menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'air' with personal pronouns a' cleachdadh 'air' le riochdairean pearsanta

Air: On

We often use the preposition air with a pronoun (e.g. I, you, it), to give us phrases such as “on me” and “on you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me air) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid “orm” agus “ort” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
on air <))

A few examples Mar eisimpleir

AIR (on) + MI (I/me) = ORM, = “on me”

AIR (on) + THU (you) = ORT, = “on you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for air (on). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson air.

AudioÈist
on + I / me air + mi orm <))
on + you air + thu ort <))
on + him / it air + e air <))
on + her / it air + i oirre <))
on + us air + sinn oirnn <))
on + you (plural/polite) air + sibh oirbh <))
on + them air + iad orra <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
she has a hat on, she is wearing a hat tha ad oirre <))
they are sulking tha bus orra <))
do you have a cold? a bheil cnatan ort? <))
my name is Donald ’s e Dòmhnall an t-ainm a th’ orm <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
Joan has a hat on, Joan is wearing a hat tha ad air Seonag <))
George and Patrick are sulking tha bus air Seòras is Pàdraig <))
does Malcolm have a cold? a bheil cnatan air Calum? <))