ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Customary activities Gnìomhan àbhaisteach

Have we passed the exams?A bheil sinn air a' chùis a dhèanamh air na deuchainnean?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

air a’ cheathramh latha deug – on the 14th day

’s àbhaist dhomh - I usually

chan àbhaist dhomh – I don’t usually

an àbhaist dhut a bhith a’ falbh? – do you usually go away?

as t-samhradh - in the summer

as t-earrach – in the spring

air an t-siathamh latha air fhichead – on the 26th day

air an t-siathamh latha air fhichead dhen Fhaoilleach – on the 26th day of January

a bheil sinn air a’ chùis a dhèanamh? - have we succeeded?

Am Faoilleach – January

An Gearran – February

air a’ cheathramh latha deug dhen Ghearran – on the 14th day of February

anns a’ chòigeamh àite air fhichead – in the 25th place

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Calum Uill, saoil a bheil sinn air a’ chùis a dhèanamh an seo? Well, I wonder if we’ve passed here?
Seòras Uill, a Chaluim.
Tha mi glè chinnteach nach eil mise air a’ chùis a dhèanamh co-dhiù.
Well, Calum.
I am very sure that I haven’t passed anyway.
Ruairidh Cha robh na deuchainnean ro dhoirbh idir.
Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil mi air a’ chùis a dhèanamh gun teagamh.
The exams weren’t too difficult at all.
I think that I have passed without a doubt.
Calum Seall an seo, a Ruairidh.
Tha cèilidh gu bhith ann a-nochd.
Cèilidh mòr air an t-siathamh latha air fhichead dhen Fhaoilleach, anns an talla bheag, trì notaichean agus leth-cheud sgillinn an duine.
Bu chòir dhuinn a dhol ann.
Look here, Rory.
There’s going to be a ceilidh on tonight.
A big ceilidh on the twenty-sixth of January, in the small hall, three pounds and fifty pence per person.
We should go there.
Ruairidh Bu chòir.
Bidh sinn air a’ chùis a dhèanamh air na deuchainnean, agus bu chòir hòro-gheallaidh a bhith againn.
Yes.
We’ll have passed the exams, and we should have a good knees-up.
Seòras Cha bhi hòro-gheallaidh agamsa co-dhiù. I won’t be having a knees-up anyway.
Calum Uill, bidh dannsa air a chumail air a’ cheathramh latha deug dhen Ghearran.
Faodaidh hòro-gheallaidh a bhith agad an uair sin agus ’s dòcha gum faigh thu leannan.
Well, there will be a dance held on the fourteenth of February.
You can have a good knees-up then and maybe you’ll get a girlfriend.
Seòras Chan fhaigh mi leannan air sàilleabh ’s nach bi mi an seo.
Mura dèan mi a’ chùis ann an deuchainnean, thèid mo thilgeil a-mach às a’ cholaiste.
I won’t get a girlfriend because I won’t be here.
If I don’t pass the exams, I’ll be thrown out of the college.
Ruairidh Uill, ’s àbhaist do na colaistean a bhith a’ tilgeil a-mach nan amadan. Well, the colleges usually throw out the fools.
Seòras Tapadh leat. Thank you.
Ruairidh Tiugainnibh, feuch an do rinn sibh a’ chùis. Let’s go and see if you did the business.
Seòras Ma chì sibh m’ ainm, na innsibh dhomh, tha mi airson faighinn a-mach dhomh fhìn. If you see my name, don’t tell me.
I want to find out for myself.
Calum Ceart ma-thà.
Cha chan sinn càil.
Tha mise san naoidheamh àite, tha sin sgoinneil.
Ok then.
We won’t say anything.
I’m in ninth place, that’s great.
Ruairidh An naoidheamh àite.
Chan eil sin sgoinneil idir.
Ninth place.
That isn’t great at all.
Calum Tha mi a’ faicinn d’ ainm-sa cuideachd, a Sheòrais. I can see your name too, George.
Seòras Thuirt mi riut gun càil a ràdh. I said to you not to say anything.
Calum Glè mhath, ma-thà. Very well, then.
Ruairidh Càit a bheil m’ ainm-sa?
Murt!
Dè tha seo?
A Sheòrais, tha thusa anns a’ chiad àit’.
Where is my name?
Heck!
What’s this?
George, you are in first place.
Seòras Dè thuirt thu?
Mise anns a’ chiad àite?
’S àbhaist dhutsa a bhith anns a’ chiad àite a Ruairidh.
What did you say?
Me in first place?
You are usually in first place, Rory.
Ruairidh ’S àbhaist. Yes.
Calum A Ruairidh, tha thusa anns a’ chòigeamh àite air fhichead.
An t-àite mu dheireadh.
Rory, you are in twenty-fifth place.
The last place.
Seòras Och uill, ’s dòcha gum bi mi aig a’ chèilidh a-nochd.
Am bi thusa ann, a Ruairidh?
Och well, maybe I will be at the ceilidh tonight.
Will you be there, Rory?