ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commenting on things about to happen A’ bruidhinn mu nithean a tha gus tachairt

It's almost five o' clockTha e gus a bhith còig uairean

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

almost / on the point of / about to – gu bhith

almost / on the point of / about to – gus a bhith

it is almost five o’clock - tha e gus a bhith còig uairean

we are about to close – tha sinn gu bhith a’ dùnadh

your bus is about to leave – tha am bus agad gus a bhith a’ falbh

frozen – reòthte

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman 1 Taing do shealbh.
Tha e gus a bhith còig uairean.
Thank Heavens.
It’s almost five o’ clock.
Woman 2 ’S math sin.
Tha mi a’ dol a-mach a-nochd, ach tha mi cho sgìth.
Tha mi air a bhith nam sheasamh an seo fad an latha, ’s cha do rinn mi càil.
That's good.
I’m going out tonight, but I am so tired.
I’ve been standing here all day, and I haven’t done anything.
Woman 1 Cha robh riamh latha cho sàmhach againn.
Carson nach dùin sinn aig còig uairean?
We’ve never had such a quiet day.
Why don’t we close at five o’ clock?
Woman 2 Glè mhath.
Mar as tràithe, ’s ann as fheàrr.
Very good.
The earlier the better.
Woman 1 Tha sinn a’ dùnadh tràth an-diugh. We’re closing early today.
Woman 2 Tha.
Tha sinn a’ dùnadh a dh’aithgheàrr.
Yes.
We’re closing soon.
Woman 1 Saoil dè tha esan ag iarraidh? I wonder what he wants?
Woman 2 Tha mi glè chinnteach gun robh e na suidhe aig an teine fad an latha. I’m very sure that he was sitting at the fire all day long.
Woman 1 Aidh, agus aig a’ mhionaid mu dheireadh, tha e a’ tighinn a-steach an seo. Aye, and at the last minute, he comes in here.
Woman 2 Bha mi ag iarraidh dhachaigh tràth.
Tha mi an dòchas gum faighinn am bus aig cairteal an dèidh còig.
Tha sinn gu bhith a’ dùnadh na bùtha ann am mionaid.
Tha sinn gu bhith a’ glasadh an dorais.
I wanted to go home early.
I hoped that I would get the bus at quarter past five.
We’re about to close the shop in a minute.
We’re about to lock the door.
Woman 1 Seall.
Tha e gus a bhith deich mionaidean an dèidh còig.
Agus tha am bus agad gus a bhith a’ falbh.
Dè tha esan a’ dèanamh an sin?
Look.
It’s almost ten minutes past five.
And your bus is about to leave.
What’s he doing there?
Woman 2 Tha mise a’ dol a bhruidhinn ris, feuch dè tha e ag iarraidh. I’m going to speak to him, see what he wants.
Woman 1 Tha sinn gus a bhith a’ dùnadh an-dràsta. We are about to close now.
Customer Tha e ag ràdh air an doras nach bi sibh a’ dùnadh gu leth-uair an dèidh còig. It says on the door that you don’t close till half past five.
Woman 1 Uill, tha sinn air a bhith uabhasach sàmhach an-diugh ge-tà. Well, we’ve been awfully quiet today though.
Customer Bidh sibh toilichte gun tàinig mise a-steach ma-tà.
You’ll be happy that I came in then.