ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

497: Balla Antonine

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn a’ leantainn slighe Balla Antonine tro mheadhan na h-Alba on cheann an iar don cheann an ear. Tha sinn a’ tadhal air na dùin a thog na Ròmanaich. An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air a’ chiad dhà – Dùn Chill Phàdraig agus Dùn Tòchair – agus iad le chèile a’ giùlain ainmean Gàidhlig. ’S e an treas dùn Cleddans Fortlet. Chan eil coltas Gàidhlig air sin, a bheil?

Uill, tha cuid dhen bheachd gur e dha-rìribh ainm Gàidhlig a th’ ann, ’s gu bheil e a’ tighinn bhon fhacal cladhan. A rèir Faclair Dwelly tha cladhan a’ ciallachadh “channel, very shallow stream”. Sgrìobh Uilleam MacBhàtair gun robh e a’ ciallachadh “little ditch” agus gur e Claddens leis an “s” an riochd iolra ann am Beurla.

Gu sear air Claddens tha Castlehill Fort – is tha an t-ainm sin soilleir gu leòr – agus mìle gu leth nas fhaide sear air sin tha Bearsden Fort. Chan eil càil ri fhaicinn dheth an-diugh ach an taigh-ionnlaid, a tha eadar flataichean àrda anns a’ bhaile.

Tha an t-ainm Bearsden annasach. Ann an Gàidhlig ’s e Cill Phàdraig Ùr a th’ air an sgìre eaglais. Agus ’s e New Kirk a bh’ oirre ann am Beurla. Ach nuair a thogadh rathad-iarainn agus stèisean ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a trì (1863), chaidh ainmeachadh mar Bearsden Station. Tha cuid dhen bheachd gun robh sin an dèidh taigh faisg air an stèisean.

Ma leanas sinn oirnn air Balla Antonine, ruigidh sinn Balmuildy Fort a tha ri taobh Abhainn Chealbhainn. Bha an daingneach sin gu math mòr, agus air a dhèanamh de chloich, seach sgrathan. Bha e a’ còmhdachadh ceithir acaire de dh’fhearann. Nise, chanainn gur e Balmuildy ainm Gàidhlig ach chan eil mi cinnteach dè is ciall dha.

’S e an ath dhùn – Cadder Fort. ’S ann à canan nam Breatannach – seann Chuimris – a thàinig Cadder. Tha e a’ ciallachadh “dùn”. Às dèidh sin, Kirkintilloch no Cathair Cheann Tulaich. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho fhreumh Breatannach – Caerpentaloch “fort at the end of the hill”. Tha a’ Ghàidhlig gu math coltach ri sin agus tha e a’ ciallachadh an aon rud.

Gu sear air sin tha Auchendavy Fort. Tha sin a’ coimhead coltach ri ainm achaidh ann an Gàidhlig. Fhuair sinnainm fear de na saighdearan a bha stèidhichte anns an dùn sin. B’ esan Marcus Cocceius Firmus, centurion a bhuineadh don Dàrna Legion. Chuir esan air dòigh ceithir altraichean ann, co-cheangailte ri deich diathan pàganach. Thathar a’ dèanamh dheth gun do rugadh Marcus ann an taobh sear na h-Ìompaireachd, timcheall ceann shìos Abhainn Danube. Mus deach e a Bhreatainn, bha e anns an Ròimh far an robh e na bhall de dh’fheachd-dìon phearsanta an Ìompaire fhèin.

’S iad an ath dhà dhaingneach air a’ bhalla Bar Hill Fort agus Croy Hill Fort. Is iongantach mura h-eil Bar ann am Bar Hill a’ tighinn bhon Ghàidhlig bàrr “the uppermost part”, is gun deach a’ Bheurla hill a chur ris às dèidh làimh. Chithear tobhtaichean an dùin an sin fhathast – agus seann tobar Ròmanach.

Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil Croy a’ tighinn bhon Ghàidhlig cruaidh, agus dh’fhaodadh sin a bhith, ceart gu leòr. ’S e seo an aon phìos de Bhalla Antonine far nach robh dìg air a chladhach làimh ris a’ bhalla. ’S e a bu choireach ri sin gun robh a’ chreag – basalt is dolerite – dìreach ro chruaidh. Nach eil an t-ainm ag innse sin dhuinn?

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Balla Antonine: Antonine Wall; Ròmanaich: Romans; Uilleam MacBhàtair: William J Watson [“The Celtic Place Names of Scotland”]; soilleir: clear; Abhainn Chealbhainn: River Kelvin; daingneach: fort, stronghold; tobar: well [for water].

Abairtean na Litreach: on cheann an iar don cheann an ear: from the western end to the eastern end ; a’ tadhal air na dùin: visiting the forts; agus iad le chèile a’ giùlain ainmean Gàidhlig: which both carry Gaelic names; chan eil càil ri fhaicinn dheth ach an taigh-ionnlaid: nothing is to be seen of it but the bath-house; eadar flataichean àrda: between high flats; nuair a thogadh rathad-iarainn agus stèisean: when a railway line and station were built; chaidh ainmeachadh mar: it was named as; air a dhèanamh de chloich, seach sgrathan: made of stone, rather than turf; ceithir acaire de dh’fhearann: four acres of land; freumh Breatannach: a British [Cumbric] root; ainm achaidh: a field name; a bhuineadh don: who belonged to the; chuir esan air dòigh ceithir altraichean ann: he erected four altars there; co-cheangailte ri deich diathan pàganach: connected to ten pagan gods; thathar a’ dèanamh dheth: it is said [made out]; taobh sear na h-Ìompaireachd: the east of the Empire; timcheall ceann shìos Abhainn Danube: around the Lower Danube; far an robh e na bhall de dh’fheachd-dìon phearsanta an Ìompaire fhèin: where he was a member of the Emperor’s own bodyguard; chithear tobhtaichean an dùin an sin fhathast: the wall bases of the fort can be seen there still; far nach robh dìg air a chladhach làimh ris a’ bhalla: where a ditch was not dug next to the wall; ’s e a bu choireach ri sin: the thing that was responsible for that was; dìreach ro chruaidh: simply too hard.

Puing-chànain na Litreach: ainm fear de na saighdearan : the name of one of the soldiers. Note that we use fear [usually] in preference to aon for “one of the” with a masculine noun. The feminine equivalent is tè. If you’re not sure of the gender of your noun, however, you can get away with saying [eg] ainm aon de na saighdearan. Note that fear here retains its nominative form. We might say ainm fir – a man’s name – where fear takes the genitive singular form but in a construction like the one above where fear is following by a qualifying [dative] phrase, the nominative form is retained.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan eil mi cinnteach dè is ciall dha: I’m not sure what it means.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 193

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean