrachd Pheairt o chionn fhada. Thàinig an latha nuair a bha aige ri falbh a dh’iarraidh obair agus dh’fhàg e dhachaigh, is chaidh e
don cheann a tuath. Mu dheireadh, fhuair e obair mar sgalag aig tuathanach.
Bha an obair cruaidh ach, a dh’aindeoin sin, ’s e glè bheag a fhuair an gille ri ithe. ’S e spìocair a bha anns an tuathanach. Bhiodh an gille ag obair bho
shia uairean sa mhadainn gu meadhan-latha gun càil idir fhaighinn agus, an uairsin, gheibheadh e bobhla lìte. As dèidh sin, chumadh e ris an obair aige gu
seachd uairean feasgar gun rud sam bith eile ri ithe. An uairsin gheibheadh e bobhla bhuntàta le ìm. Ach feòil? Chan fhaigheadh e eadhon fàileadh dhith.
Mhair e mar sin airson mìos. Ach an uairsin, dh’atharraich cùisean. Bhàsaich seann mhuc aig an tuathanach – tè mhòr shalach ghrànda – ach cha robh fios aig
an sgalaig co-dhiubh ’s e tinneas neo seann aois a chuir às dhi. Thachair seo anns a’ mhadainn, agus air an dearbh oidhche sin fhèin, bha feòil gu leòr air
an truinnsear. Muic-fheòil!
Mhair a’ mhuic-fheòil fad seachdain agus, mu dheireadh, shaoil an gille gu robh blas àraidh oirre. An uairsin, cha robh sgeul oirre agus bha an gille air
ais gu diathad shìmplidh gach oidhche – buntàta is ìm. Bha e mar sin airson greis gus an cuala an gille gu robh seann reithe an tuathanaich air bàs
fhaighinn. Bhàsaich e anns a’ mhadainn, agus dè bha air a thruinnsear air an oidhche sin fhèin ach muilt-fheòil.
Mhair an fheòil sin fad còig latha agus, air a’ chòigeamh latha, bha blas car neònach oirre. An uairsin bha cùisean air ais mar a bha iad roimhe - lìte aig
meadhan-latha is buntàta air an oidhche. As dèidh greis, ge-tà, bhàsaich seann bhò. Agus bha mairt-fheòil aig a’ ghille airson deich latha.
Chum gnothaichean a dol mar sin. Bhiodh ùine aig a’ ghille gun rud sam bith ri ithe ach lìte is buntàta, an uairsin gheibheadh seann bheathach eile bàs
agus bhiodh feòil aige. Ach madainn a bha seo chuala e naidheachd a chuir an t-uabhas air, agus dh’fhàlbh e sa spot. Rinn e air an rathad gu deas agus, mu
dheireadh, thàinig e don taigh aige fhèin. Bha athair aig an doras.
“Carson a thill thu?” dh’fhaighnich e.
“B’ fheudar dhomh tilleadh,” thuirt an gille. “Chuala mi fìor dhroch naidheachd agus cha b’ urrainn dhomh fuireach na b’ fhaide.”
“Dè bh’ ann?” dh’fhaighnich athair. “Dè bh’ ann a thug ort falbh gu grad?”
“Chuala mi,” thuirt an gille, “gun do chaochail màthair-chèile an tuathanaich!”