ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

345: Sanndaidh MacLeòid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Bha Sanndaidh MacLeòid à Gleann an t-Slugain a’ dol a mharbhadh an tuirc, air an robh Tad-Losgann mar ainm. Bha an torc mòr is sanntach. Bha aig a h-uile teaghlach san sgìre ri bò a thoirt don uachdaran airson an torc a bhiathadh. Bha an t-uachdaran a’ fuireach ann an Caisteal Ceann na Drochaid ann am Bràigh Mhàrr.

Bha Sanndaidh air taobh thall an uillt bho tholl an tuirc. Bha e tràth tràth sa mhadainn agus bha e fhathast dorch. Anns an dorchadas, chunnaic e freiceadan air bàrr balla a’ chaisteil. Dh’fheumadh Sanndaidh a bhith faiceallach – agus sàmhach. Choimhead e a-steach don toll. Cha robh sgeul air an torc. Bhiodh e na chadal anns an t-saobhaidh aige. Thug an gille grèim air casan a’ chapaill-choille mhairbh a bh’ aige. Thilg e closach an eòin thairis air an allt is a-steach don toll.

Thàinig an torc a-mach às an t-saobhaidh. Chaidh e gu far an robh closach a’ chapaill-choille. Bha Sanndaidh deiseil. Loisg e saighead air. Chaidh an t-saighead tro chridhe an tuirc agus thuit am beathach marbh. Cha do rinn e fuaim sam bith. Rinn Sanndaidh a shlighe dhachaigh agus chaidh e air ais a leabaidh.

Anns a’ mhadainn bha muinntir a’ chaisteil air bhoil. Bha an torc nimhe aig an uachdaran marbh, agus saighead na chridhe. Thachair e fo shròn an fhreiceadain. Bha esan anns an toll-dhubh airson a bhith dearmadach. ’S e an rud a bu mhios’ a bh’ ann gu robh dùil air Rìgh Calum anns an sgìre an ath-là. Bha an t-eagal ann gum feuchadh am boghadair air an rìgh. Air an làimh eile, bha na daoine cumanta toilichte gu robh an torc marbh. Cha bhiodh aca ri bò a thoirt seachad don uachdaran tuilleadh.

Bha an t-uachdaran feargach. Chuir esan roimhe am boghadair a lorg. Thug e sùil gheur air an t-saigheid a mharbh an torc. Bha na h-itean air an cur oirre ann an dòigh shònraichte. Chuir e fios mun cuairt, feuch faighinn a-mach cò am fleistear a bh’ ann, cò am fear a bhiodh a’ dèanamh shaighdean anns an dòigh sin. Chuir e daoine a-mach gu gach taigh airson saighdean a lorg a bha coltach ris an tè a mharbh Tad-Losgann. Ro chiaradh an fheasgair, thill dithis aca le Sanndaidh MacLeòid nan cois. Thilg iad Sanndaidh don toll-dhubh.

Air an làrna-mhàireach, chaidh Sanndaidh a thoirt a-mach. Nochd e mu choinneimh an uachdarain. Mhìnich an gille don uachdaran mar a mharbh e an torc airson bò a mhàthar a shàbhaladh. Ach cha robh tròcair sam bith aig an uachdaran dha. Thuirt e ri Sanndaidh gum biodh e air a chrochadh an ath mhadainn air a’ chroich air Creag Choinnich.

Bha màthair Shanndaidh, a’ Bhanntrach NicLeòid, troimh-a-chèile mu na thachair. Uair is uair choirich i i fhèin air a shon. Bha i dhen bheachd gum b’ ise a bu chòir a bhith a’ dol air a’ chroich, seach an gille aice. Ach dè dhèanadh i? Bha fios aice nach biodh tròcair sam bith aig an uachdaran dhi. ’S e duine cruaidh, an-iochdmhor a bh’ ann. Cha dèanadh e feum sam bith dhi dhol a dh’iarraidh tròcair bhuaithe.

Ge-tà, bha beagan dòchais aice, oir chuala i gu robh an rìgh gu bhith ann an Caisteal Ceann na Drochaid an ath-là. Calum a’ Chinn Mhòir fhèin. Chuir i roimhpe coinneachadh ris an rìgh mus ruigeadh e Bràigh Mhàrr airson a’ chùis a mhìneachadh dha. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhi anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Sanndaidh: Sandy; sanntach: greedy; freiceadan: sentry; saobhaidh: animal den; tròcair: mercy.

Abairtean na Litreach: bha aig a h-uile teaghlach ri bò a thoirt don uachdaran: every family had to give the landlord a cow; bha e tràth tràth sa mhadainn:it was very early in the morning; dh’fheumadh Sanndaidh a bhith faiceallach: Sandy would have to be careful; cha robh sgeul air an torc: there was no sign of the boar; thug e grèim air casan a’ chapaill-choille mhairbh: he took hold of the legs of the dead capercaillie; thilg e closach an eòin: he threw the bird’s carcase; chaidh an t-saighead tro chridhe an tuirc: the arrow went through the boar’s heart; rinn X a shlighe dhachaigh: X made his way home; bha X air bhoil: X were in a frenzy; thachair e fo shròn an fhreiceadain: it happened under the sentry’s nose; anns an toll-dhubh airson a bhith dearmadach: in the dungeon for being negligent; ’s e an rud a bu mhios’ a bh’ ann: the worst thing was; gum feuchadh am boghadair air an rìgh: that the archer would try [to kill] the king; cha bhiodh aca ri bò a thoirt seachad tuilleadh: they would no longer have to give away a cow; bha na h-itean air an cur oirre ann an dòigh shònraichte:the feathers were put on it [fem.] in a particular way; feuch faighinn a-mach cò am fleisdear a bh’ ann: to try to find out who the fletcher/arrowmaker was: ro chiaradh an fheasgair: before dusk; mar a mharbh e an torc airson bò a mhàthar a shàbhaladh: how he killed the boar in order to save his mother’s cow; gum biodh e air a chrochadh: that he would be hanged; uair is uair choirich i i fhèin: time and again she blamed herself; gum b’ ise a bu chòir a bhith a’ dol air a’ chroich: that is was herself should be going on the gibbet; ’s e duine cruaidh, an-iochdmhor a bh’ ann: he was a hard, unmerciful man; coinneachadh ris an rìgh mus ruigeadh e Bràigh Mhàrr: to meet the king before he reached Braemar.

Puing-chànain na Litreach: thilg iad Sanndaidh don toll-dhubh : they threw Sandy into the dungeon. I have taken the traditional view of leniting the second element of toll-dubh in the dative singular with the article. But the main point I want to make is the use of the preposition do (or dialectually dha – I might have said dhan toll-dhubh). In relation to a location, as here, and with the use of a verb like “tilg”, it means “to and into”. You might have expected me to say, “thilg iad Sanndaidh anns an toll-dhubh” but it would be possible to understand from that that Sandy was already in the dungeon and was being thrown about within it. The use of do/dha makes it clear that he is being thrown into the dungeon. Similarly thuit e don abhainn would mean “he fell into the river” (from another place eg the bank or a bridge), whereas thuit e san abhainn suggests that he was already in the river when he fell.

Gnàthas-cainnt na Litreach: innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhi anns an ath Litir: I’ll tell you how she got on in the next Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 41

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean