menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

using 'à' with a personal pronouns a' cleachdadh 'à' le riochdairean pearsanta

À: From

We often use the preposition from with a pronoun (me, you, it), to give us phrases such as “from me” and “from you”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (m.e. à) còmhla ri riochdairean (m.e. mi, thu, e/i) airson abairtean leithid “asam” agus “asad” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
from à <))

A few examples Mar eisimpleir

À (from) + MI (I/me) = ASAM, = “from me”

À (from) + THU (you) = ASAD, = “from you”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for à (from) Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson à

AudioÈist
out of + I / me à + mi asam <))
out of + you à + thu asad <))
out of + he / it à + e às <))
out of + she / it à + i aiste <))
out of + we à + sinn asainn <))
out of + you (plural/polite) à + sibh asaibh <))
out of + they à + iad asta <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
he is losing hair tha falt a’ falbh às <))
I am kidding her tha mi a’ tarraing aiste <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
Alasdair is losing hair tha falt a’ falbh à Alasdair <))
I am teasing Mary tha mi a’ tarraing à Màiri <))

Other usesCleachdaidhean eile

English Gàidhlig Audio
I am from Glasgow tha mi à Glaschu <))
they are from Ullapool tha iad à Ulapul <))