menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'do' with personal pronouns a' cleachdadh 'do' le riochdairean pearsanta

Do: To

We often use the preposition to with a pronoun (e.g. I, you, it), to give us phrases such as "for me” and “for you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me do) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "dhomh" agus “dhut” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
to do <))

A few examples Mar eisimpleir

DO (to / for) + MI (I/me) = DHOMH, = “to / for me”

DO (to / for) + THU (you) = DHUT, = “to / for you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for do (to). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'do'.

AudioÈist
to / for + I / me do + mi dhomh <))
to / for + you do + thu dhut <))
to / for + him / it do + e dha <))
to / for + her / it do + i dhi <))
to / for + us do + sinn dhuinn <))
to / for + you (plural/polite) do + sibh dhuibh <))
to / for + them do + iad dhaibh <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
here is money for you (plural/polite) seo airgead dhuibh <))
fruit is good for you (singular/informal) tha measan math dhut <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
here is money for Roddy seo airgead do Ruairidh <))
fruit is good for Beth tha measan math do Bheathag <))

do will lenite the subsequent noun (where possible): Sèimhichidh do an t-ainmear a thig na dhèidh:

English Gàidhlig Audio
to/for others do chàch <))

and will add dh’ before vowels and fh+vowels: Agus chuirear dh’ ro fhuaimreagan agus fh+fuaimreag:

English Gàidhlig Audio
to/for birds do dh’eòin <))