menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'ro' with personal pronouns a' cleachdadh 'ro' le riochdairean pearsanta

Ro: Before

We often use the preposition before with a pronoun (me, you, it), to give us phrases such as "before me” and before you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me ro) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "romham" agus “romhad” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
before ro <))

A few examples Mar eisimpleir

RO (before) + MI (I/me) = ROMHAM, = "before me”

RI (before) + THU (you) = ROMHAD, = "before you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for ro (before). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'ro'.

AudioÈist
before + I / me ro + mi romham <))
before + you ro + thu romhad <))
before + him / it ro + e roimhe <))
before + her / it ro + i roimhpe <))
before + us ro + sinn romhainn <))
before + you (plural/polite) ro + sibh romhaibh <))
before + them ro + iad romhpa <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
you will be welcome (plural/polite) bidh fàilte romhaibh <))
you have a long night ahead tha oidhche fhada romhad <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
Janet will be welcome bidh fàilte ro Sheònaid <))
Andrew has a long night ahead tha oidhche fhada ro Anndra <))

ro will lenite the subsequent noun (where possible): Sèimhichidh ro an t-ainmear a thig na dhèidh:

English Gàidhlig Audio
before five o’clock ro chòig uairean <))