menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'le' with personal pronouns a' cleachdadh 'le' le riochdairean pearsanta

Le: With

We often use the preposition with with a pronoun (me, you, it), to give us phrases such as "with me” and “with you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me le) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "leam" agus “leat” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
with le <))

A few examples Mar eisimpleir

LE (with) + MI (I/me) = LEAM, = “with me”

LE (with) + THU (you) = LEAT, = “with you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for le (with). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'le'.

AudioÈist
with + I / me le + mi leam <))
with + you le + thu leat <))
with + him / it le + e leis <))
with + her / it le + i leatha <))
with + us le + sinn leinn <))
with + you (plural/polite) le + sibh leibh <))
with + them le + iad leotha <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
a friend came with me thàinig caraid leam <))
we have a problem with it tha trioblaid againn leis <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
a friend came with Isobel thàinig caraid le Iseabail <))
we have a problem with Alan tha trioblaid againn le Ailean <))