ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Describing things that have happened A’ toirt cunntais air nithean a tha air tachairt

He's fed up telling you how he is feelingTha e air a shàrachadh ag innse dhuibh ciamar a tha e a' faireachdainn

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

chan eil mi ach meadhanach – I am not very well

This literally translates as ‘I am only middling’.

tha mi air mo nàrachadh – I am affronted / ashamed

... gum bithinn air mo chumail a-staigh - ... that I would be kept in

... gum bi mi air mo leigeil dhachaigh – ... that I will be let home

... gum bi e air a chur dhachaigh – ... that he will be sent home

chan eil mi ach … - I am only …

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Wife A bheil thu a’ faireachdainn nas fheàrr an-diugh, a ghràidh? Are you feeling better today, dear?
Husband Chan eil.
Chan eil mi ach meadhanach.
No.
I’m not very well.
Wife Obh obh.
Dè tha ceàrr ort an-diugh?
Oh dear.
What’s wrong with you today?
Husband Chan eil mi gu math idir.
Bha mi an dòchas gum bithinn air mo chumail a-staigh.
Ach thuirt an dotair gum bi mi air mo leigeil dhachaigh a-màireach.
I’m not well at all.
I hoped that I would be kept in.
But the doctor said that I will be let home tomorrow.
Wife Sin thu fhèin.
Tha thu a’ fàs nas fheàrr.
There you go.
You’re getting better.
Husband Cha chanainn sin idir.
Cha chreid mi gu bheil fhios aca dè tha iad a’ dèanamh an seo.
Gu dearbh, chan eil fhios aca dè tha ceàrr orm.
I wouldn’t say that at all.
I don’t think that they know what they do here.
Indeed, they don’t know what’s wrong with me.
Wife An do dh’innis thu dhaibh ciamar a bha thu a’ faireachdainn? Did you tell them how you feel?
Husband Tha mi air mo shàrachadh ag innse dhaibh.
Ach, chan eil iad ag èisteachd.
I’m fed up telling them.
But, they don’t listen.
Wife Sin an nurs, tha mise a’ dol a bhruidhinn rithe. There’s the nurse, I’m going to speak to her.
Husband Glè mhath.
’S dòcha gun èist i riutsa.
Very good.
Perhaps she’ll listen to you.
Wife Tha an duine agam ag ràdh gum bi e air a chur dhachaigh a-màireach. My husband says that he will be sent home tomorrow.
Nurse Tha sin ceart. That’s right.
Wife Ach, tha e ag ràdh nach eil e a’ faireachdainn nas fheàrr idir. But, he says that he doesn’t feel better at all.
Nurse Tha e ceart gu leòr. He’s quite alright.
Wife Tha e ag ràdh gu bheil e air a shàrachadh ag innse dhuibh ciamar a tha e a’ faireachdainn. He says that he’s fed up telling you how he feels.
Nurse Tha mi uabhasach duilich, ach chan eil càil ceàrr air.
Tha e a’ creidsinn nach eil e gu math, ach tha e cho fallainn rium fhèin no ribh fhèin.
I’m very sorry, but there’s nothing wrong with him.
He thinks that he isn’t well, but he’s as healthy as me or you.
Wife Dè? What?
Nurse Bidh tòrr dhaoine a’ tighinn dhan ospadal, ged a tha iad ceart gu leòr.
Ach bidh iad air an cur dhachaigh, oir chan eil na leapannan againn.
Lots of people come to hospital, although they are alright.
But they are sent home as we don’t have beds.
Wife Tha mi air mo nàrachadh, agus bidh esan air a nàrachadh nuair a gheibh mi dhachaigh e.
I’m ashamed, and he will be ashamed when I get him home.