ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

84: A’ losgadh a’ chlèibhidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An ceann beagan làithean tha oidhche shònraichte gu bhith ann – Oidhche Challainn. “Ach fuirich ort, Ruairidh!” tha sibh ag ràdh. “Bha Oidhche Challainn againn o chionn beagan làithean is nach eil deagh chuimhn’ agam fhathast air na dramaichean ’s na pògan!” Uill, tha sibh ceart, ach tha mis’ a’ ciallachadh Oidhche Challainn an t-seann nòis. Agus chan eil àite nas fheàrr ann an Alba airson sin a chomharrachadh nam Broch ann an Siorrachd Mhoireibh – far a bheilear a’ losgadh a’ chlèibhidh.

’S e a’ Bheurla a th’ air a’ Bhroch – Burghead – agus ‘s e baile beag a th’ ann air cladach Linne Mhoireibh. Gu h-eachdraidheil, bha e gu math cudthromach leis gu robh e na phrìomh àros aig na Cruithnich. Bha dùn mòr mòr ann ach cha mhòr gu bheil rud sam bith air fhàgail dheth an-diugh. Is mòr am beud.

Chaidh an dùn a mhilleadh nuair a thogadh bail’ ùr aig toiseach an naoidheamh linn deug. Ach bha aon rud ann nach deach a mhilleadh. ’S e sin an seann chleachdadh a bh’ aca an uairsin, agus a th’ aca fhathast, air Oidhche Challainn. Air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach gach bliadhna, bidh na “ Brochers” mar a chanas an fheadhainn a bhuineas don bhaile riutha fhèin, a’ falbh timcheall leis a’ chlèibhidh.

Tha an clèibhidh na leth-bharaille làn teàrr agus maidean a tha a’ losgadh, agus tha e air a ghiùlain air pòla le sgioba de dh’fhir. Anns an dorchadas, ’s e gnothach air leth a th’ ann, le lasairean buidhe a’ leum gu h-àrd agus teàrr ghoileach a’ dortadh sìos air guailnean an luchd-giùlain.

Tha aon fhear os cionn chàich – “Rìgh a’ Chlèibhidh” – agus ’s ann airsan a tha an t-uallach airson dèanamh cinnteach gun obraich cùisean a rèir an t-seann dualchais. Tha am pòla agus an leth-bharaille air an cur ri chèile le tarrag a th’ air a spàrradh le clach. Agus thathar a’ cur teine ris a’ chlèibhidh an toiseach le fàd-mònach à teine ann an taigh àraidh. Nì an “Rìgh” cinnteach cuideachd gu bheil connadh gu leòr ann, agus gu bheil a h-uile nì air a dhèanamh gu sàbhailte, leis gum bi na ceudan gan leantainn timcheall a’ bhaile.

Fhad ’s a tha iad a’ dol, bidh daoine a’ ruith a-mach às na taighean aca le miotagan sònraicht’ orra, airson maide leth-loisgte fhaighinn a-mach às a’ chlèibhidh. Carson? Uill, tha iad ag ràdh, ma chumas iad am maide slàn fad na bliadhna, bidh deagh fhortan aca. Tha an cleachdadh, mar a shaoileadh sibh, gu math sean.

Gu dearbh, bha an Eaglais uaireigin trom air an fheadhainn a bha a’ losgadh a’ chlèibhidh. Anns an Fhaoilleach, sia ceud deug, ceithir fichead ‘s a naoi (1689), chuireadh casaidean as leth gille òg, Uilleam MacIlleDhuinn, agus a charaidean, gun do “loisg iad clèibhidh, gu robh iad an sàs ann an adhradh saobh-chràbhach agus gun do bheannaich iad an cuid eathraichean a rèir an t-seann chleachdaidh phàganaich, an aghaidh gach riaghailt na h-Eaglaise…”

Uill, nan robh e sean an uairsin, tha e uabhasach sean a-nise – fada nas sine, mar eisimpleir, na fèill-theine eile anns an Fhaoilleach a tha mòran nas ainmeile – Up-Helly-Aa ann an Sealtainn. Nise, ’s dòcha gum bi cothrom aig cuid agaibh faighinn ann agus, mar sin, chan eil mi a’ dol a dh’innse dhuibh dè thachras aig an deireadh. Fàgaidh mi sin don ath sheachdain. Ach tha cuimhne agam air turas a bha mi ann aig an deireadh. Thachair mi ri fear as aithne dhomh aig a bheil Gàidhlig – fear Aimeireaganach. “Tha seo,” thuirt e, “dìreach spectacular!” ’S fhiach a dhol ann.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Oidhche Challainn: Hogmanay; Oidhche Challainn an t-seann nòis: the night before the Old New Year (12 January); Siorrachd Mhoireibh:Morayshire; dùn: fort; an clèibhidh: the clavie (we shall look at a possible Gaelic origin for the word next week); fàd-mònach:a peat; connadh: fuel; ceudan: hundreds (of people); miotagan: gloves; leth-loisgte: half-burnt; slàn: entire; adhradh saobh-chràbhach: superstitious worship; fèill-theine: fire festival.

Abairtean na Litreach: fuirich ort!: wait a minute!; nach eil deagh chuimhn’ agam fhathast air na dramaichean ’s na pògan: don’t I well remember the drams and the kisses; leis gu robh e na phrìomh àros aig na Cruithnich: as it was a prime abode of the Picts; chaidh an dùn a mhilleadh nuair a thogadh bail’ ùr: the fort was destroyed when the new village was built; air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach: on the 11th January; leth-bharaille làn teàrr agus maidean a tha a’ losgadh:a half-barrel full of tar and sticks which are burning; tha e air a ghiùlain air pòla le sgioba de dh’fhir: it is carried on a pole by a team of men; ’s e gnothach air leth a th’ ann: it is a grand business; agus teàrr ghoileach a’ dortadh sìos air guailnean an luchd-giùlain: and boiling tar pouring down on the carriers’ shoulders; ’s ann airsan a tha an t-uallach airson dèanamh cinnteach gun obraich cùisean a rèir an t-seann dualchais: it’s on him that is the responsibility to make sure that things work according to tradition; le tarrag a th’ air a spàrradh le clach: with a nail that is driven home with a stone; chuireadh casaidean as leth gille òg, Uilleam MacIlleDhuinn:charges were laid against a young lad, William Brown; gun do bheannaich iad an cuid eathraichean a rèir an t-seann chleachdaidh phàganaich:that they blessed their boats according to the old heathen custom; chan eil mi a’ dol a dh’innse dhuibh dè thachras aig an deireadh: I’m not going to tell you what happens at the end; ’s fhiach a dhol ann: it’s worth going.

Puing ghràmair na Litreach: Tha aon fhear os cionn chàich: one man is above all the rest. Càch is a really useful word which means “the rest” or “the others” of a group. In the nominative it is càch, eg dè tha cach ag ràdh? (what do the rest say?). In the dative it is càch or chàch depending on whether or not the preposition causes lenition, eg tha beachd eadar-dhealaichte aig càch (the rest have a different opinion); ràinig e an stèisean deich mionaidean ro chàch (he reached the station ten minutes before the rest). But in the genitive case, as following a compound preposition, it is chàich, eg thàinig mi an dèidh chàich (I came after the rest); nochd e air beulaibh chàich (he appeared in front of the others). And the same applies when the genitive is employed as a possessive, eg bha amharas aige nach biodh aodach chàich spaideil gu leòr (he suspected the others’ clothes would not be smart enough).

Gnàthas-cainnt na Litreach: is mòr am beud: it’s a great pity. This is a frequently used phrase. In the past tense it is bu mhòr am beud (it was a great pity).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean