menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'ri' with personal pronouns a' cleachdadh 'ri' le riochdairean pearsanta

Ri: To

We often use the preposition to with a pronoun (me, you, it), to give us phrases such as "to me” and “to you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me ri) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "rium" agus “riut” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
to ri <))

A few examples Mar eisimpleir

RI (to) + MI (I/me) = RIUM, = to me”

RI (to) + THU (you) = RIUM, = to you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for ri (to). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'ri'.

AudioÈist
to + I / me ri + mi rium <))
to + you ri + thu riut <))
to + him / it ri + e ris <))
to + her / it ri + i rithe <))
to + us ri + sinn rinn <))
to + you (plural/polite) ri + sibh ribh <))
to + them ri + iad riutha <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
speak to them! bruidhinn riutha! <))
there was a dog with him bha cù còmhla ris <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
speak to Katie and Hugh! bruidhinn ri Ceitidh ’s Ùisdean! <))
there was a dog with Simon bha cù còmhla ri Sìm <))