ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

262: Faclair ùr

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain-sa mu fhaclair ùr a thàinig a-mach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air an Teach Yourself: Gaelic Dictionary oir buinidh e don t-sreath leabhraichean Teach Yourself. Tha e gu math feumail, saoilidh mi. Agus tha e ag obair anns an dà dhòigh – Gàidhlig gu Beurla, agus Beurla gu Gàidhlig.

’S iad ùghdaran an fhaclair Boyd Robastan agus Iain MacDhòmhnaill, dithis a tha air leth comasach is foghlamaichte. Agus tha an leabhar ùghdarrasail. Aig dusan not’ ach sgillinn (£11.99), tha a phris reusanta. Chanainn gu bheil e feumail do luchd-ionnsachaidh, ged nach eil e buileach cho mòr ri faclairean eile, leithid Watson agus Mark. Ach tha Watson agus Mark (mar a tha Dwelly) dìreach ag obair anns an aon dòigh – Gàidhlig gu Beurla.

Tha measgachadh math de dh’fhaclan ann a bhuineas an dà chuid don Ghàidhealtachd thraidiseanta agus don t-saoghal ùr anns a bheil sinn beò an-diugh. Gheibh thu tearb is tearbadh, rud a nì croitear airson aon bhuidheann de chaoraich a sgaradh bho bhuidheann eile. Is tha maistreadh ann, rud a dhèanadh na seana-mhnathan nuair a bhiodh iad a’ dèanamh ìm. Mar as trice an-diugh ’s ann a’ ceannach a leithid anns a Cho-op a bhitheas iad.

Air an làimh eile, dè th’ aca airson gnothaichean a bhuineas do choimpiutaireachd? Uill, seo na th’ aca fo website: làrach-lìn. Glè mhath. Surf the net : tràl an lìon. Mmm. Ach dè mu dheidhinn cool? Smodaig. Mmm. Chan eil fhios a’m nach bu chòir dhuinn dìreach aideachadh gu bheil cool air a dhol a-steach don Ghàidhlig cuideachd…

Ach tha duilgheadas an-còmhnaidh ann do dhaoine a tha a’ cruthachadh faclair beag. Dè dh’fhàgas iad às? Tha Robastan agus MacDhòmhnaill air deagh thaghadh a dhèanamh, chanainn, ach aig àmannan tha rudeigin a dhìth. Mar eisimpleir, smaoinichibh air an t-seantans shìmplidh seo – “Chuir i aiste air a’ bhòrd”. Canaidh mi sin a-rithist. Chuir i aiste air a’ bhòrd. Dè tha sin a’ ciallachadh? Uill, anns an fhaclair ùr, tha “aiste” a’ ciallachadh “from/out of her/it”. Mmm, dè dìreach a rinn a’ chaileag air a’ bhòrd? Ach le faclair nas mò, chì sinn gu bheil aiste cuideachd a’ ciallachadh “composition” no “essay”. Mar sin, ’s dòcha gur e an t-eadar-theangachadh as fheàrr – “she put an essay on the table.”

Tuigidh sibh gu bheil mi a’ gabhail beagan spòrs. Ach bu mhath leam am faclair ùr a mholadh airson gach riochdair roimhearach no prepositional pronoun (mar aiste) a chur ann fa leth mar cheann-fhacal. Nuair a chì thu rud mar aige no aigesan ann an teacsa, tha am faclair seo a’ mìneachadh gu bheil e a’ ciallachadh “his”. Ann an cuid de dh’fhaclairean, tha iad dìreach ag ràdh, “coimhead air aig” agus feumaidh tu an uair sin dhol gu duilleag eile, agus obrachadh a-mach dè tha am facal aigesan a’ ciallachadh.

Agus air an taobh dhen leabhar a tha a’ dol bho Bheurla gu Gàidhlig, tha mi a’ faicinn gu bheil an dà shiostam cunntaidh ann. Mar eisimpleir, airson “sixty” tha iad ag ràdh trì fichead no seasgad. Agus airson “seventy” tha iad ag ràdh, trì fichead ’s a deich no seachdad. ’S e an seann siostam a tha fhathast anns a’ phrìomh àite ach cò aige tha fios nach atharraich sin anns na deich bliadhna romhainn? Agus mus fhalbh mi, facal feumail eile bhon fhaclair: dè a’ Ghàidhlig a th’ air stereotype? Gnàth-iomhaigh. Sin e bhuam an t-seachdain seo. Beannachd leibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: ùghdaran: authors; ùghdarrasail: authoritative; reusanta: reasonable; tearbadh: separation (as of lambs from ewes); maistreadh: churning; an-còmhnaidh: always; eadar-theangachadh: translation; ceann-fhacal: headword; bhuam: from me.

Abairtean na Litreach: buinidh e don t-sreath leabhraichean: it belongs to the series of books; saoilidh mi: I reckon; ged nach eil e buileach cho mòr ri:although it is not quite as big as; a bhuineas an dà chuid: which belongs to both; rud a dhèanadh na seana-mhnathan:something the old wives would do; ’s ann a’ ceannach a leithid a bhitheas iad: they buy the like (this form puts the emphasis on ceannach); air an làimh eile: on the other hand; chan eil fhios a’m nach bu chòir dhuinn dìreach aideachadh: I don’t know if we shouldn’t just admit; dè dh’fhàgas iad às?: what do they leave out?; tha iad air deagh thaghadh a dhèanamh, chanainn: they have made a good choice, I would say; tha rudeigin a dhìth: something is missing; gu bheil mi a’ gabhail beagan spòrs: that I’m having a bit of fun; feumaidh tu an uair sin dhol gu duilleag eile: then you have to go to another page; gu bheil dà shiostam cunntaidh ann: that there two counting systems in it; cò aige tha fios: who knows; nach atharraich sin anns na deich bliadhna romhainn: that that won’t change in the ten years ahead (of us); facal feumail eile: another useful word.

Puing-ghràmair na Litreach: Aiste and aiste are homonyms – two words with different meanings which carry the same pronunciation and, in this case, even the same spelling. There perhaps aren’t as many in Gaelic as in English– and this is a reason that puns are not as easy to construct in Gaelic as they are in English. But why don’t you and your friends or learners’ group get together, gather a few words of this nature and try and make some puns with them? Here’s a couple of examples to get you going: bile (lip) and bile (parliamentary bill) – chuir i fàilte mhòr air na bilean aige, agus ’s e am ball pàrlamaid a bha toilichte; mìos(month) and mias (basin) – tha mi a’ feitheamh airson mias mus glan mi m’ aodann. If you get some good ones, why not send them to me?

Gnàthas-cainnt na Litreach: Aig dusan not’ ach sgillinn: at £11.99. This is the easy and idiomatic way to give prices of this nature. It is easier than “aona nota dheug, ceithir fichead sgillinn ’s a naoi-deug” in the vigesimal system and likewise easier than “aon-deug notaichean, naochad ’s a naoi sgillinn” in the decimal system. Similarly, £5.99 is “sia not’ ach sgillinn” and £2.95 is “trì not’ ach còig sgillinn”.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean