FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Coilltean-calltainn (2)

Tha a’ chraobh-challtainn gu math sònraichte dhuinn mar Ghàidheil. Tha

Audio is playing in pop-over.

Coilltean-calltainn (2)

Tha a’ chraobh-challtainn gu math sònraichte dhuinn mar Ghàidheil. Tha ceangal làidir aice ri beul-aithris agus seann sgeulachdan na Fèinne. Bha ar sinnsirean measail air na cnothan. Agus bha iad a’ cleachdadh an fhiodha airson iomadach rud. Am measg sin, bha iad a’ dèanamh gual-fiodha dheth.

Far an robhar a’ dèanamh gual-fiodha – de challtainn no darach – tha sinn a’ smaoineachadh gun robhar a’ dèanamh preasarlach dhen choille. ’S e preasarlach no preas-choille a’ Ghàidhlig air coppice no coppiced woodland. ’S e sin suidheachadh far a bheil iomadh stoc beag aig na craobhan, seach aon stoc mòr. Bithear a’ leagail cuid de na stocan ach bidh feadhainn eile a’ nochdadh nan àite. Ach an robh na Gàidheil a’ dèanamh uiread de phreasarlach anns na coilltean-calltainn ’s a bha sinn a’ smaoineachadh?

Tha mi a’ cur na ceist oir thàinig leabhar inntinneach a-mach o chionn ghoirid air a bheil Atlantic Hazel: Scotland’s Special Woodlands. Tha ùghdaran an leabhair a’ cumail a-mach nach eil a’ chuid as motha againn a’ tuigsinn mar a tha coilltean-calltainn ag obair. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-glèidhteachais, eag-eòlaichean choilltean agus manaidsearan oighreachdan.

Tha iad ag ràdh gu bheil daoine anns an fharsaingeachd a’ creidsinn ceithir rudan mun chraoibh-challtainn. ’S e sin gum bi i gu nàdarrach a’ fàs fo chraobhan eile a tha nas motha, is nach bi i na craoibh as àirde anns a’ choille. Cuideachd, far a bheil craobhan-calltainn a tha iomadh-stocach, seach aona-stocach, gur e mac-an-duine as coireach ri sin. Creididh sinn gum bàsaich craobhan-calltainn mura tèid an dèanamh nam preasarlaich. Agus, mura tèid preasarlach a dhèanamh dhith, gun tig aona stoc mòr air craobh-challtainn. Tha ùghdaran an leabhair ag ràdh gu bheil a h-uile gin dhiubh seo ceàrr. Chan eil sinn a’ tuigsinn, tha iad ag ràdh, rud a tha fo ar sròinean fhèin.

Tha na h-ùghdaran, Sandy agus Brian Coppins, ag ràdh gum bi craobhan-calltainn, gu seachd àraidh an fheadhainn a tha a’ fàs air taobh an iar na h-Alba – Coilltean a’ Chuain Siar mar a chanas iad riutha – gu nàdarrach iomadh-stocach. Chan eil preasarlach a’ tighinn a-steach don ghnothach. Às aonais mac-an-duine, bhiodh ar coilltean-calltainn làn chraobhan-calltainn iomadh-stocach. ’S dòcha gur e preasan-calltainn’ a bhiodh againn orra, seach craobhan-calltainn’, co-dhiù, ma tha sinn a’ tomhas craobh mar rud le aona stoc a-mhàin.

Ach, bidh sibh ag ràdh, tha mise eòlach air coilltean far a bheil na craobhan-calltainn nan craobhan, le dìreach aona stoc mòr air gach tè aca. A, uill, tha Sandy is Brian Coppins ag ràdh nach e suidheachadh nàdarrach a th’ ann an sin. ’S e ionaltradh a dh’adhbharaicheas sin – ionaltradh le caoraich agus fèidh. Nuair a chuirear stad air an ionaltradh, bidh na craobhan a’ dol air ais gu bhith iomadh-stocach.

Chithear sin, mar eisimpleir, ann an Coille Loch a’ Mhuilinn ann an Eadar-Dhà-Chaolas. Cho luath ’s a chaidh feansa a chur an-àirde timcheall pàirt de choille-challtainn airson fèidh a chumail a-mach, thòisich stocan ùra a’ fàs bho fhreumhaichean nan craobh. Thachair e gu luath. ’S e dìreach ionaltradh a bha a’ cur stad orra bho bhith a’ fàs.

Tha na h-ùghdaran cuideachd ag ràdh nach eil e fìor gu bi calltainn a’ fàs gu nàdarrach a-mhàin mar phreas fo dhuilleach na coille. Bheir sinn sùil air sin an-ath-sheachdain.

Litir 697 Litir 697 Litir 699 Litir 699

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!