menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'gu' with personal pronouns a' cleachdadh 'gu' le riochdairean pearsanta

Gu: To, towards

We often use the preposition to with a pronoun (me, you, it), to give us phrases such as "to me” and “to you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me gu) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "thugam" agus “thugad” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
to gu <))

A few examples Mar eisimpleir

GU (to) + MI (I/me) = THUGAM, = “to me”

GU (to) + THU (you) = THUGAD, = “to you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for gu (to). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'gu'.

AudioÈist
to + I / me gu + mi thugam <))
to + you gu + thu thugad <))
to + him / it gu + e thuige <))
to + her / it gu + i thuice <))
to + us gu + sinn thugainn <))
to + you (plural/polite) gu + sibh thugaibh <))
to + them gu + iad thuca <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
phone us cuir fòn thugainn <))
pass it to me! thugam e! <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
phone Margaret cuir fòn gu Mairead <))
pass it to Richard! gu Riseard e! <))