ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

420: Eilean Mhanainn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Càite an robh na coimhearsnachdan mu dheireadh far an robh Gàidhlig Eilean Mhanainn air a cleachdadh ann an nòs traidiseanta mar chainnt an t-sluaigh? Ceann a deas an eilein? Ceann a tuath an eilein? Uill, dh’fhaodadh nach ann an Eilean Mhanainn idir a bha iad. Dh’fhàg mòran Mhanainneach an t-eilean anns an naoidheamh linn deug. Cha robh e beartach an uair sin mar a tha e an-diugh.

Chaidh mòran dhiubh gu ruige Ohio agus Pennsylvania anns na Stàitean Aonaichte. Bha an cànan beò ann am Pennsylvania aig toiseach an fhicheadamh linn. Agus bha i air a cleachdadh gu cunbhalach ann an grunn bhailtean ann an Ohio – a’ gabhail a-steach Cleveland fhèin. Thathar a’ tomhas gu bheil tùsan Manainneach aig trithead mìle duine ann an Cleveland. Chan eil ach ochdad mìle ann an Eilean Mhanainn fhèin.

Ach – dìreach mar a tha ann an Alba an-diugh – ’s ann san t-seann dachaigh aice a mhaireas an cànan beò no a gheibh i bàs. Mar a chì sinn tha barrachd dòchais aig muinntir Eilean Mhanainn an-diugh gum mair i na bh’ aca airson ùine.

Gu mì-fhortanach, ge-tà, anns an naoidheamh linn deug bha mòran – gu h-àraidh ann an ùghdarrasan riaghlaidh an eilein – a’ guidhe bàs dhi. Ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1871), bha i fhathast aig fichead ’s a còig às a’ cheud dhen t-sluagh – còrr is trì mìle deug duine. Aig toiseach an fhicheadamh linn bha sin air tuiteam gu beagan is ceithir mìle. Agus ann an naoi ceud deug fichead ’s a h-aon (1921), bha na bu lugha na mìle air fhàgail. Ceathrad bliadhna às dèidh sin bha dìreach dithis ann – Sage Kinvig, a chaochail bliadhna às dèidh sin, agus Ned Maddrell a chaochail ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1974).

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn chaidh mi a Chreneash. ’S e sin am baile anns an deach am film Waking Ned a dhèanamh. Chan eil fhios a’m am faca sibh am film ach tha e glè shnog. Tha e stèidhichte air coimhearsnachd iomallach ann an Èirinn far a bheil bodach a tha seo – air a bheil Ned – a’ buannachadh a’ chrannchair nàiseanta. Tha uiread de ghrad-iongantas a’ tighinn air nuair a gheibh e an naidheachd, ’s gu bheil e a’ faighinn bàs sa spot. Tha a’ choimhearsnachd an uair sin a’ cur duine eile na àite gus am faigh iad an duais.

Co-dhiù, chaidh am filmeadh gu lèir a dhèanamh ann an Eilean Mhanainn, agus ’s e Creneash a sheas mar am baile Èireannach. ’S e baile sean-fhasanta a th’ ann anns a bheil mullaichean tughaidh air cuid de na seann taighean fhathast. Agus tha am bogsa-fòn anns a’ bhaile fhathast uaine oir chaidh a pheantadh airson a film. ’S e bogsaichean dearga a th’ aca ann an Eilean Mhanainn – an aon rud ri Breatainn.

Ann an dòigh tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh’ air a’ bhodach Èireannach, agus Waking Ned a bh’ air a film, oir tha ceangal làidir eadar an t-ainm agus Creneash. Oir ’s e sin am baile far an robh Ned Maddrell a’ fuireach – am fear mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Eilean Mhanainn mar chiad chànan. Agus roimhe sin bha fear eile ann an Creneash a bha gu math ainmeil. B’ esan Edward Faragher. Ach bha daoine eòlach air mar Neddy Beg Hom Ruy. Bha e na iasgair, sgrìobhadair, sgeulaiche is bàrd. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Eilean Mhanainn: Isle of Man; Na Stàitean Aonaichte: The United States; Creneash: Cregneash; sean-fhasanta: old-fashioned.

Abairtean na Litreach: ann an nòs traidiseanta mar chainnt an t-sluaigh: in an old traditional manner as the speech of the people; ceann a tuath an eilein: the north end of the island; dh’fhaodadh nach ann an X a bha iad: perhaps it’s not in X they were; gu ruige Ohio: to Ohio; bha i air a cleachdadh gu cunbhalach ann an grunn bhailtean: it was used regularly in several towns; a’ gabhail a-steach: taking in; thathar a’ tomhas: it is estimated; tùsan Manainneach: Manx origins; ’s ann san t-seann dachaigh aice a mhaireas an cànan beò no a gheibh i bàs: it is in her old home that the language will survive or die; gu h-àraidh ann an ùghdarrasan riaghlaidh an eile: particularly in the island’s governing authorities; còrr is: more than; na bu lugha na mìle: less than a thousand; a chaochail bliadhna às dèidh sin: who died the following year [a year after that]; a’ buannachadh a’ chrannchair nàiseanta: winning the national lottery; uiread de ghrad-iongantas a’ tighinn air: he gets such a shock [sudden surprise]; ’s gu bheil e a’ faighinn bàs sa spot: that he dies suddenly; duine eile na àite: another man in his place; gus am faigh iad an duais: so that they get the prize; anns a bheil mullaichean tughaidh air cuid de na seann taighean: in which some of the old houses have thatched roofs; chaidh a pheantadh: it was painted; bogsaichean dearga: red boxes; ann an dòigh tha e car iongantach: in a way it’s quite surprising/remarkable; am fear mu dheireadh: the last man; bha daoine eòlach air mar: people knew him as; Neddy Beg Hom Ruy: Neddy Beag Thom Ruaidh; iasgair, sgrìobhadair, sgeulaiche is bàrd: fisherman, writer, story-teller and poet..

Puing-chànain na Litreach: bha i fhathast aig fichead ’s a còig às a’ cheud dhen t-sluagh: it was still at [spoken by] 25% of the population. This is a revision of the linguistic point raised in Litir 166 (16.08.02) in which we looked at how to express percentages in Gaelic by saying às a’ cheud (out of 100). 66% would be seasgad ’s a sia às a’ cheud. But, of course, I might also have said aig a’ cheathramh chuid dhen t-sluagh or aig cairteal dhen t-sluagh (a quarter of the population). Note also the expression trì mìle deug duine which means “thirteen thousand people”. I might also have said (in a less traditional manner) trì-deug mìle duine. Both are acceptable. Note that in a number like this we use the singular noun duine, rather than the plural daoine.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ guidhe bàs dhi : wishing it would die [lit. wishing death to her].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 116

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean