ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

100: Clach-cloiche

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Halò agus fàilte oirbh. Tha sinn air rudeigin de chlach-mhìle a ruigsinn an t-seachdain-sa. ’S i seo a’ cheudamh Litir bho thòisich am prògram o chionn dà bhliadhna, agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a th’ air sgrìobhadh thugam thairis air an ùine sin.

Chleachd mi am facal clach-mhìle ann a sin. Thuirt mi clach-mhìle, seach clach-mìle. An urrainn dhuibh innse dhomh carson? Uill, ’s e is coireach gu bheil am facal clach boireann. Mar sin, tha am facal mìle air a shèimheachadh, mar a bhios sinn a’ sèimheachadh buadhair as dèidh ainmear boireann. Clach mhòr, clach bhàn is mar sin air adhart.

Chì sibh an aon seòrsa rud ann am faclan eile, leithid clach-bhleith, neo grindstone, agus clach-bhràthan neo quernstone. Chan eil fhios a’m cia mheud agaibh a bhios eòlach air brà – chan eil a leithid cumanta an-diugh ann, ach ann an taighean-tasgaidh, ’s dòcha. Dh’fhairich mi tè turas a bha mi ann an taigh ann am baile beag anns na beanntan ann an Nepal. Tha mi ag ràdh gun do dh’fhairich mi i air sgàth ’s gur i a dhùisg mi mu chòig uairean sa mhadainn, agus solas an latha fhathast gun tighinn.

B’ iad dithis pheathraichean a bha a’ dèanamh na h-obrach. Chuir iad sìl arbhair-Innseanaich a-steach don toll anns a’ chloich uachdaraich, ris an canar sùil na bràthan, agus thionndaidh iad a’ chlach sin. Uill, abair fuaim. B’ e sin deireadh ar cadail airson na h-oidhche! Ach, ged a bha mi sgìth, cha robh am fuaim buileach gun tlachd. Bha na nigheanan a’ seinn cuideachd – òrain-obrach – dìreach mar a bhiodh na Gaidheil o shean nuair a chleachdadh iad a’ bhrà.

An cuala sibh a-riamh am facal clach-chinn? Chan e ceann-cloiche – ’s e rud eadar-dhealaichte a tha sin! ’S e clach-chinn rud a chì sibh ann an cladh, a’ comharrachadh uaigh. Cluinnidh sibh cuideachd clach-uaighe. Anns an t-seann aimsir, bha mòran de chlachan-uaighe na Gaidhealtachd nan laighe air an talamh, seach a’ stobadh an àirde mar a tha iad an-diugh. Agus, ma thèid sibh gu seann chladh, chì sibh feadhainn ann fhathast. ’S ann tric a tha iad còmhdaichte le còinneach.

Agus tha sin gam thoirt gu seanfhacal anns a bheil am facal clach. ’S dòcha gum bi sibh air thoiseach orm is gu bheil fios agaibh mar-thà air na tha mi a’ dol a ràdh. Tha seanfhacal car coltach ris anns cha mhòr a h-uile cànan anns an Roinn Eòrpa, a rèir choltais. Seo e ann am Frangais – la pierre qui roule n’amasse pas de mousse. Ann am Beurla, bidh sibh eòlach air – a rolling stone gathers no moss. Agus ann an Gàidhlig - a’ chlach a thionndaidhear tric, cha tig còinneach oirre. A’ chlach a thionndaidhear tric, cha tig còinneach oirre.

Uill, leis an fhìrinn innse, tha dà dhreach air an t-seanfhacal. Cluinnidh sibh cuideachd – cha chinn còinneach air clach an udalain moss does not grow on an oft-turned stone. ’S e udalan rud a thionndaidheas bho thaobh gu taobh – swivel neo hinge neo a leithid. Cha chinn còinneach air clach an udalain. Ach, ma chanas sibh sin, cuimhnichibh gu bheil “o” fada ann an còinneach neo ’s dòcha gun can sibh rudeigin nach eil buileach iomchaidh!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: clach-mhìle: milestone; brà: quern; cumanta: common; taighean-tasgaidh: museums; òrain-obrach: work songs; clach-chinn, clach-uaighe: headstone, gravestone; cladh: cemetery; udalan: swivel, hinge, something that turns or rotates.

Abairtean na Litreach: a’ cheudamh Litir: the hundredth Litir; tha X air a shèimheachadh: X is lenited (aspirated); mar a bhios sinn a’ sèimheachadh buadhair as dèidh ainmear boireann: as we lenite an adjective after a feminine noun; b’ iad dithis pheathraichean a bha a’ dèanamh na h-obrach:it was two sisters that were doing the work; chuir iad sìl arbhair Innseanaich a-steach don toll anns a’ chloich uachdaraich:they put maize seed into the hole in the upper stone (of the quern); b’ e sin deireadh ar cadail airson na h-oidhche: that was the end of our sleep for the night; cha robh am fuaim buileach gun tlachd: the noise was not entirely without pleasure; seach a’ stobadh an àirde mar a tha iad an-diugh: rather than standing upright as they do today; ’s ann tric a tha iad còmhdaichte le còinneach: it is often they are covered with moss; tha dà dhreach air an t-seanfhacal: the proverb exists in two forms; cuimhnicibh gu bheil “o” fada ann an còinneach: remember that còinneach has a long “o”; gun can sibh rudeigin nach eil buileach iomchaidh: you might say something that is not altogether appropriate (if you don’t make the “o” long in “còinneach”, you end up with “Coinneach”, the Gaelic equivalent of Kenneth!)

Puing ghràmair na Litreach: Firstly, answers to the three questions I posed last week. This stone fell on the children: thuit a’ chlach seo air a’ chloinn. Put the cup on the stone: cuir an cupa air a’ chloich. I am looking for my wife: Tha mi a’ sireadh mo mhnà/tha mi a’ coimhead airson mo mhnà. Now, in this week’s Litir, you may have noticed that I said “dh’fhairich mi” when I meant that I heard the sound of the quernstone at work, rather than “chuala mi”. This is a common expression for hearing something for which you are not necessarily listening. So, you may well be asked, “an d’fhairich thu a’ chuthag fhathast am-bliadhna?” (have you heard the cuckoo yet this year?). You might say, “chuala mi air a rèidio thu” (you were actively listening to the radio) but “dh’fhairich mi an spreadhadh” (I heard the explosion – which suddenly happened out of the blue). In the last case, one might be pushed to translate it simply as “I heard the explosion” because the speaker might have meant “I sensed…” or “I felt the explosion”. In all of these, faireachdainn is the most appropriate Gaelic verb. Why not ask somebody today if they have heard the cuckoo yet this year?

Seanfhaclan na Litreach: a’ chlach a thionndaidhear tric, cha tig còinneach oirre. Cha chinn còinneach air clach an udalain. Both of these proverbs are direct equivalents of the English “a rolling stone gathers no moss.”

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean