menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'de' with personal pronouns a' cleachdadh 'de' le riochdairean pearsanta

De: Of

We often use the preposition de with a pronoun (e.g. I, you, it), to give us phrases such as "of me / off me” and “of you / off you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me bho) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid "dhìom" agus “dhìot” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
of de <))

A few examples Mar eisimpleir

DE (of) + MI (I/me) = DHÌOM, = “of me”

DE (of) + THU (you) = DHÌOT, = “of you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for de (of). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson 'de'.

AudioÈist
of + I / me de + mi dhìom <))
of + you de + thu dhìot <))
of + him / it de + e dheth <))
of + her / it de + i dhith <))
of + us de + sinn dhinn <))
of + you (plural/polite) de + sibh dhibh <))
of + them de + iad dhiubh <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
here is a selection of them seo taghadh dhiubh <))
what a photo of us! abair dealbh dhinn! <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
what a photo of Marion! abair dealbh de Mhòrag! <))

de will lenite the proceeding noun: Sèimhichidh de an t-ainmear a thig na dhèidh:

English Gàidhlig Audio
here is a selection of courses seo taghadh de chùrsaichean <))
of Gaelic de Ghàidhlig <))

and will add dh’ before vowels and fh+vowels: Agus chuirear dh’ ro fhuaimreagan agus fh+fuaimreag:

English Gàidhlig Audio
of time de dh’ùine <))